Dèiligeadh ri Gearanan

Faodaidh sibh innse do neach-obrach sam bith mu ghearan a th’ agaibh agus tha e an urra riutha dèiligeadh ris a’ ghearan agaibh a rèir Poileasaidh is Modhan Bhòrd na Gàidhlig gus Dèiligeadh ri Gearanan.

Faodaidh sibh gearan a dhèanamh ann an sgrìobhadh, air a’ fòn, aghaidh-ri-aghaidh, ann am post-d no tro mheadhan maireannach sam bith eile a fhreagras oirbh, mar a chlàradh air CD no teip.

Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac den Phoileasaidh is na Modhan aig Bòrd na Gàidhlig gus Dèiligeadh ri Gearanan, briogaibh gu h-ìosal no cuiribh fios thugainn aig:

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a’ Ghlinne Mhòir
Rathad na Leacainn
INBHIR NIS
IV3 8NW

Post-d: corporra@gaidhlig.scot

Bòrd na Gàidhlig Modhan gus Dèiligeadh ri Gearanan

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn am PDF seo a leughadh. Ma tha e a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.