Sgeama Oifigearan Gàidhlig
Tha an sgeama seo fosgailte an-dràst gus 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025
Tha Bòrd na Gàidhlig air cuairt ùr den Sgeama Oifigearan Gàidhlig fhoillseachadh, gus taic a chumail ri dreuchdan a bhios lìbhrigeadh gnìomhan is tachartasan Gàidhlig aig ìre na choimhearsnachd.
Thathar sireadh iarrtasan bho bhuidhnean treas-roinn Albannach a tha nan carthannasan clàraichte no companaidh le ùidh coimhearsnachd. Tha an Sgeama fosgailte dhan dà chuid bhuidhnean a fhuair taic bhon Sgeama Oifigearan a-cheana is buidhnean ùra. Chan fhaod ùghdarrasan ionadail (no ALEOs), Buidhnean Lìbhrigidh Bòrd na Gàidhlig no bhuidhnean coimearsalta iarrtas a chur a-steach.
Bithear cumail taic ri dreuchdan eadar Iuchar 2025 is Màrt 2028, ach a-rèir an iarrtas agaibh dh’ fhaodadh gun tèid taic 1-bliadhna no 2-bliadhna a thabhann na h-àite.
Bidh an sgeama seo freagarrach airson dreuchdan a tha:
- Cumail taic ri cleachdadh làitheil den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan
- Leasachadh air cur air dòigh is cur an gnìomh planaichean Gàidhlig coimhearsnachd
- Cumail taic ri ionadan Gàidhlig is tachartasan annta
- A’ dol an sàs ann an obair ann an com-pàirt eadar buidhnean a tha lìbhrigeadh seirbheisean Gàidhlig
Thathar an dùil gum bi buidseat airson na sgeama de £600,000 gach bliadhna-ionmhais. Faodaidh iarrtasan suas ri £40,000 sa bhliadhna iarraidh (pro-rata airson luchd-obrach pàirt-thìde) a dh’ ionnsaigh tuarastal, cosgaisean fastaidh is cosgaisean pròiseact.
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach thugainn air-loidhne tron phortal tabhartasan againn Fluxx, ro 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025. Cha ghabh ri iarrtasan nas anmoiche na sin, ach ma bha cead air a thoirt seachad ro-làimh le oifigearan Bòrd na Gàidhlig.
Bidh seiseanan fiosrachaidh air-loidhne ann airson na sgeama mar a leanas:
- Dimàirt, 13mh an Cèitean – 2f (Gàidhlig)
- Dimàirt, 13mh an Cèitean – 7f (Beurla)
- Diluain, 19mh an Cèitean – 11m (Beurla)
- Diluain, 19mh an Cèitean – 7f (Gàidhlig)
Faodar clàradh airson na seiseanan seo air Eventbrite an seo.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air an sgeama ri fhaighinn gu h-ìosal. Nach cuiridh sibh fios ri Bhòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot aig àm sam bith ma tha ceistean agaibh a thaobh na Sgeama no bhith cur iarrtas a-steach?
Faidhlichean cudromach
Stiùireadh do luchd-tagraidh (PDF)
Ceistean am foirm-iarrtais (Word format) – airson a bhith cleachdadh mus tèid iarrtas a chur suas air Fluxx
Taic le bhith lìonadh am foirm iarrtais (PDF)
Ceistean cumanta (PDF)
Stiùireadh-measaidh (PDF)
Ceangal dhan phortal iarrtasan/foirm-iarrtais (air Fluxx)
Buidhnean a fhuair taic roimhe
Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal air buidhnean a fhuair taic tro chuairtean den Sgeama Oifigearan Gàidhlig roimhe, gu ruige Giblean 2025:
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.