Am Bòrd-stiùiridh

Air a’ Bhòrd-stiùiridh tha an Cathraiche agus còignear Bhall agus bidh iad a’ coinneachadh gu cunbhalach tron bhliadhna.

Thèid Buill a’ Bhùird-stiùiridh a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba. Mar as trice bidh buill neo-dhreuchdail a’ Bhùird-stiùiridh air a’ Bhòrd-stiùiridh airson ceithir bliadhna, ach dh’fhaoidte nach bithear a’ cumail ri seo gus dèanamh cinnteach gum bi leantalachd ann am ballrachd a’ Bhùird-stiùiridh.

Tha uallach air a’ Bhòrd-stiùiridh airson àrd-stiùireadh, iùl ro-innleachdail, rian air cunnartan agus siostaman in-smachd, planadh co-arbais, agus coileanadh na buidhne. Bidh am Bòrd-stiùiridh a’ coileanadh an dleastanasan le coinneamhan cunbhalach agus coinneamhan sònraichte, ma bhios feum orra. Tha am Bòrd-stiùiridh air cuid a chùisean a ghleidheadh fo an ùghdarras fhèin airson beachdachadh orra agus an aontachadh. Nam measg tha cùisean ro-innleachdail, cunnartan don bhuidhinn, aontachadh ris a’ bhuidseat bhliadhnail, aontachadh ri cùmhnantan tàbhachdach agus planadh airson leantalachd luchd-dreuchd an sgioba stiùiridh.

Buill a’ Bhùird-stiùiridh

Màiri NicAonghais (Cathraiche)

Tha Màiri NicAonghais an sàs ann an grunn dhreuchdan is cùisean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus foghlam na Gàidhlig sa choimhearsnachd aice: a’ gabhail a-steach na tràth-bhliadhnaichean, foghlam bun-sgoile agus ionnsachadh do dh’inbhich. Tha Màiri na ceannard air Sgoil an Ìochdair, cuideachd tha i na ball de Bhuidheann nan Eilean Siar airson na Dòigh-ionnsachaidh 1+2 Chànan. Tha Màiri na Cathraiche air Ceòlas Uibhist Earranta, buidheann ealain Ghàidhlig chliùiteach. Tha i cuideachd air a bhith na ball de ghrunn bhùird roimhe airson buidhnean nàiseanta, leithid Comhairle Ealain na h-Alba agus Comataidh Craoladh Gàidhlig. B’ i aon de na buill a stèidhich Cothrom agus bha i am measg nan daoine a stèidhich Fèis Tìr a’ Mhurain agus bha i na h-oifigear-leasachaidh airson na fèise.

Jennifer NicGilleMhoire

Às dèidh dhi a bhith ag obair ann an Dàimh Phoblach aig Bòrd Turasachd Dhùn Èideann is Lodainn, ghabh Jennifer fois-dreuchd gus a cuid chloinne a thogail. Bha i riamh airson Gàidhlig ionnsachadh, agus nuair a thòisich a cuid chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dh’ionnsaich Jennifer Gàidhlig còmhla riutha, a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus Leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig. Dhaingnich seo a h-ùidh sa chànan, agus chuir i seachad 10 bliadhna ag obair ann an leasachadh na Gàidhlig. Tha Jennifer ag obair ann am poileasaidh slàinte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo.

Stewart MacLeòid

’S ann à Leòdhas a tha an Dr Stewart MacLeòid agus chaidh e gu Sgoil a’ Bhac agus gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Rinn e Ceum ann an Cànan agus Litreachas na Beurla ann an Oilthigh Obar Dheathain agus fhuair e PhD stèidhichte air rannsachadh mu mhion-chànanan na h-Alba – a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallta. Tha e teisteanaichte mar chunntasair agus tha e na bhall den Institiud Cairte airson Ionmhas Poblach agus Cunntasachd (Chartered Institute of Public Finance and Accountancy – CIPFA).  Tha a chùrsa-obrach air a bhith co-cheangailte ri ionmhas poblach: tha e air obrachadh ann an riaghaltas ionadail ann an Alba, tha dreuchdan àrd-ìre air a bhith aige le CIPFA agus sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha e air obrachadh air pròiseactan leasachaidh eadar-nàiseanta air am maoineachadh le DFID, Banca na Cruinne agus an t-AE, a’ toirt taic theignigeach agus trèanadh ionmhasail do riaghaltasan agus buidhnean poblach eile ann an còrr is 25 dùthchannan fo leasachadh. Tha e air a bhith a’ seinn ann an Còisir Ghàidhlig Lodainn bho 1998 agus tha e air a bhith na Oide Gàidhlig dhan chòisir bho 2018. Tha e na Chathraiche air a’ Chomataidh Sgrùdadh agus Dearbhaidh.

Dòmhnall MacAoidh

Rugadh agus thogadh Dòmhnall MacAoidh ann a sgìre na Pàirce ann an Leòdhais leis a’ Gàidhlig aige bhon ghlùn. Às dèidh dha Einnseanaireachd  Mheacanaigeach a dhèanamh sa cholaiste, ghluais e a dh’Obar Dheathain gus dreuchd a leantainn ann an gnìomhachas na h-ola. Às dèidh sin, chuir e seachad 16 bliadhna ag obair ann an Àisia, Afraga, an Ruis agus Nirribhidh, mus do thill e a dh’Alba. Tha e a-nis a’ fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain agus bidh e gu tric a’ dol air ais agus air adhart a Leòdhas.

Thug an ùine aige ann an dùthchannan cèin, far an do dh’ionnsaich e cànanan agus cultaran ùra, fìor thuigse dha mun luach a th’ ann a bhith dà-chànanach. Bu mhath leis gum biodh barrachd tuigse ri fhaicinn air feadh na dùthcha de luach ar cànain, chan ann a-mhàin taobh a-staigh ar coimhearsnachdan, ach mar dhòigh air cothroman fhosgladh dhuinn air feadh an t-saoghail.

Tha e a’ toirt leis 20 bliadhna de dh’eòlas air stiùiridh aig àrd-ìre bho ghnìomhachas na h-ola gu a dhreuchd mar bhall aig Bord na Ghàidhlig.

Seonaidh Charity

’S e tidsear Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Nis a th’ ann an Seonaidh Charity, a’ teagasg Gàidhlig mar chànan do sgoilearan Foghlam tron Ghàidhlig is do luchd-ionnsachaidh, a thuilleadh air cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Agus e fhèin na sheann sgoilear FtG, choisinn Seonaidh ceum Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu is PGDE bho Oilthigh Shrath Chluaidh.   Bha e ag obair mar thidsear san t-seòmar-sgoile is mar Cheannard Curraicealaim ann an Dùn Èideann. Tha eòlas aige ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam teagasg ’s e air a bhith na Cheannard Phrògraim is Àrd-òraidiche air ceum BA Gàidhlig is Foghlam Shabhal Mòr Ostaig is cùrsaichean PGDE Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh Maighstireachd Foghlaim (Med) Rannsachadh Sgrùdach le Àrd-urram a bhuileachadh air bho OGE, ’s e air rannsachadh a dhèanamh air leasachadh sgilean labhairt am measg sgoilearan FtG.

Nicola NicThòmais

Thogadh Nicola NicThòmais san Eilean Sgitheanach leis a’ Ghàidhlig bhon ghlùn, agus tha i a’ fuireach san eilean fhathast còmhla ris an duine aice agus an triùir chloinne. Bha is sa chiad bhuidhinn de sgoilearan a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Slèite agus tha ceumannan aice ann an Sòiseòlas à Oilthigh Shruighlea agus Gàidhlig à Sabhal Mòr Ostaig.  Chuir i seachad a’ mhòr-chuid de a beatha-obrach gu ruige seo, aig an t-Sabhal, agus mu dheireadh mar Stiùiriche Corporra. Tha gnìomhachas aice fhèin a-nise, Lasair Ltd, a tha a’ tabhann sheirbheisean taic do ghnìomhachasan Ghàidhlig aig astar. Tha sgilean aig Nicola ann an sgiobachd, rianachd agus riaghladh corporra. Bha i na stiùiriche air bòrd Fàs Mòr agus tha i na ball air Buidheann Ghàidhlig Eaglais na h-Alba agus tha i cuideachd a’ ruith buidheann-òigridh do dheugairean le Gàidhlig ann an eaglais na sgìre.

Còd-giùlain

 

Com-pàirtean, An t-Sultain 2023

 

Gnàth-riaghailtean, Dùbhlachd 2022 

 

Aithisg Riochdachadh Gnè, An Giblean 2021 

 

Fiosrachadh air tuarastalan

Bithear a’ foillseachadh fiosrachadh air tuarastalan Buill Bhòrd na Gàidhlig ann an Aithisg is Cunntasan Bliadhnail a’ Bhùird.