Foghlam Adhartach is Àrd-ìre

Tha Foghlam Gàidhlig ann an Alba a’ leantainn às dèidh na sgoile, agus tha am foghlam iar-sgoile seo, an dà chuid anns a’ choimhearsnachd is ann an oilthighean is colaistean, glè chudromach airson leasachadh is slàinte a’ chànain.

Ionnsachadh na Gàidhlig sa Choimhearsnachd

Tha iomadh neach a’ tilleadh dhan Ghàidhlig a-rithist no a’ tighinn thuice airson a’ chiad uair mar inbhich. Air feadh na h-Alba, tha cùrsaichean Gàidhlig gan tabhann aig gach ìre a bhios a’ toirt cothrom do dhaoine an cànan ionnsachadh o thùs no a bhith a’ leasachadh nan sgilean a th’ aca mu thràth. Tha clasaichean Gàidhlig air an ruith le diofar bhuidhnean agus tha fiosrachadh mu na cothroman eadar-dhealaichte ri fhaighinn air learngaelic.scot.

 

Ionnsachadh na Gàidhlig anns a’ cholaiste no anns an oilthigh

Aig ìre colaiste is oilthigh, ’s urrainn dhut ceum no teisteanas a dhèanamh anns a’ chànan fhèin, no anns a’ chànan agus ann an cuspair eile. Tha Gàidhlig ga tabhann fo dhiofar ainmean glè thric, mar “Gàidhlig” no mar phàirt de chùrsa “Ceiltis”. Tha an cothrom ann aig cuid de dh’oilthighean modalan Gàidhlig a dhèanamh cuideachd mar phàirt de cheuman eile.

Tha an cothrom ann cuideachd cùrsaichean a dhèanamh air-loidhne is aig astar ann an Gàidhlig tro cholaistean is oilthighean.

Thathar a’ moladh iarrtas a dhèanamh tro UCAS anns a’ chiad dol a-mach. A-rithist, ma nithear lorg air cùrsaichean, cleachd “Gaelic” no “Celtic”.

Seo cuid de na h-oilthighean is colaistean a bhios a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig ann an Alba:

Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh Dhùn Èideann

Oilthigh Obar Dheathain

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

Sabhal Mòr Ostaig OGE

Colaiste a’ Chaisteil OGE

Oilthigh Shrath Chluaidh

Oilthigh Dhùn Dè

 

Bun-fhoghlam Thidsearan

Tha tidsearan sàr-mhath aig cridhe foghlam na Gàidhlig, agus ann an Alba, feumaidh teisteanas freagarrach aig ìre Oilthigh a bhith aig tidsear sam bith airson clàradh profeiseanta fhaighinn le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ teagasg an-seo.

 

Rannsachadh agus Teisteanasan Iar-cheumnach

Tha iomadh teisteanas ceangailte ris a’ Ghàidhlig aig ìre maighstireachd agus PhD ann an oilthighean ann an Alba. Tha raon farsaing de roinnean ann, le eachdraidh, cànanachas, leasachadh, eadar-theangachadh, ceòl agus iomadh rud eile gan sgrùdadh is gan rannsachadh.

Tha rannsachadh glè chudromach airson obair leasachaidh na Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an com-pàirteachas leis na h-oilthighean agus le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba gus taic a chumail ri rannsachaidhean is pròiseactan a bhios a’ cur ri saoghal na Gàidhlig ann an iomadh seagh.