Tabhartasan Foghlaim 2022/23
Tha an sgeama seo dùinte an-dràst.
Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus nas sgilean aca a leasachadh.
Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?
Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan airson am bliadhna acadaimigich 2021/22 bho:
- Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
- Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Diluain 31 Dàmhair 2022.
Cha tèid beachdachadh air iarrtasan a thig a-steach (no far a bheil fianais fhathast a dhìth) às dèidh a’ chinn-là sin ach ma tha Bòrd na Gàidhlig deònach sin a dhèanamh.
Ma tha ceistean sam bith agaibh nach leig sibh fios dhan Sgioba Foghlaim aig foghlam@gaidhlig.scot no an Sgioba Thabhartasan aig tabhartas@gaidhlig.scot