Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim 2023/24
Tha an sgeama seo dùinte.
Tha sgeama Tabhartasan Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim againn a-nis dùinte airson iarrtasan 2023/24.
Tha an sgeama seo ann airson ùghdarrasan ionadail a chuideachadh gus an urrainn dhaibh taic a thoirt do thidsearan no luchd-obrach tràth-bhliadhnaichean, aig a bheil teisteanas-teagaisg agus sgilean Gàidhlig agus nach eil an-dràsta a’ teagasg tron Ghàidhlig, gus cùrsa bogaidh Gàidhlig fad bhliadhna a ghabhail a leigeas leotha teagasg tron Ghàidhlig ann an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail sin.
Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig aig foghlam@gaidhlig.scot
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus ro 3f air Diardaoin 4 Cèitean 2023. Thèid beachdachadh air iarrtasan a thig a-steach as dèidh an ceann-uidhe ma tha buidseat ann air an son.
Stiùireadh Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh 2023/24 (air ùrachadh 17 Màrt 23)