Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, ag iarraidh inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla.
Plana Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023
Tha an Achd a’ togail air stiùiridhean a th’ ann mu thràth a chuidicheas le bhith a’ glèidheadh còraichean na Gàidhlig agus mion-chànanan eile. Am measg nan stiùiridhean sin tha: Foirgheall nan Dùthchannan Aonaichte airson Còraichean Dhaoine a bhuineas do Mhion-shluagh Nàiseanta, Cinneachail, Creideimh agus Cànain (1992); Cairt Eòrpach nan Cànan Roinneil is nam Mion-chànan aig Comhairle na h-Eòrpa (1992); Cùmhnant Frèama airson Dìon nam Mion-shluagh Nàiseanta (1995); agus cumhachan co-cheangailte ri Gàidhlig ann an reachdas a bhuineas ri foghlam, na meadhanan, cùirtean catharra agus croitearachd ann am Pàrlamaidean Bhreatainn agus na h-Alba. Am measg nan dleastanasan a chuir an Achd air Bòrd na Gàidhlig, tha gum feum sinn Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur gu Ministearan na h-Alba. Mar sin, tha inbhe laghail aig a’ Phlana Nàiseanta agus chan e dìreach liosta de phrìomh amasan corporra a th’ ann.’S e prìomh amas a’ Phlana seo, gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha na prìomh theachdaireachdan, amasan, raointean leasachaidh agus geallaidhean ùra a chithear sa Phlana uile a’ toirt taic don àrd-amas seo gum bi Gàidhlig air a cleachdadh barrachd. Am measg prìomh theachdaireachdan is amasan a’ Phlana tha:
- Gum buin a’ Ghàidhlig do dh’Alba air fad
- A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig
- A’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig; agus
- A’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig
Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28
Chaidh Co-Chomhairleachadh Poblach a chumail air Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 eadar an Giblean agus an t-Iuchar 2022. Chaidh 17 coinneamhan an cumail air feadh na dùthcha agus air-loidhne. Faodar barrachd a leughadh an seo.
Thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig ath-sgrùdadh a-nis a’ leantainn air a’ cho-chomhairleachadh agus thèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aonta leis an amas a bhith ga fhoillseachadh sa Ghiblean 2023.