Taic Freumhan Coimhearsnachd 2022/23
Tha sgeama 2022/23 a-nis dùinte ri iarrtasan ùra, is measadh a’ dol air na h-iarrtasan.
Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic tron sgeama bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.
Chaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.
Tha am maoin seo a-nis fosgailte do thagraidhean airson pròiseactan a bhios a’ ruith eadar a’ Ghiblean 2022 agus an Lùnastal 2023 a bhiodh a’ cur ri amasan am Plana Cànain Nàiseanta agus Plana Chorporra Bòrd na Gàidhlig 2018-23, gu h-àraidh ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd.
Am-bliadhna tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri pròiseactan a bhios:
- A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg luchd-labhairt de dhiofar aoisean
- A’ toirt cothrom do dhaoine òga le Gàidhlig an cànan a chleachdadh taobh-a-muigh na sgoile, colaiste no oilthigh
- A’ dèanamh fòcas air taic a chumail ri sunnd dhaoine tro bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig
- A’ brosnachadh no a’ cumail taic ri teaghlaichean airson Gàidhlig a chleachdadh còmhla no aig an dachaigh
- A’ cruthachadh chothroman do dh’inbhich gus Gàidhlig ionnsachadh
- A’ cur Gàidhlig air adhart mar phàirt de chomharrachaidhean agus tachartasan ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta, leithid Bliadhna nan Sgeul 2022
Gheibhear ceangal gu stiùireadh do thagraichean agus foirm-iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dimàirt 18 Faoilleach 2022. CHA GHABH Bòrd na Gàidhlig ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.