Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air 13mh Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air 1mh Ògmhìos 2005.

Fon Achd, tha Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gach còig bliadhna, agus bidh am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh agus a chur an gnìomh. Tha e an urra ris a’ Bhòrd comhairle a thoirt air foghlam Gàidhlig, agus comhairle air cùisean Gàidhlig a thoirt do Mhinistearan na h-Alba.

Tha an Achd a’ toirt bun-stèidh oifigeil dhan iomairt gus cànan is dualchas nan Gàidheal a ghlèidheadh agus ’s e Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri daoine is buidhnean eile a tha a’ coileanadh dleastanasan na h-Achd.

Am measg nan dleastanasan sònraichte aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig tha:

  • comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig;
  • Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a dheasachadh ’s a stiùireadh;
  • comhairle a thoirt seachad air cùisean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig ann an Alba;
  • comhairle agus stiùireadh a thoirt do bhuidhnean poblach mu Phlanaichean Gàidhlig; agus
  • a bhith tomhas mar a choileanar dleastanasan Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan a thaobh na Gàidhlig ann an Alba agus sin innse do Mhinistearan na h-Alba.

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.