Dàta Thabhartasan
Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach mu dheidhinn follaiseachd is tha sinn ag obair le 360Giving gus fiosrachadh fhoillseachadh mu na tabhartasan a tha sinn a’ toirt seachad.
A’ cleachdadh an fhoirm dàta 360Giving, tha na tabhartasan tha sinn air tabhann bho 2016/17 ri fhaighinn an seo ann an cruth OpenDocument Spreadsheet agus gabhaidh an dàta a rannsachadh tron làrach-lìn GrantNav an seo air no an clàr aig bonn na duilleig seo.
Tha an liosta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan a chaidh a thoirt seachad le sgeama Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, sgeama Maoin Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig ann an 2023 agus 2024 is Maoin nan Ealain Gàidhlig air a ruith le Fèisean nan Gàidheal bho 2023/24, uile a chaidh a mhaoineachadh no pàirt-maoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig.
Chan eil an dàta gabhail a-steach tabhartasan a chaidh a thabhann ach far nach deach am pròiseact an gnìomh air far an deach an t-suim tabhartais iomlan a thilleadh ri Bhòrd na Gàidhlig.
Airson fiosrachadh, air sgàth adhbharan dìon dàta chan eil an dàta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan air an toirt seachad do dhaoine fa-leth airson cuid de thabhartasan, mar eisimpleir tron sgeama Tabhartasan Foghlaim againn.
Tha an obair seo air a cheadachadh fon Cheadachas Riaghaltas Fosgailte 3.0. Airson lethbhreac den cheadachas seo fhaighinn, tadhail air http://www.nationalarchives.gov.uk/doc/open-government-licence/version/3/. Tha seo a’ ciallachadh gum faodar an dàta a chleachdadh is a sgaoileadh mar a thogras sibh, ach feumar Bòrd na Gàidhlig aithneachadh mar an tùs.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn 360Giving, tadhail air https://www.threesixtygiving.org/
Tabhartasan uile bho 2016/17 air adhart (suas gu 26 Samhain 2024)