’S e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart agus mar phàirt de sin bidh sinn a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig.
Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (An Achd) ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig.
Fo chumhachan na h-Achd, thathar ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig a dhleastanasan a thoirt gu buil leis an amas inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba, a bhios a’ dleasadh na h-aon spèis agus a th’ ann don Bheurla.
Ar Modhan Obrach
- A’ brosnachadh innleachdas
- A’ togail chom-pàirteachasan
- Tha sinn fosgailte is cunntachail
- A’ cur theachdaireachdan taiceil is brosnachail air adhart
- A’ faighinn luach an airgid bho ar cuid ionmhais
- A’ dèanamh cho-dhùnaidhean stèidhichte air fianais dhearbhte
- A’ dèanamh cinnteach gu bheil riaghladh corporra math ga chur an sàs
- A’ cur deagh mhodhan-obrach an sàs
- Ag ionnsachadh bho chàch
Ar Luchd-compàirt
- An Riaghaltas agus na Buidhnean aige
- Ùghdarrasan is Buidhnean Foghlaim
- Buidhnean Eaconamach, Cultarach is Leasachadh Turasachd
- Buidhnean Mheadhanan, Cruthachail is Dualchais
- Buidhnean Gàidhlig
- Iomairtean
- Buidhnean Coimhearsnachd
- Daoine Fa Leth
Ar Lèirsinn
Gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.
Na bhios sinn a’ dèanamh
- Ag ullachadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig agus a’ co-òrdanachadh coileanadh a’ Phlana sin
- A’ toirt stiùireadh do mar a thèid Planaichean Gàidhlig nan Ùghdarrasan Poblach ullachadh is a chur an gnìomh
- A’ foillseachadh stiùireadh reachdail gus foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart
- A’ toirt comhairle do Mhinistearan Riaghaltas na h-Alba air cùisean Gàidhlig
- A’ toirt seachad maoineachadh gus Gàidhlig a thoirt air adhart
- A’ toirt stiùireadh is comhairle seachad mar thaic do dh’iomairtean Gàidhlig
- A’ stèidheachadh is a’ lìbhrigeadh phròiseactan is iomairtean
- A’ cur na Gàidhlig air adhart gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta
- A’ toirt fa-near do is a’ frithealadh air feumalachdan nan coimhearsnachdan