Luchd-obrach

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

 

Bòrd na Gàidhlig Structar a’ Bhùird is Luchd-Obrach

Graphic: An organogram of Bòrd na Gàidhlig including Board, Committees, Executive, Senior Management Team and other staff

Structar na Buidhne 2023/24

Ceannard

Picture: A headshot of Ealasaid MacDonald, CEO of Bòrd na Gàidhlig.

Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard

Tha Ealasaid Dòmhnallach, na Ceannard air Bòrd na Gàidhlig agus thòisich i san dreuchd san t-Sultain 2023.

Tha eòlas farsaing aig Ealasaid, a bhuineas do na h-Eileanan Siar agus a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, air a bhith ag obair an dà chuid air tìr-mòr agus sna h-eileanan. Anns an dreuchd mu dheireadh aice mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taobh A-muigh le MG ALBA, bha i os cionn conaltradh corporra agus luchd-ùidh. Le eòlas air a bhith ag obair san roinn phoblaich agus mar chomhairliche poileasaidh is cùisean poblach air a ceann fhèin, tha Ealasaid air a bhith aig fìor thoiseach iomadh iomairt is leasachadh gus feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh fad a cùrsa-obrach.

Stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Ealasaid ag obair gu dlùth le buill a’ Bhùird agus leis an àrd sgioba-stiùiridh, agus cuideachd le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach agus coimhearsnachdan Gàidhlig.

Cleachdadh

Picture: A headshot of Iain MacMillan, Bòrd na Gàidhlig's Director of Development.

Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh

Tha Stiùiriche Leasachaidh a’ dealbh agus a’ toirt buaidh air ro-innleachdan iomchaidh, agus a’ togail chom-pàirteachasan le daoine is buidhnean eile gus cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an coimhearsnachdan.

Post-d: iain@gaidhlig.scot


Manaidsear Rannsachaidh is Planadh Corpais

Tha Dr Peadar Morgan anns an sgioba Cleachdaidh, ach a’ cumail taic thairis air seirbheisean Bòrd na Gàidhlig.

Tha Peadar an tùs poileasaidh is co-obrachaidh is mholaidhean a’ Bhùird air planadh corpais; ‘s e sin, cùisean a’ chànain fhèin mar chainnt, leithid briathrachas is gràmar is litreachadh is ainmean.

‘S e pàirt mòr dhen t‑saothair aige, dàta air sluagh is foghlam is eile a tharraing ri chèile agus a thaisbeanadh ann an clàir is grafaichean is mapaichean gus an suidheachadh aig a’ Ghàidhlig a chur an cèill dhan phoball agus – ann am mionaideachd – do luchd poileasaidh is riaghlaidh.

Airson eòlas ceart air cor na Gàidhlig, bidh luchd-rannsachaidh a’ dèanamh sgrùdadh do Bhòrd na Gàidhlig an conaltradh ri Peadar. Ach a bharrachd air sin, tha tòrr ri ionnsachadh bho rannsachadh is bho chànanan eile, agus tha Peadar a’ cumail sùil air eòlas ùr eadar-nàiseanta a tha a’ nochdadh cuideachadh no cunnart dhan Ghàidhlig.

Post-d: peadar@gaidhlig.scot


Manaidsear Chom-pàirteachasan is Leasachaidh

Bidh Brian Ó hEadhra ag obair thairis air sgioba Bhòrd na Gàidhlig agus còmhla ri com-pàirtichean air an taobh a-muigh gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine a’ cleachdadh agus a’ faighinn buannachd às a’ Ghàidhlig aig an obair, aig an taigh agus sa choimhearsnachd.

Bidh e a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean air an taobh a-muigh an sàs gu h-iomlan ann an lìbhrigeadh cho-obrachaidhean ro-innleachdail agus ag adhartachadh amasan a’ Phlana Cànan Nàiseanta Gàidhlig.

Bidh Brian a’ stiùireadh obair Bhòrd na Gàidhlig ann am pròiseactan com-pàirteachais eadar-nàiseanta Gàidhlig ann an co-obrachadh le buidhnean leasachaidh ro-innleachdail eile a’ gabhail a-steach Foras na Gaeilge agus iomairt Colmcille.

Post-d: brian@gaidhlig.scot


Oifigearan Planaichean Cànain

Tha uallach air na h-Oifigearan Planaichean Cànain againn,  Christie MicIlleathain, Anna Walker agus Kyle Orr, a bhith a’ comhairleachadh, a’ toirt iùil agus a’ stiùireadh dhàimhean le ùghdarrasan poblach tron phròiseas reachdail ann a bhith a’ leasachadh agus a’ foillseachadh nam planaichean Gàidhlig aca.

Bidh oifigearan nam planaichean cuideachd ag obair le co-obraichean anns an Sgioba Planadh Cànain gus taic a chumail ri èifeachdas iomlan pròiseas nam planaichean cànain reachdail.

Post-d: christie@gaidhlig.scot, anna@gaidhlig.scot, kyle@gaidhlig.scot.


Oifigear Buileachaidh nam Planaichean

Tha uallach air Oifigear Buileachaidh nam Planaichean, Chirsty Graham, airson sgrùdadh a dhèanamh air an adhartas a tha ùghdarrasan poblach air a dhèanamh gus na planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh.

Bidh an t-Oifigear Buileachaidh cuideachd ag obair le co-obraichean san Sgioba Planadh Cànain gus taic a chumail ri èifeachdas iomlan pròiseas nam planaichean cànain reachdail.

Post-d: chirsty@gaidhlig.scot


 Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan

Tha Steven Kellow os chionn stiùireadh rianachd agus lìbhrigeadh nan sgeamaichean maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig. Conaltradh le measgachadh de dh’ùghdarrasan poblach, buidhnean Gàidhlig, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa-leth gus taic a chur riutha ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart.

Post-d: stevenk@gaidhlig.scot


Rianaire Maoineachaidh

Mar phàirt den sgioba thabhartasan Bhòrd na Gàidhlig, tha uallach aig Theresa NicAmhlaigh airson rianachd thabhartasan agus a’ toirt taic do luchd-iarrtais leis na pròiseactan aca.

Post-d: theresa@gaidhlig.scot

 

Foghlam

Picture: A headshot of Jennifer McHarrie, Bòrd na Gàidhlig's Director of Education.

Jennifer McHarrie, Stiùiriche Foghlaim

Tha Jennifer McHarrie na Stiùiriche Foghlam Gàidhlig agus tha i na ceannard air Sgioba an Fhoghlaim aig a’ Bhòrd. Bidh Jennifer ag obair gu dlùth ris na co-obraichean aice ann an Sgioba an Fhoghlaim gus na gealltanasan ann am Plana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh agus – ag obair ann an com-pàirteachas le farsaingeachd de bhuidhnean nàiseanta, sgiobaidhean foghlaim aig Ughdarrasan Ionadail agus le Riaghaltas na h-Alba. Thòisich i san dreuchd ann an 2022.

Post-d:jennifer@gaidhlig.scot


Manaidsearan Foghlaim

Tha uallach air a’ Mhanaidsear Foghlaim againn, Zoey NicLeòid, a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ dealbh agus a’ coileanadh Planaichean Corporra is Gnìomh a’ Bhùird agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid na prìomhachasan is gnìomhan co-cheangailte ri ionnsachadh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.

Mar phàirt de sgioba an fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig bidh i ag obair còmhla ri Ùghdarrasan Ionadail agus luchd-ùidh eile a tha an sàs ann am foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus taic a chumail ri bhith a’ toirt leasachadh is leudachadh air na raointean foghlaim sin.

Post-d: zoey@gaidhlig.scot


Oifigear Leasachaidh (Tidsearan)

Tha uallach air Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), Sian Baldwin, taic a chumail ri tidsearan Gàidhlig agus tidsearan le Gàidhlig aig gach ìre, agus a’ cur ri obair fharsaing sgioba an fhoghlaim ann a bhith a’ cur taic ri sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. Tha uallach sònraichte aice a bhith a’ toirt seachad comhairle ’s a’ sanasachd nan cothroman agus nam buannachdan a th’ ann an teagasg sa Ghàidhlig do sgoilearan, do dh’oileanaich agus do dh’inbhich ann an saoghal na h-obrach. Am measg seo, tha cothroman leasachadh proifeiseanta, an Sgeama Thabhartasan Foghlaim, agus cuairtean air sgoiltean agus fèilltean dhreuchdan.

Post-d: sian@gaidhlig.scot 


Oifigear Leasachaidh Foghlam

Tha Màiri NicIlleMhoire ag obair ann an sgioba Foghlam Bhòrd na Gàidhlig mar Oifigear Leasachaidh Foghlaim. Tha uallach oirre cuideachd airson sgioba nan Tràth-bhliadhnaichean a tha a’ toirt stiùireadh, taic agus fiosrachadh do bhuidhnean air feadh Alba.

Tha Màiri ag obair gu dlùth ri Comann nam Pàrant cuideachd airson maoineachadh tràth-bhliadhnaichean a sgaoileadh do bhuidhnean air feadh na h-Alba gus piseach a thoirt air àireamhan a tha a’ dol do dh’ Fhoghlam tron Ghàidhlig. Bidh Màiri cuideachd a’ cur air dòigh agus a’ planadh trèanadh airson stiùirichean-cluiche le sgioba nan tràth-bhliadhnaichean agus le Stòrlann. Tha Màiri na ball de bhuidheann stiùiridh nàiseanta nan tràth-bhliadhnaichean cuideachd agus bidh i a’ toirt stiùireadh seachad air cruthachadh ghoireasan feumail do theaghlaichean gus a’ Ghàidhlig a thogail agus a chleachdadh anns an dachaigh.

Post-d: mairit@gaidhlig.scot


 

Corporra

Picture: A headshot of Nicola Pearson, Bòrd na Gàidhlig's Head of Finance and Corporate Services.

Nicola Pearson – Ceann an Ionmhas is Cùisean Corporra

Mar Cheann an Ionmhais is Cùisean Corporra, tha uallach aig Nicola Pearson aig a’ cheann thall airson ionmhas, agus airson gnothaichean agus gnìomhan corporra.  Mar bhall den Sgioba-stiùiridh, tha dleastanas cudromach aig Nicola a bhith a’ planadh agus a’ cumail sùil air ro-innleachd Bhòrd na Gàidhlig, tron Phlana Ionmhais Meadhan-ùine, pròiseasan buidseataidh,  tro aithris agus ro-aithris ionmhasail agus tha i ag obair gus dèanamh cinnteach gum faighear an luach as fheàrr bhon Tabhartas gus Cuideachadh againn.  Tha i a’ cumail taic ris an Rianadair Ionmhais ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid na gnìomhan làitheil uile a chur an gnìomh le smachd ionmhasail iomchaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionmhas mar as còir agus gu bheilear a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh leasachaidhean air na siostaman agus pròiseasan far a bheil sin a dhìth; agus tha an dleastanas oirre cuideachd a bhith a’ stiùireadh pròiseas deireadh na bliadhna leis an luchd-sgrùdaidh a-muigh againn.

Ann an Cùisean Corporra, tha Nicola ag obair gu dlùth leis an sgioba rianachd gus na pròiseasan ceann-gu-ceann aig coinneamhan comataidhean agus Bùird a stiùireadh gus taic a chumail ri deagh riaghladh.  Tha e cuideachd na phàirt cudromach den obair aice a bhith a’ stiùireadh nan dàimhean obrach làitheil le In-sgrùdadh agus Sgrùdadh a-Muigh, a’ dèanamh cinnteach gun tèid gach moladh a chur an gnìomh mar as iomchaidh;  agus a’ stiùireadh cur an gnìomh nan gnìomhan air plana leasachaidh leantainneach Bhòrd na Gàidhlig.   Tha Nicola cuideachd a’ cumail taic ris a’ Mhanaidsear Ghnìomhan, aig a bheil uallach airson foincseanan corporra, a’ gabhail a-steach solar, IT agus HR, agus dhan sgioba Conaltraidh airson a bhith a’ lìbhrigeadh nan ro-innleachdan conaltraidh a-staigh is a-muigh.

Post-d: nicola@gaidhlig.scot


Oifigear Rianachd Ionmhais

Tha Helen Walker os cionn chunntasan agus obraichean ceangailte ri agus a’ cuideachadh ceann an ionmhais.

Post-d: helen@gaidhlig.scot


Manaidsear Gnìomhan

Tha aig Karen nic a’ Ghobhinn ri stiùireadh agus sùil a chumail air gnìomhan agus ri dèanamh cinnteach gu bheil gach taobh de dh’obair-gnìomh a rèir nan riaghailtean. Tha dleastanasan aice cuideachd a thaobh obair rianachd gnothachais, seirbhisean daonna, conaltradh taobh a-staigh na buidhne agus teicneòlas.

Post-d: karen@gaidhlig.scot


Oifigear Gèillidh

Bidh Carol NicIain a’ coimhead às dèidh rianachd air siostaman fàidhlidh dealanach agus fiosaigeach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad nua-aimsireil agus air an cumail suas a rèir dleastanasan fon Phlana Rianachd Chlàran, Dìon Dàta, Saorsa Fhiosrachaidh agus GDPR.

Post-d: carol@gaidhlig.scot


Rianadair Gnothachais

Tha an Rianadair Gnothachais againn, Orla NicDhòmhnaill, a’ toirt taic don Mhanaidsear Gnìomhan le bhith a’ cuideachadh le stiùireadh agus a’ co-òrdanachadh gach taobh de dh’obair rianachd na buidhne. Tron obair aig Bòrd na Gàidhlig agus le bhith a’ dèanamh cùrsa aig astair le Oilthigh Robert Gordon tha i aig obair a dh’ionnsaigh ceum ann an Stiùireadh Gnothachais.

Post-d: orla@gaidhlig.scot


Oifigear Conaltraidh

Bidh Oifigear Conaltraidh Bhòrd na Gàidhlig, Ruairidh Hamilton, a’ coimhead às dèidh conaltradh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne, a’ gabhail a-steach nam meadhanan sòisealta, iarrtasan bho na meadhanan, brathan-naidheachd, tachartasan, taic do phròiseactan agus iomadh rud eile.  Bidh iad ag obair gu dlùth le na diofar roinnean aig Bòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt seachad le iomairtean conaltraidh agus a leithid.

Post-d: ruairidh@gaidhlig.scot

Com-pàirtean an Sgioba Stiùiridh

Com-pàirtean an Sgioba Stiùiridh 11/09/2023

Fiosrachadh air Àrd-thuarastalan

A rèir stiùiridhean Riaghaltas na h-Alba, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh ainm, tiotal obrach agus tuarastal àrd luchd-obrach (co-ionann ri Ìre 2 agus nas àirde airson àrd-Sheirbheisich Chatharra) air an làraich-lìn againn.

Aig an àm seo chan eil oifigear sam bith aig Bòrd na Gàidhlig san roinn-seòrsa seo, ach tha dàta bhon Àrd Sgioba-stiùiridh ri fhaighinn san aithisg bhliadhnail as ùire againn an seo.

Bha am fiosrachadh air an duilleag seo ceart nuair a chaidh ùrachadh sa Ghiblean 2024.