Coinneamhan a’ Bhùird-stiùiridh rim fosgladh a-mach don phoball airson a’ chiad uair

Thèid coinneamhan bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a shruthadh beò bho Dhimàirt 26 Cèitean 2020.

Seo a’ chiad turas a tha am bòrd-stiùiridh air cuireadh a thoirt don phoball do na coinneamhan seo agus tha e a’ sealltainn ùidh a’ bhùird-stiùiridh ann a bhith cur ri fosgarrachd agus follaiseachd às dèidh aithisg sgrùdaidh Deloitte an-uiridh.

Tha an leasachadh seo ceithir mìosan air thoiseach, leis a’ bheachd sa chiad dol-a-mach gum biodh iad fosgailte ann an Inbhir Nis bhon t-Sultain 2020.

Thuirt Màiri NicAonghais, an Cathraiche ùr: “Aon de na prìomh rudan a bha mi airson a dhèanamh às dèidh dhomh a thòiseachadh, ’s e na coinneamhan againn fhosgladh a-mach don phoball agus bha mi airson ’s gun tachradh e sa bhad. Ri linn obair dhìleas an luchd-obrach, bha an coimeas againn seo a dhèanamh ceithir mìosan air thoiseach oirnn fhèin gus fios mu obair Bhòrd na Gàidhlig a cho-roinn leis na daoine aig a bheil an ùidh as motha ann – am poball.

“Tha sinn a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig bho air feadh na dùthcha èisteachd ris na coinneamhan agus do na puingean a thèid a thogail.”

Sa chiad dol-a-mach, thèid cuireadh a-mach do luchd-labhairt na Gàidhlig gus coimhead air a’ choinneimh le clàr-gnothaich agus pàipearan air am foillseachadh air-loidhne 5 làithean ro gach coinneamh. Anns na mìosan a tha romhainn, bidh am Bòrd a’ coimhead ri dòighean gus na coinneamhan a chraoladh ann an Gàidhlig le eadar-theangachadh beò do dhaoine gun Ghàidhlig.

Coinneamh Ràitheil a’ Bhùird-Stiùiridh
Dimàirt 26 Cèitean 2020 – 10.00-15.00
A’ sruthadh beò air-loidhne tro cheangal air làrach-lìn a’ Bhùird.
Clàr-gnothaich agus pàipearan rim faighinn an-seo:
https://www.gaidhlig.scot/ga/bord/corporate/board-meetings/board-meeting-26-may-2020/