Planaichean Gàidhlig Saor-thoileach – Ceistean Cumanta

Tha ùidh a’ sìor fhàs am measg bhuidhnean coimeirsealta a bhith a’ dol an sàs ann an cleachdadh na Gàidhlig, a’ togail cheanglaichean le luchd-labhairt agus luchd ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.  Tha seo air a dhèanamh soilleir ann an Suirbhidh Bheachdan Sòisealta na h-Alba 2021.

Ged a tha planaichean Gàidhlig reachdail air an ullachadh le buidhnean poblach ann an Alba fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, chan eil dleastanas aig buidhnean treas-roinne agus prìobhaideach seo a dhèanamh. Tha iomadh buidheann prìobhaideach agus treas-roinne, ge-tà, airson planaichean Gàidhlig saor-thoileach ullachadh agus a chur an gnìomh.

Gu h-ìosal chì sibh Ceistean Cumanta mu dheidhinn leasachadh agus buileachadh phlanaichean Gàidhlig saor-thoileach.   Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, faodaidh sibh cuideachd fios a chur gu Brian Ó hEadhra – Manaidsear Chom-pàirteachasan is Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig.

Carson a dh’fheumas sinn Plana Gàidhlig ullachadh?

Tha planaichean Gàidhlig air an ullachadh airson comas buidhinn a mheudachadh gus taic a chur ri cleachdadh, inbhe, agus ionnsachadh na Gàidhlig mar phàirt de an gnìomhan.

Tha planaichean Gàidhlig a’ toirt comas do bhuill den phoball a dh’fhaodadh a bhith airson Gàidhlig a chleachdadh ann an coileanadh an gnothachas làitheil le ur buidheann, agus a’ leigeil le ur luchd-obrach Gàidhlig a chleachdadh san àite-obrach mar phàirt de an dleastanasan àbhaisteach.

Dè a’ bhuaidh a bhios aig gabhail ri Plana Gàidhlig?

Le bhith ag ullachadh plana no poileasaidh Gàidhlig, bidh ur buidheann a’ cuideachadh le inbhe thèarainte a ghlèidheadh don Ghàidhlig mar chànan oifigeil na h-Alba, le spèis co-ionann ris a’ Bheurla. Tha dreuchd dheatamach aig an roinn prìobhaidich agus aig an treas roinne ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghàidhlig beò mar chànan agus gun soirbhich i san àm ri teachd.

Tha planaichean Gàidhlig a’ cuideachadh le dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig air a cleachdadh agus gu bheil iomadachd cànain na h-Alba air fad air a bheairteachadh.

Am feum ar Plana Gàidhlig aonta bho Bhòrd na Gàidhlig?

Chan fheum planaichean Gàidhlig saor-thoileach a bhith air an aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, mar a dh’fheumas planaichean Gàidhlig reachdail. Ach, tha sinn toilichte lethbhreac de ur plana fhaotainn airson ar clàraidhean.

Am bi cosgaisean a bharrachd an cois toirt a-steach sheirbhisean dà-chànanach?

Ma dh’fhaoidte gun cosg e barrachd san ùine ghoirid ach tha buannachdan ann san ùine fhada agus faodar cosgaisean a chumail aig an ìre as lugha tro phlanadh èifeachdach. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

Ciamar as urrainn dhuinn dà chànan a chleachdadh gun a bhith a’ lùghdachadh prionnsapalan dealbhaidh agus suaicheantais? An lagaich e ar suaicheantas?

Tha suaicheantas dà-chànanach air a chleachdadh gu h-àbhaisteach gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh a shealltainn gu bheil e a’ neartachadh suaicheantas ma tha e air a dhealbhadh ann an dòigh chruthachail. Tha a’ Ghàidhlig a’ tabhann adhbhar margaidheachd àraid agus sònraichte do bhuidhnean. A-rithist, tha e cudromach a bhith a’ planadh agus a’ smaoineachadh gu dà-chànanach bhon chiad dol-a-mach. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

Am bi cnap-starra ann airson daoine aig nach eil Beurla mar chiad chànan?

Tha rannsachadh air sealltainn nach eil seo a’ tachairt, agus gu dearbh gu bheil a’ Ghàidhlig a’ togail ùidh agus a’ toirt seachad ìre de dheagh fhaireachdainn. Bidh barrachd air aon chànan aig mòran dhaoine mu thràth agus bidh iad gu math eòlach air a bhith a’ cleachdadh dà chànan no barrachd gu làitheil.

Dè nì sinn ma tha iarrtas / ìre-cleachdaidh sheirbhisean Gàidhlig ìosal?

Cumaibh ur fòcas air an dealbh san ùine fhada – tha leasachadh ag àrdachadh iarrtas ach dh’fhaodadh gum bi dàil ann mus tachair seo. Dèan ath-sgrùdadh air an dòigh anns a bheilear a’ cur nan seirbhisean seo air adhart agus gam brosnachadh.

Ciamar a riaghlas sinn an t-uallach a bharrachd le bhith ag obair gu dà-chànanach?

Faodaidh luchd-obrach dà-chànanach an dreuchdan a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Beurla, agus ’s urrainn dhaibh tionndadh eadar cànanan, a’ toirt seachad luach a bharrachd. Ma tha luchd-obrach a’ faighinn àrdachadh sgilean, bidh iad nas misneachail agus nas dealasaiche agus faodaidh iad freagairt air luchd-cleachdaidh ann an dòigh nas èifeachdaiche.

An urrainn dhuinn cuideachadh fhaighinn le Plana Gàidhlig a sgrìobhadh? A bheil teamplaidean sam bith ann?

Faodaidh sibh na duilleagan aig Bòrd na Gàidhlig mu dheidhinn Planaichean Gàidhlig Reachdail fhaighinn an seo far a bheil diofar innealan agus ghoireasan a dh’fhaodadh a bhith cuideachail dhuibh.  Cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig ma tha ceistean sam bith agaibh.

An urrainn dhuinn maoineachadh fhaighinn airson taic a chur ri ar Planaichean Gàidhlig?

Tha corra sgeama maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig a dh’fhaodadh taic a chur ri eileamaidean de ur plana cànain, leithid trèanadh, tachartasan agus co-obrachadh.  Coimheadaibh air ar duilleagan Maoineachaidh an seo airson barrachd fiosrachaidh no cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig.