Bun-fhiosrachadh

‘S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phàrlamaid na h-Alba.
Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (An Achd) ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig.
Fo chumhachan na h-Achd, thathar ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig a dhleastanasan a thoirt gu buil leis an amas inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba, a bhios a’ dleasadh na h-aon spèis agus a th’ ann don Bheurla. Nì e seo tro bhith:

  • A’ meudachadh an àireamh dhaoine as urrainn Gàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn
  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse oirre
  • A’ cuideachadh gus cothroman a chruthachadh, ann an Alba agus àiteachan eile, air a’ Ghàidhlig agus a cultar
  • A’ toirt comhairle (nuair a thèid iarraidh air no nuair a tha e ga mheas iomchaidh) do Mhinistearan na h-Alba, buidhnean poblach agus daoine eile a tha coileanadh dhleastanasan poblach mu chùisean co-cheangailte ri cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig
  • A’ toirt comhairle (nuair a thèid iarraidh air) do dhaoine eile air cùisean co-cheangailte ri Gàidhlig
  • A’ sgrùdadh mar a choileanar dleastanasan na Cairt Eòrpaich airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan, bho 5 Samhain 1992, a thaobh na Gàidhlig agus aithris a dhèanamh air sin do Mhinistearan na h-Alba

Bun-fhiosrachadh

'S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phàrlamaid na h-Alba.
Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (An Achd) ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig. (...)

Read More

Ar Lèirsinn

Gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

 

Adhbhar Ar n-Obrach

Ag ullachadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig agus a’ co-òrdanachadh coileanadh a’ Phlana sin

A’ toirt stiùireadh do mar a thèid Planaichean Gàidhlig nan Ùghdarrasan Poblach ullachadh is a chur an gnìomh

A’ foillseachadh stiùireadh reachdail gus foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart

A’ toirt comhairle do Mhinistearan Riaghaltas na h-Alba air cùisean Gàidhlig

A’ toirt seachad maoineachadh gus Gàidhlig a thoirt air adhart

A’ toirt stiùireadh is comhairle seachad mar thaic do dh’iomairtean Gàidhlig

A’ stèidheachadh is a’ lìbhrigeadh phròiseactan is iomairtean

A’ cur na Gàidhlig air adhart gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta

A’ toirt fa-near do is a’ frithealadh air feumalachdan nan coimhearsnachdan

Ar Prìomhachasan

Seo na prìomhachasan a tha sinn airson a thoirt gu buil airson 2023:

  1. Gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh Gàidhlig agus a’ faotainn bhuannachdan bhon chànan nan obair, aig an taigh agus sna coimhearsnachdan aca
  2. Gum bi barrachd chothroman ann do dhaoine aig aois sam bith na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart agus gum bi e nas fhasa dhaibh na cothroman sin a ghabhail
  3. Gum bi barrachd dhaoine ann an Alba taiceil is bàidheil do chànan is cultar na Gàidhlig
  4. Gun cùm Bòrd na Gàidhlig air a’ leasachadh nan dòighean-obrach aige

Ar Modhan Obrach

A’ brosnachadh innleachdas

A’ togail chom-pàirteachasan

Tha sinn fosgailte is cunntachail

A’ cur theachdaireachdan taiceil is brosnachail air adhart

A’ faighinn luach an airgid bho ar cuid ionmhais

A’ dèanamh cho-dhùnaidhean stèidhichte air fianais dhearbhte

A’ dèanamh cinnteach gu bheil riaghladh corporra math ga chur an sàs

A’ cur deagh mhodhan-obrach an sàs

Ag ionnsachadh bho chàch