Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean 2026/27
Tha an sgeama fosgailte airson iarrtasan 2026/27 an-dràst gus 3f air Dimàirt 30 Ògmhios 2026.
Gheibhear fiosrachadh air iarrtasan soirbheachail bho 2014/15 air adhart tro GrantNav.
Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig air a ruith is air a mhaoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig is ri fhaighinn airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig saor-thoileach no treasaibh-roinn gus seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a ruith do chlann aig aois 0-3 sa bhliadhna-sgoile 2026/27. Tha an sgeama a’ cur taic ri amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2023-28 ri linn cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh agus foghlam nan tràth-bhliadhnaichean.
A’ leantainn air aithisg An t-Ollamh Wilson McLeòid air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig, tha Bòrd na Gàidhlig an dùil a bhith gluasad tro 2026/27 a dh’ ionnsaigh modail lìbhrigidh ùr airson seiseanan tràth-ìrean air a stiùireadh le oifigearan, is bidh sinn ag obair gu dlùth le buidhnean air a mhaoineachadh mar thà gus a bheil an solar seo air a chumail cunbhalach a-steach dhan bliadhna-sgoile 2027/28. Thig tuilleadh fiosrachaidh air na h-atharrachaidhean tron bhliadhna.
A bharrachd air tabhartas, faodar taic iarraidh airson poileasaidh àrachas a chur air dòigh airson na buidhne aison 2026/27.
Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri bhuidhnean a tha sealltainn mar a bhios iad a’ coileanadh na builean leanas:
- A’ daingneachadh gu bheil cothrom seasmhach aig clann is teaghlaichean air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
- A’ cur ris an àireamh chloinne a tha a’ cumail a’ dol le ionnsachadh tron Ghàidhlig aig ìrean eadar-ghluasaid
- A’ cuideachadh barrachd theaghlaichean ann an Alba a bhith mothachail air na buannachdan a thig bho dhà-chànanas agus air na cothroman a gheibhear le foghlam tron Ghàidhlig
- A’ cuideachadh phàrantan gus am bi eòlas nas fheàrr aca air goireasan agus air na cothroman a th’ ann gus taic a chumail is conaltradh a dhèanamh ri an cuid chloinne tron Ghàidhlig san taigh agus sa choimhearsnachd
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn riaghailtean na sgeama is na tha sinn sùileachadh bho iarrtasan ri fhaighinn san stiùireadh na sgeama (le ceanglaichean gu h-ìosal).
Faodaidh sibh iarrtasan a chur a-steach airson na sgeama tron phortal maoineachaidh againn, Fluxx, aig https://bng.fluxx.io, air no tha lethbhreac den foirm ri fhaighinn gu h-ìosal a faodaidh sibh a chur thugainn (leis na faidhlichean taic riatanach) tro phost-d aig tabhartas@gaidhlig.scot no sa phost aig Taigh a’ Ghlinne Mhoir, Inbhir Nis, IV3 8NW.
Ma bha sibh air taic fhaighinn ann an 2025/26 bidh foirm-iarrtais air a thòiseachadh dhuibh ann am Fluxx mar thà, le chuid math de na freagairtean agaibh bhon uiridh air a thoirt air adhart dhan foirm ùr, gus a bheil nas lugha obair ann a bhith ullachadh iarrtas ùr.
Ma tha ceistean sam bith agaibh air an sgeama, no ma tha sibh airson bruidhinn ri cuideigin mun iarrtas agaibh, nach cuiridh sibh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot
Ceann-latha airson Iarrtasan
Feumaidh sinn an iarrtas agaibh air a chrìochnachadh fhaighinn ro 3f air Dimàirt 30 Ògmhios 2026. Cha ghabh ri iarrtasan anmoch ann an suidheachadh sònraichte ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig.
Faidhlichean/ceanglaichean le fiosrachadh feumail
Stiùireadh na Sgeama do Thagraichean (PDF | Làrach-lìn)
Foirm-iarrtais (tro phortal tabhartasan Fluxx)
Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais
Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
