Dèan Diofar

Chaidh Dèan Diofar a leasachadh ann an co-bhann le Ùghdarrasan Ionadail gus daoine a bhrosnachadh gus beachdachadh air dreuchd ann am Foghlam Gàidhlig.

Tha fiosrachadh agus comhairle air leth fheumail ri fhaighinn bho Luchd-cleachdaidh air feadh na h-Alba mu theagasg aig diofar ìrean: Tràth-ìrean, Bun-sgoil, Àrd-sgoil & ann an dreuchdan àrdaichte.

Tha na goireasan seo a toirt sealladh air na buannachdan is cothroman a tha ann do neach sam bith a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann am Foghlam Gàidhlig. Tha barrachd fios ri fhaighinn mu na slighean eadar-dhealaichte an seo.