Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean an iomairt #cleachdi air chor ’s gum faod luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig ann an àitichean poblach a bhrosnachadh.
**LÀRACH-LÌN ÙR!** www.cleachdi.scot
Airson fios air sgeama #cleachdi aig an taigh, gus cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh a bhrosnachadh, brùth an seo.
Airson fios air suirbhidh #cleachdi agus na buidhnean fòcas do dh’òigridh, brùth an seo.
Òrdaich goireasan #cleachdi
Ma tha thu ann am buidheann san raon phoblach no buidheann coimhearsnachd a tha ag iarraidh air an luchd-obrach/luchd-saor-thoileach Gàidhlig agad a shealtainn gu bheil Gàidhlig aca, tha goireasan #cleachdi rim faotainn airson òrdachadh an seo.


Goireasan air-loidhne
Luchdaich a-nuas lethbhreac den phostair, suaicheantas agus bann-coise phuist-dealain #cleachdi gu h-ìosal.
- postair #cleachdi
- suaicheantas Gàidhlig agus #cleachdi
- bann-coise puist-dealain #cleachdi
A’ cleachdadh suaicheantas #cleachdi
Tha fàilte air duine sam bith suaicheantas #cleachdi a chleachdadh. Bhitheamaid nur comainn nan leanadh sibh stiùireadh bhrannd #cleachdi ge-tà – ri fhaicinn an seo.
Ionnsaich Gàidhlig
Ma tha thu ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, tadhail air an làrach-lìn Learn Gaelic airson ghoireasan air-loidhne agus liosta de chlasaichean air feadh Alba.