Dreuchdan Bàna

Picture: The living-wage employer logo which reads "We are a living wage employer".
Tha Bòrd na Gàidhlig na Fhastaiche a bhios a’ cur air adhart Co-ionannachd Chothroman. Mar as trice thèid luchd-obrach fhastadh air sàillibh an eòlais is nan comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den chomann-shòisealta. Ma tha neach-iarrtais ann a tha ciorramach, a tha a’ coileanadh riatanasan na dreuchd, gheibh iad agallamh.
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

Co-òrdanaiche Corporra

Tha an Co-òrdanaiche Corporra an urra ri bhith a’ cumail sùil air agus a’ co-òrdanachadh obair rianachd aig àrd ìre, a’ toirt taic dhan sgioba-stiùiridh gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidhinn ag obair gu math agus gu h-èifeachdach. Tha an dreuchd seo, le fòcas taobh a-staigh na buidhne, a’ gabhail a-steach a bhith a’ riaghladh shiostaman oifis, a’ cumail sùil air riaghladh, leasachadh, cur an gnìomh agus gèilleadh a thaobh phoileasaidhean agus mhodhan-obrach agus a’ conaltradh agus a’ co-òrdanachadh leis an sgioba nas fharsainge.

Tuarastal: B3 – £45,894 – £54,952

Cùmhnant: Maireannach

Uairean-obrach: Làn-thìde – 35 uairean san t-seachdain

Àite-obrach: Obair Mheasgaichte

Ceann-là: Diluain, 01.12.25 aig 12f.

Gheibhear an tuairisgeul obrach airson na dreuchd an seo.

Gus iarrtas a chur a-steach airson na h-obrach, feumar am Foirm-iarrtais Cosnaidh agus am Foirm-sgrùdaidh Co-ionannachd (ri lorg gu h-ìosal) a lìonadh a-steach agus a chur gu corporra@gàidhlig.scot.

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security