AM MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL AIR MEUDACHADH DE £3.2 MILLEAN A CHUR RI EACONAMAIDH GHLASCHU

The-Glamis-Consultancy-Report-Evaluation-of-the-Royal-National

An Fhèis Ghàidhlig as motha air an t-saoghal a’ cur fàilte air 12,000 neach-tadhail a Ghlaschu
Chunnacas bliadhna air leth eile den Mhòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh (The Royal National Mòd), le figearan a’ taisbeanadh gun do chuir am Mòd £3.2 millean ri eaconamaidh ionadail Ghlaschu.
Tha aithisg mun bhuaidh eaconamach o chionn ghoirid a’ sealltainn gun do chuir an fhèis naoi latha, a chumadh ann an Glaschu eadar 11mh – 19mh Dàmhair 2019, fàilte air 12,000 neach don bhaile. Bha 81% den luchd-tadhail a thàinig a Ghlaschu aig an àm an seo gus cultar na h-Alba a chomharrachadh aig a’ Mhòd.
Chaith gach neach-tadhail àbhaisteach a thàinig chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail cuibheas de £177 gach latha fhad ’s a bha iad a’ fuireach sa bhaile, le faisg air 2/3mh dhiubh sin ag ràdh gun tigeadh iad a Ghlaschu a-rithist. Tha na figearan a’ taisbeanadh fàs sònraichte bliadhna an dèidh bliadhna air fèillmhorachd na fèise, le luchd-tadhail bho thall-thairis a’ fuireach ann an Alba suas ri 4.3 oidhcheannan ann an coimeas ri 3.2 an-uiridh.
Tha an aithisg, a chaidh a chur ri chèile le STR agus The Glamis Consultancy às leth a’ Mhòid Naiseanta Rìoghail, a’ togail cuideachd air cudromachd na fèise chan ann a-mhàin mar phàirt de mhìosachan cultarach na h-Alba, ach do dh’àireamh luchd-turais baile Ghlaschu.
Air eagrachadh leis A’ Chomunn Ghàidhealach, is e am Mòd an fhèis Ghàidhlig as motha agus as cudromaiche ann an Alba. Gach bliadhna, tha i a’ faicinn nam mìltean de fharpaisich bho air feadh an t-saoghail a’ gabhail pàirt ann no a’ coimhead còrr air 200 farpais ann an dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas agus dràma, a thuilleadh air ceòl agus òran.
Dhearbh Glaschu gur e baile foirfe a th’ ann airson aoigheachd don Mhòd, a’ mòr-thaisbeanadh chan e a-mhàin a raon iongantach de dh’ionadan cruinneachaidh ach cuideachd àireamh àibheiseach de thàlant Gàidhlig sa bhaile bho ìre sgoile troimhe gu luchd-gnìomhaidh proifeiseanta.
Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth moiteil às na tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a choileanadh am-bliadhna ann an coimeas ri an-uiridh. Tha sinn air àireamh nas àirde de luchd-frithealaidh, gnàthasan cosg agus sùim air a ghinteadh don bhaile aoigheachd fhaicinn – abair fìor dheagh choileanas! Is e seo a’ chiad turas a tha an fhèis air a bhith air aoigheachd ann an Glaschu bho 1990, agus tha sinn dìreach air ar dòigh leis an àireamh fhallain de dhaoine fa leth a thàinig don bhaile a dhèanamh subhachas còmhla rinn. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar subhachasan ann an 2020 a bhios a’ gabhail àite ann an Inbhir Nis, far a bheil sinn a’ toirt cuireadh dhuibh a thighinn nar cuideachd airson bliadhna eile de chomharrachadh air ealain, ceòl agus litreachas na Gàidhlig agus na h-Alba.”

Is e Bòrd na Gàidhlig prìomh mhaoiniche A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Mòd Nàiseanta Rioghail na h-Alba, agus thuirt an Ceannard (CEO) Shona MacLennan: “Tha sinn a’ làn thuigsinn luach na h-obrach a tha An Comunn a’ dèanamh ann am brosnachadh barrachd dhaoine gu Gàidhlig a chleachdadh tron bhliadhna a thuilleadh air aig a’ Mhòd fhèin. Tha an raon agus an àireamh de chom-pàirtichean còmhla riuthasan a’ frithealadh an tachartais, nan teisteanas don mheas a tha a’ sìor fhàs air cànan is cultar na Gàidhlig agus mar a tha e a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri tachartas na bliadhna seo ann an Inbhir Nis far an toir am Mòd gun teagamh mòran chothroman do chom-pàirtichean agus eòlasan càileachdail do luchd-èisteachd.”
Thuirt an Comairliche Daibhidh Dòmhnallach, Cathraiche Ghlaschu Beò agus Iar-Stùiriche Comhairle Baile Ghlaschu: “B’ e seachdain nach tèid à cuimhne a bh’ ann a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig nuair a thill am Mòd a Ghlaschu airson a’ chiad uair ann an 30 bliadhna. Is e a’ bhuaidh eaconamach aon de na buannachdan dìreach a bhios am Mòd a’ tarraing, ach nas cudromaiche na sin tha e a’ togail air tàlantan eadar-mheasgte na h-òigridh suas gu luchd-ealain proifeiseanta a’ gnìomhadh ann an Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum bi sinn a’ cur fàilte air ais air an tàlant sin gu fèisean mar Celtic Connections san àm ri teachd agus a’ coimhead air adhart ris an àite a dh’fhaodas a bhith aig Gàidhlig nuair a dh’fhoillsichear Plana Cultair Ghlaschu sna mìosan a tha romhainn.”
Bha Anndra Macnair, Ceannard Margaideachd, Aiseagan CalMac ag ràdh: Bha Aiseagan CalMac air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist ann an 2019 ann an Glaschu. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e bunaiteach do chànan is cultar na Gàidhlig agus tha sinn pròiseil a bhith nar pàirt dheth.
Tha sinn a’ coimhead air adhart ri 2020 agus obraichidh sinn cruaidh leis na h-uile a tha an sàs ann gus Mòd soirbheachail eile a liubhairt ann an Inbhir Nis.
Thuirt D-I Brown, Neach-gairm Mòd Ghlaschu 2019: “Dh’amais a’ Chomataidh Eagrachaidh Ionadail (LOC) air “am Mòd as fheàrr a-riamh” a chur air bhonn agus tha sinn air leth toilichte gu bheil an aithisg seo a’ dearbhadh sin. Cha b’ e a-mhàin na h-àireamhan mòra a fhritheil an fhèis fad 9 latha ach gun d’ rinn an LOC oidhirp cho-òrdanaichte air a’ chiad “Mòd didseatach is sòisealta” a liubhairt le barrachd susbaint bho fharpaisean, iomall a’ Mhòid agus na tachartasan làitheil air an glacadh ’s air an sgaoileadh tro ro-innleachd mheadhanan sòisealta. Cuimsichte air luchd-èisteachd òg a tharraing, ràinig ar susbaint sòisealta còrr air 12000 neach tro Facebook, faisg air 4000 air Instagram agus nochd #modghlaschu2019 air an loidhne-tìm Twitter aig 470,000 neach.
Chuir an LOC air dòigh tachartasan Iomall a’ Mhòid a bha air an deagh fhrithealadh, bho phàrtaidh an Fhosglaidh ann an Ceàrnag Sheòrais far na ghabh 600 neach pàirt (san uisge) gu Ceàrnag a’ Phrionnsa a’ cur thairis le daoine air feasgar Didòmhnaich a dh’èisteachd ri Moladh Ceilteach leis a’ Chòisir Shoisgeulach, agus nas fhaide air adhart san t-seachdain bha cuirm le seinneadairean agus luchd-gnìomhaidh proifeiseanta aig Cuirm-chiùil Òir Ghlaschu ann an Talla Cuirm Rìoghail Ghlaschu. Dìreach beagan de na tachartasan a ghabh àite tron t-seachdain gu tlachd an luchd-èisteachd. Gun teagamh sam bith, tha Glaschu air dearbhadh a bhith na roghainn air leth air Mòd a chur air bhonn agus tha sinn misneachail nach tèid 29 bliadhna eile seachad mus till am Mòd gu Baile Mòr nan Gaidheal – the City of the Gaels.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh am-bliadhna bho 9th-17th Dàmhair le aoigheachd bho Inbhir Nis.