Poileasaidhean & Foillseachaidhean

Plana Corporra 2018 - 2023

Poileasaidh Dhìomhair no Àrd-fhrionasach

Aithris airson Dleastanas Bith-Iomadachd

A’ Chairt Luchd-ùidhe Againn

Aithisgean a' Bheàrn Neo-ionannachd Tuarastal nan Gnè

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sìor obair gus a’ bheàrn neo-ionannachd tuarastal nan gnè a dhùnadh agus tha iad air prògram tàlant is soirbheachas ùr a thoirt a-steach gus sùil a chumail air leasachadh prìomh thàlaint agus gus ceannardan san àm ri teachd a chomharrachadh taobh a-staigh na buidhne.

Tha Bòrd na Gàidhlig air leasachaidhean susbainteach a dhèanamh ann a bhith a’ lùghdachadh na beàrn neo-ionannachd tuarastal nan gnè aca thar na bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinn moiteil a’ bheàrn pàighidh chuibheasach againn a lùghdachadh 4.8% agus a’ bheàrn pàighidh mheadhanach againn a lùghdachadh 3.1%, ach tha sinn a’ tuigsinn gum feumar barrachd a dhèanamh gus a bhith a rèir na cuibheasachd nàiseanta.

Tha Bòrd na Gàidhlig air pròiseas leasachadh pearsanta ùr a thoirt a-steach a tha air a fhreagradh ri miannan dreuchd agus leasachadh leantainneach gach neach-obrach fa-leth. Tha seo ag amas air luchd-obrach a bhrosnachadh air an t-slighe dreuchd cheart tron bhuidhinn.

Bha dùil ris an aithisg beàrn neo-ionannachd tuarastal nan gnè againn airson na bliadhna a’ crìochnachadh sa Mhàrt 2020, ach air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte chaidh dàil a chur air seo. Tha foillseachadh an dàta seo a’ toirt cothrom don bhuidheann dòighean a chomharrachadh airson leasachaidhean a dhèanamh thar obrachadh na buidhne uile.

Air sgàth cho beag ’s a tha sgioba-obrach Bòrd na Gàidhlig, bidh a’ bheàrn pàighidh gnè againn ag atharrachadh gu tric a rèir cruth ar sgioba-obrach. Tha 22 neach-obrach againn, agus mar sin faodaidh atharrachadh sam bith ann an luchd-obrach buaidh mhòr a thoirt air na figearan sin.

Leanaidh Bòrd na Gàidhlig air adhart a’ sgrùdadh ar pròiseas fastaidh a-staigh agus a-muigh gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn tarraingeach do na h-uile. Bidh sinn a’ dèanamh ath-sgrùdadh cunbhalach air cleachdaidhean obrach agus a’ cumail sùil air obrachadh sùbailte, àrdachadh dreuchd taobh a-staigh na buidhne, tuarastalan agus trusadh.

Aithisg Neo-ionannachd Tuarastal nan Gnè airson 2020 agus 2021

Pàrantan Corporra is Aithisg Còraichean Cloinne

Mar phàirt de Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014, tha Bòrd na Gàidhlig a-nis air a  chomharrachadh fon lagh mar Phàrant Corporra. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil dleastanasan reachdail againn a dh’fheumas sinn a choileanadh a thaobh cloinne is dhaoine òga fo chùram (CDOFC) agus feadhainn a b’ àbhaist a bhith fo chùram. Tha an t-uallach gus na dleastanasan seo a choileanadh a’ buntainn ris a’ bhuidhinn gu lèir, ach ’s ann ris a’ Bhòrd  Stiùiridh agus an Sgioba Stiùiridh a tha e an urra dèanamh cinnteach gun tèid na dleastanasan seo a choileanadh aig a’ cheann thall.

 Plana Gnìomh Bòrd na Gàidhlig airson Pàrant Corporra 2028-2028 |

Aithisg Còraichean Cloinne 

Sgrìobhainn le Bun-fhrèam airson Buidheann Phoblach Neo-roinneil Ghnìomhach

Chaidh an sgrìobhainn le bun-fhrèam a sgrìobhadh le Riaghaltas na h-Alba ann an com-pàirt ri Bòrd na Gàidhlig.

Tha i a’ cur an cèill frèam farsaing fo ’m bi Bòrd na Gàidhlig ag obair agus tha e a’ comharrachadh prìomh dhleastanasan is uallaichean a bhios nam bun-stèidh don dàimh eadar Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba agus tha i na pàirt cudromach den fhrèam chunntachalachd is riaghlaidh againn.

Bòrd na Gàidhlig Framework Document

Achd Ath-leasachadh nan Seirbheisean Poblach (Alba) 2010

Tha earrainnean 31 is 32 de Achd Ath-leasachadh nan Seirbheisean Poblach (Alba) 2010 a’ fàgail dleastanas air Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach ainmichte fiosrachadh cosgais den t-seòrsa a leanas fhoillseachadh cho luath ’s as urrainn dhaibh às dèidh deireadh gach bliadhna:

  • Dàimhean ris a’ phoball
  • Siubhal Thall Thairis
  • Aoigheachd is fèisteas
  • Co-chomhairleachadh bhon taobh a-muigh
  • Suimeannan pàighte nas motha na £25,000

Achd  Ath-leasachadh nan Seirbheisean Poblach (Alba) 2010

Caiteachas agus Paighte thairis air 25K:

BnG Caitcheas Gib 2021 – Màr 2022

BnG Caiteachas Gib 2020 – Màr 2021

BnG Caiteachas Gib 2019 – Màr 2020

BnG Caiteachas Gib 2018 – Màr 2019

BnG Caiteachas Gib 2017 – Màr 2018

BnG Caiteachas Gib 2016 – Màr 2017

BnG Caiteachas Gib 2015 – Màr 2016

BnG Caiteachas Gib 2014 – Màr 2015

Teirmean is Cumhachdan Chùmhnaint Choitchinn

Co-ionnanachd

Dleastanasan Co-ionnanachd

Fo Riaghailtean Achd na Co-ionannachd 2010 (Dleastanasan Sònraichte) (Alba) (na Riaghailtean), feumaidh Bòrd na Gàidhlig fios fhoillseachadh mun adhartas a nì e a thaobh a bhith dèanamh dleastanas co-ionannachd na roinne poblaiche (DCRP) na nì àbhaisteach don bhuidhinn agus a thaobh nam builean a stèidhicheas a’ bhuidheann airson a h-uile dà bhliadhna. Às dèidh atharraichean a thàinig air na Riaghailtean, feumaidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd aithrisean fhoillseachadh air co-ionannachd pàighidh agus fiosrachadh mu Bhuill a’ Bhùird.  Gheibhear aithisgean iomlan gu h-ìosal le fiosrachadh air prògram nan iomairtean a tha sinn a’ cur an sàs gus co-ionannachd a dhèanamh àbhaisteach nar n-obair agus fiosrachadh cuideachd air an adhartas a thathar a’ dèanamh gus na builean a choileanadh a thaobh co-ionannachd.

Aithisg co-ionannachd 2017

Aithisg co-ionannachd 2021

Cairt Èiginn Gnàth-shìde