Foghlam Bun-sgoile

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

 

Tha Foghlam Gàidhlig ann an Alba aig ìre bun-sgoile a’ tachairt ann an dà phrìomh roinn:

  • Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
  • Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh

Tha an dà roinn cudromach airson cur ri slàinte is leasachadh a’ chànain ged a tha coltas glè dhiofraichte orra is ged a tha iad gan lìbhrigeadh ann an dòighean fa leth.

 

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil air a bhith aig cridhe leasachaidhean a thaobh a’ chànain is a’ chultair ann an Alba on a thòisich e anns na 1980an. Tro bhogadh sa chànan, tha an Curraicealam airson Sàr-mhathais air fad ga lìbhrigeadh, ag ionnsachadh mu gach cuspair tron Ghàidhlig is a’ toirt seachad dà-chànanachas gu nàdarrach. Tha an siostam nàiseanta seo co-ionann ann an inbhe agus cliù ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla.

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ga thabhann ann an àireamh a tha a’ sìor-fhàs de Bhun-sgoiltean Gàidhlig is Aonadan Gàidhlig taobh a-staigh Bhun-sgoiltean ann an iomadh ùghdarras ionadail ann an Alba. Airson an liosta as ùire fhaicinn, seall seo.

Tha buannachdan nach beag aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig do chloinn. A bharrachd air na buannachdan cognatach o dhà-chànanachas agus na buannachdan pearsanta is a’ mhisneachd o eòlas is spèis air cultar nan Gàidheal is cultaran eile, tha rannsachadh a’ nochdadh gu bheil clann a thèid tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ coileanadh no a’ dol seachad air na h-ìrean buileachaidh aig an co-aoisich aon-chànanach ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla.

O’Hanlon (2010) Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba: Roghainn agus Buileachadh sa Bhun-sgoil agus Tràth san Àrd-sgoil (geàrr-aithris)

 

Bogadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bu chòir sgoilearan a bhith gan teagasg gu tur sa Ghàidhlig sa chiad trì bliadhna aca sa bhun-sgoil. Tha an làn-bhogadh seo gu math cudromach, agus tha e a’ ciallachadh nach fheum a’ Ghàidhlig a bhith aig pàistean nuair a thòisicheas iad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil, ged a thathar a’ moladh gu bheil clann a’ dol gu buidhnean tràth-bhliadhnaichean agus sgoiltean-àraich mas urrainn dhaibh. Cuideachd, bu chòir Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cur gu mòr ri sgilean cànain na cloinne aig a bheil Gàidhlig mu thràth.

Às dèidh BS3, bheirear sgilean Beurla a-steach mean air mhean tro mheadhan na Gàidhlig, ach bidh a’ Ghàidhlig fhathast na prìomh chànan teagaisg airson gach cuspair agus gach pàirt den churraicealam. Nuair a ruigeas iad BS7, bidh na sgilean cànain aca ann am Beurla sa chumantas nas fheàrr na th’ aig sgoilearan a tha ann am foghlam aon-chànanach.

Mar sin, leanaidh am bogadh sa chànan gu deireadh na bun-sgoile le sùil gum bi seo a’ leantainn air adhart gu ìre gus an crìochnaich iad an àrd-sgoil.

Nì an làn-bhogadh agus am bogadh sa chànan cinnteach gum bi sgilean cànain iomchaidh agus coileanta aig gach pàiste a thèid tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil – an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.

 

Gàidhlig taobh a-muigh agus às dèidh na sgoile

Bu chòir sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith a’ faighinn cothrom Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg. Tha tachartasan leithid chèilidhean, cafaidhean is tadhal air daoine sa choimhearsnachd glè èifeachdach ann a bhith a’ leasachadh sgilean Gàidhlig agus misneachd, a bharrachd air ceanglaichean a thogail eadar ginealaichean.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le buidhnean airson gum bi cothroman cleachdaidh aig sgoilearan Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile. Tha raon farsaing de chothroman ann an spòrs, ceòl, is cur-seachadan eile tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur ris an eòlas aig sgoilearan air a’ chànan ann an diofar shuidheachaidhean.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus am bi fios aig sgoilearan gu bheil luach mòr an lùib sgilean Gàidhlig agus sgilean dà-chànanach san fharsaingeachd ann an saoghal mòr na h-obrach. Chan eil seo dìreach fìor a thaobh obraichean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ach airson obair sam bith air feadh an t-saoghail. Tha barrachd fiosrachaidh aig Leasachadh Sgilean na h-Alba.

 

Fiosrachadh is Taic do Phàrantan

Tha diofar ghoireasan is buidhnean ann a bheir fiosrachadh is taic do phàrantan le clann ann am foghlam tron Ghàidhlig no a tha am beachd an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig.

Ma tha thu ag iarraidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fhaighinn dha do phàiste nuair nach eil e ri fhaotainn san sgìre agad,  tha fiosrachadh mionaideach air na ceumannan airson seo ri fhaotainn san Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig. Bu chòir dhut bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agad sa chiad dol a-mach.

Tha Gaelic4Parents loma-làn ghoireasan, geamannan, stòiridhean agus clàraidhean a bhios nan cuideachadh do chloinn òga a bhios a’ cleachdadh no ag ionnsachadh Gàidhlig. Gheibh pàrantan taic le obair-dachaigh an seo cuideachd, agus tha seo gu sònraichte math do phàrantan aig nach eil Gàidhlig.

Tha lìonra de bhuidhnean phàrant aig Comann nam Pàrant air feadh Alba agus bheir iad taic is comhairle do phàrant sam bith a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig. Tha iad cuideachd a’ ruith Sgeama Comhairleachaidh Phàrant le luchd-obrach ann an diofar sgìrean a bheir fiosrachadh do dhaoine mu fhoghlam tron Ghàidhlig.

 

Foghlam Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil

Tha Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh a’ suidhe còmhla ris na Nuadh-chànainean eile ann an Alba. Bidh Gàidhlig air a h-ionnsachadh mar dhara cànan san aon dòigh ’s a tha Fraingis is cànanan eile gan teagasg.

Anns a’ bhun-sgoil, tha an cothrom ann Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh a thabhann mar L2 (a’ tòiseachadh ann am BS1) no L3 (a’ tòiseachadh uair sam bith eadar BS5 is BS7). Tha seo fon phoileasaidh Cànainean 1+2 aig Riaghaltas na h-Alba, agus bu chòir cothrom a bhith aig sgoilearan leantainn orra leis na cànanan a rinn iad sa bhun-sgoil san àrd-sgoil.

An-dràsta tha iomadh Ùghdarras Ionadail ann an Alba a’ tabhann Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil mar L2 no L3, a’ ciallachadh gu bheil cothrom aig clann Gàidhlig ionnsachadh mur eil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre aca.  Dh’fhaodadh seo a bhith mar a’ chiad cheum gu fileantas tro shlighean ionnsachaidh eile.

Tha taic is cothroman ionnsachaidh ann airson tidsearan tron sgeama Gàidhlig sna Bun-sgoiltean agus tha goireasan is eile aig go-gaelic.scot airson Gàidhlig a theagasg sa bhun-sgoil.

 

Taic do Sgiobaidhean Ceannais aig Ìre Bun-sgoile

Bu chòir sgiobaidhean ceannais anns a h-uile sgoil a bhios a’ dèiligeadh ri Gàidhlig a bhith eòlach air an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig.

Bu chòir planadh airson fàs ann am Foghlam Gàidhlig, gu h-àraidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a bhith an lùib bun-phlanadh coitcheann sgoile. Tha e cudromach gum brosnaich sgoiltean àrainneachdan taiceil airson foghlam Gàidhlig anns na sgoiltean aca tro chòmhraidhean le luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh.

Bidh ar com-pàirtichean a’ toirt seachad taic is stiùireadh cuideachd, anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, agus an aithisg air toraidhean sgrùdaidh aig Foghlam Alba.

Ma tha ceist agad mar neach ann an àrd-dhreuchd, faodaidh tu fios a chur thugainn aig BnG uair sam bith.

 

Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Bun-sgoile

Tha sàr thidsearan aig cridhe ath-bheòthachadh is leasachadh na Gàidhlig, agus tha e na phrìomhachas aig Bòrd na Gàidhlig is a chom-pàirtichean a bhith a’ cumail taic ri seo.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ teagasg an-seo.