Faotainn Fiosrachadh

Saorsa an Fhiosrachaidh

Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 (an Achd) ag iarraidh air ùghdarrasan poblach ann an Alba sgeama foillseachaidh a dhealbh agus a chur an gnìomh.

Fon lagh tha e an urra ri ùghdarrasan:

  • innse dè na seòrsaichean fiosrachaidh a bheir iad seachad gu h-àbhaisteach;
  • innse don mhòr-shluagh mar a gheibh iad am fiosrachadh agus mun chosgais a dh’fhaodadh a bhith ann.

Tha Bòrd na Gàidhlig air gabhail ri Sgeama Foillseachaidh Coileanta 2015 a dh’fhoillsich Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air an Sgeama Fhoillseachaidh againn, air mar a gheibh sibh fiosrachadh, no air mar a chuireas sibh iarrtas a-steach airson fiosrachaidh, briogaibh air a’ cheangal a leanas:

Stiùireadh a’ Bhùird mu Fhiosrachadh