GOIREAS LEUGHAIDH A BHUANNAICH DUAISEAN A’ TOIRT TAIC RO-CHUDROMACH DO SGOILEARAN GÀIDHLIG FHAD ’S A THA SGOILTEAN DÙINTE

 

GOIREAS LEUGHAIDH A BHUANNAICH DUAISEAN A’ TOIRT TAIC RO-CHUDROMACH DO SGOILEARAN GÀIDHLIG FHAD ’S A THA SGOILTEAN DÙINTE

Tha Giglets Gàidhlig na ghoireas litearrachd, an-asgaidh do sgoiltean, a tha a’ toirt cothrom do sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) air leabharlann air-loidhne, a tha a’ sìor fhàs, anns a bheil cha mhòr 100 teacsaichean Gàidhlig leis na ceudan de ghoireasan Gàidhlig agus 68 leabhraichean claisneachd Gàidhlig.

Anns a’ Mhàrt 2018, dh’ainmich Bòrd na Gàidhlig maoineachadh airson pròiseact foghlaim Gàidhlig didseatach gun samhail a tha coltach ri ‘Netflix leughaidh’,.

Tha Giglets Gàidhlig na phròiseact litearrachd tionnsgalach is ùr-ghnàthach anns a bheil teacsaichean Gàidhlig cho math ri stuthan-taice do luchd-teagaisg agus sgoilearan, rudan air an leughadh a-mach, dealbhan-beò, agus dealbhan ann an dòigh ùr-nòsach stèidhichte air an neul far a bheil e ri fhaighinn do na sgoiltean FtG uile.

Tha sgioba Giglets air a bhith ag obair gus ceuman taic a bharrachd a chur an gnìomh às dèidh dhan Phrìomh Mhinisteir Nicola Sturgeon ainmeachadh Diciadain (18/03) gun rachadh sgoiltean a dhùnadh Dihaoine (20/03).

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha stòrasan Giglets Gàidhlig a’ tabhann beartas de stuthan as urrainn do chloinn is daoine òga a chleachdadh gus an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha e furasta a chleachdadh, coileanta agus air a dhealbhadh gu sònraichte a rèir nam feumalachdan bogaidh againn ann am foghlam tro Meadhan na Gàidhlig. Mholainn na goireasan seo dhan luchd-ionnsachaidh uile againn tro mheadhan na Gàidhlig agus do an cuid theaghlaichean – tha e spòrsail cuideachd, le deagh theacsaichean agus cartùnan agus stuthan-taice gus taic a chumail ri ionnsachadh ann am FtG sna Tràth-bhliadhnaichean, agus aig ire na Bun-sgoile agus na h-Àrd-sgoile.

“Bu mhath leam cuideachd sgioba Giglets a mholadh airson na h-obair ionmholta a rinn iad ann a bhith a’ sìor leudachadh ghoireasan airson foghlam Gàidhlig agus airson am fòcas an-dràsta air a bhith a’ toirt stuthan àrd-inbhe do na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig againn, a ghabhas atharrachadh airson cleachdadh fhad ’s a tha sgoiltean dùinte.”

Thuirt Cathraiche agus Neach-stèidheachaidh Giglets, an Dr Karsten Karcher:

“Tha leabharlann theacsaichean agus stuthan-taice Giglets ri fhaighinn aig an taigh an dà chuid do luchd-teagaisg agus do sgoilearan. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e air leth cudromach foghlam aig àrd-ìre a thoirt seachad do sgoilearan aig an àm gun shamhail seo. Tha Giglets air ceuman a bharrachd a chur an sàs gus taic a chumail ri ionnsachadh san dachaigh agus gus taic a bharrachd a chumail ri luchd-teagaisg agus do phàrantan aig an àm seo.”

Ged a tha sgioba Giglets stèidhichte sna dachannan aca aig an àm seo, a’ leantainn comhairle bho Riaghaltas na h-Alba, tha an deasga cuideachaidh fhathast fosgailte airson ceistean an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig agus tha trèanadh air astar ri fhaighinn do luchd-teagaisg. Gheibh luchd-teagaisg is pàrantan barrachd fiosrachaidh, agus faodaidh iad fios a chur gu Giglets air Giglets.com.