Iomairtean Dèan Diofar

Tha foghlam Gàidhlig na phrìomhachas ann an leasachadh na Gàidhlig agus bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair còmhla ri com-pàirtichean gus taic a thoirt do dh’iomairtean gus dreuchdan a bhrosnachadh san roinn seo.

Tha Bòrd na Gàidhlig air goireasan a leasachadh gus dreuchdan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh: Dèan Diofar & Dèan Diofar Tràth-bhliadhnaichean. Bidh na goireasan a’ brosnachadh agus a’ toirt seachad fiosrachadh mun dà chuid dreuchdan ann an Teagasg agus Tràth-bhliadhnaichean.

Dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an dreuchd ann am Foghlam Gàidhlig, bheir na goireasan seo beachd dhuibh air na diofar chothroman, bho shealladh eòlaichean a tha an-dràsta ag obair ann am Foghlam Gàidhlig.

Faodaidh buidheann sam bith a tha airson dreuchdan Foghlaim Gàidhlig a bhrosnachadh iad fhèin, na goireasan seo a chleachdadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faodaidh sibh fios a chur gu Sgioba Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig aig: foghlam@gaidhlig.scot