Toraidhean bhon Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte innse mu na toraidhean a fhuair sinn tro ‘Cheisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2022’. Chaidh an ceisteachan seo fhosgladh aig 8f air Là na Sàbaid, 19 An t-Ògmhios agus mhair e 24 uair a thìde. San ùine ud, fhuair sinn 761 freagairt – àrdachadh air an 473 a fhuair iad an-uiridh nuair a chaidh an t-aon cheisteachan a ruith air an aon cheann-là. Tha sinn uamhasach taingeil do gach neach a ghabh an cothrom an ceisteachan cudromach seo a lìonadh.

Chaidh na h-aon cheistean fhaighneachd am-bliadhna gus am b’ urrainn dhuinn coimeas a dhèanamh eadar na toraidhean.

Am measg nan toraidhean, thuirt 69% de dhaoine a fhreagair gum bi iad a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu làitheil.

Thuirt còrr is an darna leth (50.3%) gun robh iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig am-bliadhna an coimeas ris a’ bhliadhna an-uiridh.

Chaidh iarraidh air daoine ceistean a fhreagairt mun uiread de Ghàidhlig a thathar a’ cleachdadh ann an diofar roinnean-beatha an taca ris a’ bhliadhna an-uiridh.

  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (48%) no nas motha (45%) de Ghàidhlig air-loidhne.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (63%) no nas motha (30%) de Ghàidhlig san dachaigh.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (64%) no nas motha (25%) de Ghàidhlig san sgoil/oilthigh/colaiste/nan cuid obrach.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (60%) no nas motha (29%) de Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha seo na adhbhar thoileachas dhuinn an àrdachadh seo ann an cleachdadh na Gàidhlig fhaicinn sna diofar roinnean seo. Ged is e sealladh beag a tha seo an coimeas ris an coimhearsnachd Ghàidhlig air fad, tha e gu math cuideachail cothrom a bhith againn coimeas a dhèanamh eadar na freagairtean a tha sinn a’ faighinn gach bliadhna agus tha e cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.”

Cumaibh sùil a-mach san Ògmhios nuair a thig cothrom gus an ceisteachan a lìonadh airson 2023.

Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig

Bidh an ath choinneamh de Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig air Dimàirt 20 An t-Sultain aig 6:30f far an tèid Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail na buidhne a chumail cuideachd.

Thèid an coinneamh a chumail aghaidh ri aghaidh, aig a’ Phàrlamaid,  agus air-loidhne, tro Zoom. Ma thathar airson an coinneamh aghaidh ri aghaidh a fhrithealadh, feumar clàradh ro meadhan-là air Dihaoine, 16mh an t-Sultain.

‘S e Bòrd na Gàidhlig (BnG) rùnaire Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh dà thuras sa bhliadhna, agus is e Alasdair Allan (BPA) Cathraiche na buidhne.

Clàraibh an-seo.

Clàr-gnothaich 20.09.2022.

Geàrr-chunntas na coinneamh mu dheireadh.

Gheibhear Aithisg Bhliadhnail na buidhne an seo.

Ma bhios ceist agaibh, cuiribh fios gu fios@gaidhlig.scot.

Toraidhean Tòiseachail bhon Cho-chomhairleachadh Nàiseanta air Thoiseach air Ùrachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air na toraidhean tòiseachail fhoillseachadh bho cho-chomhairleachadh nàiseanta a chuidicheas gus cruth a thoirt air an ìre as ùire de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Bha a’ cho-chomhairle a’ cuimseachadh air àrd-amasan, feallsanachd, agus tèaman airson na Gàidhlig, le Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh bheachdan agus fios air ais mun dreachd-phlana a tha a’ mìneachadh cheumannan airson na Gàidhlig san ath chòig bliadhna.

Fhuaireadh còrr is 250 freagairt às dèidh prògram farsaing de choinneamhan coimhearsnachd, gach cuid gu pearsanta agus air-loidhne, air feadh na h-Alba.

Dh’aontaich a’ mhòr-chuid (65%) de na buidhnean is daoine fa leth a fhreagair ris an t-slighe a chaidh a mholadh san dreachd-phlana, a tha a’ cur fòcas sònraichte air a bhith ag àrdachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Fhuair Bòrd na Gàidhlig beachdan fàbharach mu bhith a’ cur ris an àireimh de dh’iomairtean gus misneachd a thogail nuair a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus mu cho cudromach ’s a tha foghlam Gàidhlig ann a bhith ag ath-bheothachadh a’ chànain an dà chuid do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.

Dhaingnich beachdan a fhuaradh gum bu chòir foghlam Gàidhlig tachairt ann an co-theacsa leasachaidhean eile, a’ gabhail a-steach a bhith a’ stèidheachadh Co-ionadan Gàidhlig is barrachd Gàidhlig air-loidhne, cho math ri ìomhaigh nas motha sna meadhanan – a’ gabhail a-steach seirbheis leudaichte bho BBC Alba. Bu chòir FtG a bhith air a leasachadh agus air a bhrosnachadh le ùghdarrasan ionadail cuideachd, agus feumar ceanglaichean le coimhearsnachdan a neartachadh.

Chomharraich a’ cho-chomhairle cuideachd gun robh feum air barrachd cuideam air co-theacs nas fharsainge ann an leasachadh na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach cùisean sòisealta a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan ann an sgìrean eileanach agus dùthchail, agus an fheadhainn ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean.

Tha freagairtean eile a’ cur taic ri fòcas leantainneach a’ Bhùird air barrachd cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach, dùthchail agus bailteil. Mar a tha cùisean an-dràsta, tha mu chairteal den mhaoineachadh leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig aig an àm seo air mu 60 dreuchdan mar oifigearan Gàidhlig a chruthachadh no a chumail a’ dol – 46 dhiubh ann an coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail agus 14 ann an sgìrean bailteil.

Ann an àiteachan eile, thuirt fios air ais air structar a’ phlana gun robh feum air barrachd fòcais air targaidean, agus gum bu chòir fiosrachadh mu adhartas a bhith nas tràithe san sgrìobhainn.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

Bha e gu math follaiseach aig na coinneamhan poblach uile agus anns a’ mhòr-chuid de na freagairtean a fhuarar gu bheil fìor dhealas ann airson a’ chànain agus gu bheil tuigse a’ sìor fhàs mu cho cudromach ’s a tha am Plana Nàiseanta ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig tèarainte san àm ri teachd, dhan a h-uile duine ann an Alba agus nas fhaide air falbh.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cleachdadh nan toraidhean gus an dreach mu dheireadh againn fhiosrachadh mus tèid a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba agus bu toil leinn taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa phròiseas co-chomhairleachaidh.

 

Thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig ath-sgrùdadh a-nis a’ leantainn air a’ cho-chomhairleachadh agus thèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aonta leis an amas a bhith ga fhoillseachadh sa Ghiblean 2023.

Buaidh air a’ Ghàidhlig a-nis na phàirt de Mheasadh Buaidh Coimhearsnachd nan Eilean airson a’ chiad uair

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air poileasaidh ùr Riaghaltas na h-Alba a bheir taic ri leasachadh na Gàidhlig sna h-Eileanan

Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air stiùireadh ùr bho Riaghaltas na h-Alba far am bi aig ùghdarrasan poblach ri measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh Measaidhean Buaidh Coimhearsnachd nan Eilean airson a’ chiad uair.

Tron stiùireadh ùr, bidh aig buidhnean poblach ri fòcas nas motha a chur air mar a bheir na co-dhùnaidhean aca buaidh air a’ Ghàidhlig.

Tha an stiùireadh ùr a’ cumail taic ri Plana Nàiseanta nan Eilean, agus a’ buntainn ris a h-uile poileasaidh, a’ gabhail a-steach taigheadas, eaconamaidh, slàinte is cùram sòisealta, foghlam, cultar, agus leasachadh coimhearsnachd.

Fo na h-atharrachaidhean, ma sheallas Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach gum bi buaidh aig poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis sam bith air a’ Ghàidhlig, feumaidh an t-ùghdarras poblach cur an cèill dè na ceumannan a thathar a’ gabhail gus a’ bhuaidh air a’ chànan a lasachadh no a dhèanamh nas fheàrr.

Feumaidh a h-uile co-dhùnadh a-nis a bhith air a dhèanamh a rèir Plana Nàiseanta nan Eilean, a chaidh fhoillseachadh ann an 2021 a tha mìneachadh gealltanasan Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air builean do choimhearsnachdan eileanach.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an t-atharrachadh seo aig Riaghaltas na h-Alba na dheagh naidheachd dhan Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach na h-Alba. Tha e a’ cur barrachd cuideam air a bhith a’ cumail suas agus a’ fàs cleachdadh ar cànain anns na coimhearsnachdan sin, a’ dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean poblach, coimhearsnachdan agus daoine fa leth ag obair ann an com-pàirt gus togail air fàs leantainneach na Gàidhlig air feadh na h-Alba.

“Tha seo na chlach-mhìle mhòr ann a bhith a’ neartachadh phoileasaidhean dhan Ghàidhlig am measg nan daoine a nì co-dhùnaidhean agus meudaichidh e am fòcas air na cothroman agus na dùbhlain a th’ ann a thaobh a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig. Cha dèan seo ach math dhan Ghàidhlig agus do chur an gnìomh Plana Nàiseanta nan Eilean agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Cuiridh seo cuideachd ri feallsanachd Plana Nàiseanta na Gàidhlig gum bu chòir ro-innleachdan feumalachdan choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail a choileanadh.”

Suirbhidh Ùr a’ Coimhead air Cleachdadh na Gàidhlig Air-loidhne am Measg Òigridh

Aig tòiseach na bliadhna chaidh suirbhidh ùr a chumail le Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-àiteachean far a bheil daoine òga eadar 11 is 26 bliadhna a dhaois a’ faicinn is a’ cleachdadh na Gàidhlig air-loidhne agus mun t-susbaint Ghàidhlig a thathar airson faicinn nas trice. Chaidh an t-suirbhidh air-loidhne a chumail eadar an Dùbhlachd 2021 agus an Giblean 2022, dìreach mar a chaidh a dhèanamh an-uiridh agus thug seo an cothrom do Young Scot coimeas a dhèanamh eatarra.’’

Chaidh 1,153 freagairt slàn a chur a-steach am-bliadhna, àrdachadh de 437 bhon uiridh. Am measg na fhreagair an t-suirbhidh, thuirt 61.1% dhiubh nach eil Gàidhlig aca, thuirt 32.8% gu bheil iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus thuirt 6% gu bheil iad nan luchd-labhairt fileanta. Ged a bha ceistean diofraichte aig na daoine òga ri freagairt a rèir an ìre fileantais a bh’ aca, bha an aon dà cheist aca uile ri freagairt aig deireadh na suirbhidh;

  • Dè cho luachmhor s a tha a Ghàidhlig?
  • Dè cho luachmhor s a tha cultar agus dualchas na Gàidhlig?

Nuair a chaidh iarraidh orra na ceistean seo a fhreagairt, thuirt còrr is dà thrian (69.7%) dhiubh gu bheil a’ Ghàidhlig fhèin na rud luachmhor no glè luachmhor agus thuirt faisg air trì cairteal (72.2%) dhiubh gu bheil cultar is dualchas na Gàidhlig luachmhor no glè luachmhor. Abair togail dhuinn uile a tha sin!

Thuirt faisg air trì cairteil (74%) de dhaoine òga gum bu toil leotha barrachd susbaint Ghàidhlig fhaicinn air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta cuideachd agus ’s e Instagram (74.1%), TikTok (70.5%) agus YouTube (64.6%) na h-àrd-ùrlaran as mòr-chòrdte leotha.

Chaidh aithisg nan toraidhean fhoillseachadh aig toiseach an t-Ògmhìos agus faodar sin a leughadh air làrach-lìn chorporra Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-adhbharan a th’ aig daoine òga airson Gàidhlig ionnsachadh, an t-susbaint air-loidhne a tha a’ còrdadh riutha agus na faireachdainnean a th’ aca mun Ghàidhlig.

Leugh an aithisg an seo.

Oifis Ùr ann an Steòrnabhagh

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte innse gu bheil iad air oifis ùr a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.

Tha ùine air a bhith ann bhon a bha luchd-obrach aig Bòrd na Gàidhlig anns na h-Eileanan agus, ri lìnn a’ ghlasaidh agus na h-atharrachaidhean ann an dòighean obrach, tha iad a nis toilichte innse gu bheil ceathrar luchd-obrach aca ann an Leòdhas.

Leis a sin agus cuideachd mar thoradh air atharrachaidhean a thaobh tilleadh do dh’oifisean, bha feum air oifis a lorg ann an Leòdhas a fhreagradh orra. Tha oifis Steòrnabhaigh a-nis aca ann an Taigh Shìophort.

Tha luchd-obrach BnG fhathast ag obair ann an dòigh caran ‘hybrid’ le luchd-obrach ag obair an dà chuid bhon taigh agus bhon oifis ach ma tha duine airson tighinn a-staigh dhan oifis ùr gus cèilidh orra, bhiodh fàilte bhlàth romhaibh.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Le mar a thachair thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh, tha dòighean obrach dhaoine air atharrachadh gu mòr air feadh an t-saoghail. Leis an atharrachadh ud, ’s e cothrom a bh’ann dhuinne mar bhuidheann gus daoine fhastadh taobh a-muigh nan àiteachan far an robh oifisean againn mar-thà. Tha ceathrar luchd-obrach againn stèidhichte ann an Leòdhas a-nis agus e na bhuannachd mhòr dhuinn gu bheil iad beò ann an coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Leòdhas agus a cur ri obair Bhòrd na Gàidhlig anns na h-eileanan.”

Dealbh air a thogail le Sandie MacIver – Sandies Photos