Maoin Phlanaichean Gàidhlig
Dhùin an Sruth Phròiseactan den sgeama airson iarrtasan 2026/27 aig 3f air Diardaoin 30 Giblean 2026. Chaidh co-dhùnaidhean air na h-iarrtasan a sgaoileadh. Thèid tuilleadh fios air cuairtean den sgeama san àm ri theachd fhoillseachadh.
Tha am Maoin Phlanaichean Gàidhlig, air an robh an ainm Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) roimhe, ri fhaighinn airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28. Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan ùr-ghnàthach is a tha sealltainn gum bi obair com-pàirteachas eadar ùghdarrasan.
Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air pròiseactan bho 2014/15 air adhart a fhuair taic tro GLAIF is am Maoin Phlanaichean Gàidhlig ri fhaighinn tro GrantNav.
Airson 2024-27, thathar a’ ruith an sgeama ann an dà shruth – Sruth Ro-innleachdail is Sruth Phròiseactan.
- Bidh an Sruth Ro-innleachdail a’ tabhann cothrom do 6 ùghdarrasan ionadail aon iarrtas an urra a chur a-steach stèidhichte airson taic 3-bliadhna airson mìneachadh mar a chuireas iad an gnìomh am Plana Gàidhlig aca. ‘S iad na 6 ùghdarrasan ionadail aig a bheil cead cur a-steach:
- Comhairle nan Eilean Siar
- Comhairle na Gàidhealtachd
- Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
- Comhairle Baile Ghlaschu
- Comhairle Baile Dhùn Èideann
- Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath
- Bidh an Sruth Phròiseactan a’ tabhann cothroman do dh’ ùghdarrasan poblach eile cur a-steach aairson suas ri 3 phròiseactan an urra fad aon-bhliadhna airson pròiseactan a ruith eadar Lùnastal 2026 is Lùnastal 2027 (is seo ag obair mar a bha sgeama Maoin Phlanaichean Gàidhlig is GLAIF ann am bliadhnaichean roimhe. Bha cuairt ann airson 2024/25 is 2025/26 roimhe.
Gheibhear ceangal gu stiùireadh airson na sgeamaichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh nach cuiridh sibh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot
Sruth Phròiseactan
Foirm-iarrtais Maoin Phlanaichean Gàidhlig (air portal iarrtasan Fluxx)
Stiùireadh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2026/27 (Làrach-lìn | PDF)
Stiùireadh-measaidh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2026/27
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
