Proifeiseantaich

Ro-ràdh airson proifeiseantaich

Tha an earrann seo gu sònraichte ag amas air oifigearan le uallach airson planaichean cànain Gàidhlig ullachadhagus a chur an gnìomh.  Gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche tro na tabaichean gu h-ìosal.

Thathas ag uallachadh phlanaichean cànain Gàidhlig gus comas bhuidhnean a mheudachadh gus taic a thoirt do chleachdadh, inbhe agus togail Gàidhlig mar phàirt de na gnìomhan aca.

Gus àbhaisteachadh na Gàidhlig a choileanadh, tha e na phrìomhachas gu bheil i air a toirt a-steach do leasachadh poileasaidh, lìbhrigeadh seirbheis agus gnìomhan eile. Is e an toradh farsaing gum bi a’ Ghàidhlig a’ sìor-fhàs follaiseach agus ri cluinntinn air feadh Alba

Adhbhar nam Planaichean Gàidhlig

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a’ toirt aithne don Ghàidhlig mar chànan oifigeil ann an Alba a tha a’ faighinn spèis a tha co-ionann ris an spèis a th’ ann don Bheurla, agus tha àite fìor chudromach aig roinn phoblach na h-Alba ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghàidhlig mar chànan beò a thig am feabhas san ùine air thoiseach.

Tha Planaichean Gàidhlig a’ cumail taic ri daoine bhon mhòr-shluagh a tha math dh’fhaodte airson Gàidhlig a chleachdadh nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri ùghdarras poblach agus tha iad a’ toirt cothrom don luchd-obrach aig ùghdarrasan poblach Gàidhlig a chleachdadh san àite-obrach, mar phàirt den obair làitheil aca.

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Chuir Pàrlamaid na h-Alba aonta ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air 21 Giblean 2005 agus i a’ faighinn taic bho na pàrtaidhean uile, agus fhuair an Achd Aonta Rìoghail air 1 Ògmhios 2005. Tha toiseach na h-Achd 2005 a’ leughadh mar a leanas

Achd aig Pàrlamaid na h-Alba gus buidheann a stèidheachadh air am bi dleastanasan a bhios gan coileanadh le sùil gus inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba a tha a’ faighinn spèis a tha co-ionann ris an spèis a th’ ann don Bheurla, dleastanasan a tha gabhail a-steach a bhith ag ullachadh plana cànain nàiseanta Gàidhlig, ag iarraidh mar nì riatanach air cuid de dh’ùghdarrasan poblach planaichean Gàidhlig ullachadh is fhoillseachadh mar phàirt de choileanadh nan dleastanasan aca agus ag iarraidh air na h-ùghdarrasan sin na planaichean aca a chumail suas agus a chur an gnìomh, agus a’ foillseachadh stiùireadh a thaobh foghlam Gàidhlig.

Tha an Achd 2005 a’ toirt ùghdarras don Bhòrd fios-plana reachdail a chur gu ùghdarras poblach Albannach buntainneach sam bith,  ùghdarras poblach tar-chrìochail buntainneach sam bith no Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, ag innse dhaibh gum feum iad plana Gàidhlig ullachadh, sam bi an t-ùghdarras a’ cur nan gnìomhan an cèill a bheir e gu buil a thaobh cleachdadh na Gàidhlig.

Plana Nàiseanta Gàidhlig

Bidh Bòrd na Gàidhlig ag uallachadh agus a’ foillseachadh am Plana Nàiseanta Gàidhlig suas ri gach 5 bliadhna.

Tha an Achd 2005 ag iarraidh gum bi ùghdarrasan poblach a’ gabhail ealla ris a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig as ùire nuair a tha iad a’ sgrìobhadh am plana Gàidhlig aca.

‘S e cuir an gnìomh nam planaichean Gàidhlig aig ùghdarrasan poblach aon de na dòighean as cudromaiche gus am Plana Nàiseanta Gàidhlig a chur air adhart.

Spèis Cho-ionnan

Tha earrann 3(1) den Achd ag iarraidh gum bi Bòrd na Gàidhlig ag obair le sùil gus inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba a tha a’ faighinn spèis a tha co-ionann ris an spèis a th’ ann don Bheurla.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gus spèis cho-ionnan eadar Gàidhlig agus Beurla a choileanadh agus thathas an dùil gum bi ùghdarrasan poblach a’ dearbhadh anns na planaichean aca ciamar a nì iad seo gu practaigeach.

Ullachadh phlanaichean

Cur an gnìomh planaichean

Planadh cànain ann an dùthchannan eile

Ceistean cumanta (FAQs)