Coinneamh Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan a’ sruthadh beò 18/05/2021 09.50-12.30  – Barrachd fios an-seo.

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart agus mar phàirt de sin bidh sinn a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig.

’S e ar n-amas gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

Ar n-obair

Iomairt #cleachdi

Fiosrachadh Corporra