Fiosrachadh as ùire

’S iad tidsearan air leth a th’aig cridhe foghlam Gàidhlig agus, ann an Alba, feumaidh teisteanas iomchaidh aig ìre Oilthigh a bhith aig tidsear sam bith gus Clàradh Proifeiseanta fhaighinn le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).

A bharrachd air a’ bhileag aig GTCS ‘A bheil thu airson teagasg sa Ghàidhlig?’ chaidh Padlet a chruthachadh gus na slighean eadar-dhealaichte gu teagasg sa Ghàidhlig a chruinneachadh agus a thaisbeanadh, còmhla ri cuid de ghoireasan fheumail. Gheibh sibh a-steach dhan bhòrd-fiosrachaidh le bhith a’ sganadh an còd QR leis an inneal agaibh. Gus an comas a thoirt dhuibh cùrsa cànain na Gàidhlig a thaghadh a bhios freagarrach dhan ìre aig a bheil sibh, tha sinn air na slighean a chruinneachadh a-rèir Frèam Iomraidh Cumanta Eòrpach airson Cànanan (FICE).

Mar sin, ma tha sibh airson Foghlam Gàidhlig a dhèanamh aig ìre fo-cheum no iar-cheum, Gàidhlig a theagasg na cuspair fhèin, cuspair àrd-sgoil a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, no ma ’s e tidsear clàraichte a th’annaibh a tha airson gluasad gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, tha sinn an dòchas gum bi an goireas seo cuideachail dhuibh

Ma tha ceistean no molaidhean sam bith agaibh, nach cuiribh fios don Oifigear Leasachaidh againn aig Angela@Gaidhlig.Scot