Teagaisg sa Ghàidhlig

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

 

Tha tidsearan sàr-mhath aig cridhe foghlam na Gàidhlig, agus ann an Alba, feumaidh teisteanas freagarrach aig ìre Oilthigh a bhith aig tidsear sam bith airson clàradh profeiseanta fhaighinn le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.

Tha an cothrom ann fo-cheum a dhèanamh ann am Foghlam Gàidhlig, ach cuideachd tha cùrsaichean iar-cheumnach ri fhaotainn ann an Alba cuideachd. Tha an cothrom ann a bhith a’ teagasg sa Ghàidhlig sa bhun-sgoil, a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil no a bhith a’ teagasg chuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn san leabhran A bheil thu airson teagasg sa Ghàidhlig?” leis an GTCS.

Tha taic-airgid airson oileanaich teagaisg ri faotainn tron sgeama thabhartasan foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn an seo.

Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Bun-sgoile

Tha sàr thidsearan aig cridhe ath-bheòthachadh is leasachadh na Gàidhlig, agus tha e na phrìomhachas aig Bòrd na Gàidhlig is a chom-pàirtichean a bhith a’ cumail taic ri seo.

Ma tha thu airson a bhith nad thidsear sa Ghàidhlig aig ìre bun-sgoile, feumaidh tu na riatanasan àbhaisteach a choileanadh airson teagasg ann an Alba fo sgeama clàraidh Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Tha làn fhiosrachadh an seo.

Tha taic-airgid airson oileanaich teagaisg ri faotainn tron sgeama thabhartasan foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cumail co-labhairt do thidsearan ùra gach bliadhna airson taic a chumail riutha aig toiseach an cuairt-obrach. Cuir fios thugainn airson an fhios as ùire mu dheidhinn seo. Tha sinn cuideachd a’ cumail taic ri Stòrlann a bhios a’ ruith chothroman CLPL do thidsearan air feadh na bliadhna.

Ma tha thu mu thràth nad thidsear, agus ìre de sgilean Gàidhlig agad an-dràsta (co-dhiù B1 air CEFR), ma dh’fhaodte gum bi ùidh agad anns an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim. Feumaidh tu bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agad anns a’ chiad dol a-mach. Gheibear stiùireadh an seo.

Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Àrd-sgoile

Tha sàr thidsearan aig cridhe ath-bheòthachadh is leasachadh na Gàidhlig, agus tha e na phrìomhachas aig Bòrd na Gàidhlig is a chom-pàirtichean a bhith a’ cumail taic ri seo.

Ma tha thu airson a bhith nad thidsear sa Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile, a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair do dh’fhileantaich no do luchd-ionnsachaidh, no a’ lìbhrigeadh chuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig, feumaidh tu na riatanasan àbhaisteach a choileanadh airson teagasg ann an Alba fo sgeama clàraidh Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Tha làn fhiosrachadh an seo.

Tha taic-airgid airson oileanaich teagaisg ri faotainn tron sgeama thabhartasan foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cumail co-labhairt do thidsearan ùra gach bliadhna airson taic a chumail riutha aig toiseach an cuairt-obrach. Cuir fios thugainn airson an fhios as ùire mu dheidhinn seo. Tha sinn cuideachd a’ cumail taic ri Stòrlann a bhios a’ ruith chothroman CLPL do thidsearan air feadh na bliadhna.

Ma tha thu mu thràth nad thidsear, agus ìre de sgilean Gàidhlig agad an-dràsta (co-dhiù B1 air CEFR), ma dh’fhaodte gum bi ùidh agad anns an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim. Feumaidh tu bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agad anns a’ chiad dol a-mach. Gheibhear stiùireadh an seo.