Cothroman Maoineachaidh
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Ge-tà, ma tha beachd agaibh air pròiseact aig àm sam bith den bhliadhna is nach eil sgeama taic-airgid freagarrach fosgailte aig an àm sin, leigibh fios thugainn. Às deidh dhuibh bruidhinn rinn, ma tha cothrom agaibh iarrtas a chur a-steach bidh agaibh ri foirm-iarrtais a’ lìonadh. Feuchaidh sinn co-dhùnadh a’ ruighinn cho luath sa ghabhas. Mar as trice bidh 6-8 seachdain ann airson co-dhùnadh a’ ruighinn air iarrtas.
Airson am fios as ùra air sgeamaichean maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig, clàraichibh an-seo.