Tha foghlam & ionnsachadh na Gàidhig nan àrd-phrìomhachasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 agus tha iad riatanach don àm ri teachd agus sunnd a’ chànain.   Bidh sinn ag obair ann an com-pàirteachas le grunnan bhuidheann & dhaoine fa leth gus foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig adhartachadh agus a leasachadh aig a h-uile ìre – an dà chuid do dhaoine òga agus inbhich, agus do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

 

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Is e roghainn a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) ann an siostam Foghlam na h-Alba agus tha e stèidhichte air prionnsapalan bogaidh.  Tha daoine òga air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig gus a dhèanamh comasach dhaibh fàs fileanta sa chànan.  Tha tràth bhliadhnaichean FMG a’ gabhail a-steach làn bhogadh agus a’ gluasad gu bogadh bho P3/4 air adhart. Bu chòir dha na prionnsapalan bogaidh leantainn air adhart an uair sin tro fhoghlam Bun-sgoile & Àrd-sgoile. Tha FMG in-ghabhalta agus ri fhaotainn an dà chuid do theaghlaichean a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh agus teaghlaichean aig nach robh eòlas ro-làimh air a’ chànan.

 

Solar Tràth Bhliadhnaichean

Tha foghlam Gàidhlig Tràth Bhliadhnaichean a’ gabhail a-steach grunnan sholair diofraichte agus tha e mar chiad cheum do mhòran an uair a tha iad a’ beachdachadh air FMG.  Bho Bhuidhnean Phàrant & Pàiste saor-thoileach gu Tràth-Ionnsachadh & Cùram Chloinne air a thabhann le Ùghdarras Ionadail, tha cothrom ann airson clann & teaghlaichean eòlas a chur air Gàidhlig ann an suidheachaidhean spòrsail, neo-fhoirmeil.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mun diofar sheòrsaichean solair ri fhaotainn an seo.

 

Solar Bun-sgoile

Tha Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (FBG) ri fhaotainn ann an còrr air 60 sgoil ann an 15 Ùghdarras Ionadail air feadh Alba.

Ged a tha e air a bhrosnachadh, chan eil e deatamach do dhaoine òga a bhith air solar Gàidhlig Tràth Bhliadhnaichean a fhrithealadh mus tèid iad gu FBG agus bidh mòran theaghlaichean a’ tòiseachadh an ionnsachadh sa Ghàidhlig aig Prìomh 1. Tha FMG a’ tabhann a’ chothruim do dhaoine òga fàs fileanta sa Ghàidhlig fhad ’s a tha iad a’ fèin-fhiosrachadh nan iomadh buannachd a tha an lùib a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLG) cuideachd ri fhaotainn ann an còrr air 50 sgoil mar phàirt de ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba ‘Ionnsachadh Cànain an Alba:  Modh-obrach 1+2’. Ged nach dèan an t-solar seo fileantas comasach, glè thric tha e mar a’ chiad cheum chudromach ann an ionnsachadh na Gàidhlig, far nach eil FBG ri fhaotainn.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu FMG, FLG  & taic airson pàrantan ri fhaotainn an seo.

Tha dàta nas mionaidich mun t-solar Gàidhlig Bun-sgoile ri fhaotainn nar Dàta Foghlaim.

 

Solar Àrd-sgoile

Tha Foghlam Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn ann an còrr air 30 sgoil ann an 12 Ùghdarras Ionadail air feadh Alba.

Tha curraicealam Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil a’ leantainn mar fhear a tha stèidhichte air prionnsapalan bogaidh an dà chuid ann am Foghlam Farsaing Coitcheann (BGE) agus air adhart chun na h-Ìre as Àirde.  Tha dà phrìomh thaobh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san Àrd-sgoil: A’ Ghàidhlig mar chuspair & cuspairean air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. An-dràsta, is ann caochlaideach a tha an solar a tha ri fhaotainn air feadh Alba, ach, tha an leudachadh air cuspairean a tha rim faotainn tro mheadhan na Gàidhlig mar phrìomhachas do Bhòrd na Gàidhlig agus tha co-obrachadh le com-pàirtichean a’ leantainn air adhart gus dèanamh cinnteach gu bheil solar air a leasachadh thar na dùthcha.

Tha Foghlam Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh cuideachd ri fhaotainn thar 30 àrd-sgoil air feadh Alba.   Tha FLG air a thabhann mar phàirt den churraicealam Nuadh-chànain san aon dòigh is a tha Frangais no Spàinntis.  Tha FLG  ri fhaotainn an dà chuid aig an ìre Foghlam Farsaing Coitcheann, mar phàirt den Iomairt Cànain 1+2 agus a-steach dhan Ìre as Àirde le teisteanasan rim faotainn aig a h-uile ìre

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu FMG & FLG ann am Foghlam Àrd-sgoile, a’ gabhail a-steach fiosrachadh gu sònraichte airson pàrantan, ri fhaotainn an seo.

Mar a tha a’ tachairt le foghlam Bun-sgoile, tha dàta nas mionaidiche mun t-solar Gàidhlig Àrd-sgoile ri fhaotainn nar Dàta Foghlaim.

 

Foghlam Adhartach & Foghlam Àrd Ìre

A thaobh cothroman do dh’inbhich a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am foghlam an dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, tha raon de thaghaidhean ri fhaotainn.  Tha mòran institiudan àrd-fhoghlaim agus buidhnean a’ tabhann cothrom do dh’inbhich a’ Ghàidhlig ionnsachadh ann an iomadh dòigh, bho chùrsaichean làn-ùine agus pàirt-ùine gu ionnsachadh aig astar.   Glè thric tha cùrsaichean, clasaichean còmhraidh agus dòighean eile airson a’ Ghaidhlig ionnsachadh no cur ris na sgilean cànain agaibh sa choimhearsnachd agaibh fhèin.

 

Obraichean ann am Foghlam Gàidhlig

Tha an sgioba obrach Foghlam Gàidhlig deatamach do leasachadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig agus tha e na phrìomhachas do Bhòrd na Gàidhlig agus do chom-pàirtichean dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coinneachadh ri feumalachdan na h-earrainn. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu obraichean, trèanadh & an taic a tha ri fhaotainn tron earrann foghlaim den làrach-lìn.

 

Stiùireadh Reachdail mu Fhoghlam Gàidhlig

Tha an Stiùireadh Reachdail air a bhith air a thoirt seachad le Bòrd na Gàidhlig fo Earrann 9 de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005  agus tha earrann sònraichte air an làrach-lìn an seo.

 

Goireasan

Tha raon de stòrasan air-loidhne gus cuideachadh le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig tro ghlasadh a’ chorònabhioras   ri fhaotainn an seo.

Is e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig  am prìomh bhuidheann le dleastanas airson a bhith a’ tabhann agus a’ cruthachadh goireasan agus stuthan ionnsachaidh airson Foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean.    Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt taic do bhuidhnean eile mar Comhairle nan Leabhraichean agus foillsichearan mar Acair Earranta gus raon fharsaing de stuthan sgrìobhte agus goireasan eile ann an Gàidhlig no airson na Gàidhlig ullachadh, agus tha mòran dhiubh sin air an cleachdadh airson foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig.   Tha mòran làraich-lìn ann cuideachd is urrainn cuideachadh le foghlam agus ionnsachadh a’ gabhail a-steach:  Learn Gaelic, Gaelic4Parents, Gàidhlig nan Òg & Go!Gaelic.

 

Taic do Phàrantan

Is e Comann nam Pàrant am Buidheann Nàiseanta a tha a’ toirt comhairle agus taic do theaghlaichean le clann & daoine òga ann am FMG.

 

Fiosrachadh Feumail:

‘S e prìomhachas a th’ ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus ‘s e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh’Fhoghlam Gàidhlig ullachadh. (...)

Read More