Rionnagan Beaga

Rionnagan Beaga

Picture: Children around a large piece of paper doing an activity on the colours of the rainbow in Gaelic, sticking different things on to match each colour.

Buidheann – Rionnagan Beaga
Baile no Sgìre – Drochaid an Easbaig
Ùghdarras Ionadail – Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear

Mu dheidhinn Rionnagan Beaga
Is e buidheann Ghàidhlig san roinn shaor-thoileach a th’ annainn do chloinn aois 0-5, air a ruith le comataidh phàrantan. Bidh sinn a’ coinneachadh gach Dimàirt 12.15-2.15 air feadh teirm na sgoile. Bidh lòn, cluich shaor, òrain Ghàidhlig, geamaichean, cluich agus sgioblachadh ann. Bidh sinn cuideachd a’ coinneachadh Dihaoine o 9:15-10:45 air feadh na teirm. Bidh òrain Ghàidhlig, sgeulachdan agus beagan cluiche saoire ann.

Tha ar buidheann air ruith airson còrr is 6 bliadhnaichean a-nis. Bha sinn riamh gar stiùireadh gu saor-thoileach agus anns a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha sinn air leasachadh le seisean Dihaoine a bharrachd gus dèanamh cinnteach gu bheil gach seisean freagarrachd a thaobh aois.

Dimàirt, bidh sinn ag amas air clann aois 3-5. Bidh ar compairtichean tric a’ tighinn o aois òg, mar sin tha e cudromach na seiseanan atharrachadh o sgeulachdan is òrain a-mhàin gu bhith a’ cleachdadh ealain is obair-chiùird agus geamaichean eadar-ghnìomhach sa Ghàidhlig.

Tha na seiseanan madainn Dihaoine againn ag amas air 0-3, mar sin bidh sinn a’ ruith nuair a bhios an sgoil-àraich ionadail a’ ruith gus fòcas a chur air a’ chloinn as òige agus tha an cuideam air sgeulachdan is òrain. Tha seo air leigeill leinn càileachd gach seisean a leasachadh airson clann agus teaghlaichean.

Gu cuibheachsach, tha 16 clann gach seachdain Dimairt, ged a ghabhas an seòmar 24, le pàrantan na lùib tha sinn làn. Air làithean brèagha, cuiridh sinn gu feum an raon a-muigh a tha againn.

Picture : Children's halloween party looking at spooky things in an orange bowl.

Rianachd
An-dràsta, tha 4 buill air a’ chomataidh, uile gu saor-thoileach a bhios a’ cur ri obair na buidhne. Cha ghabh neach sam bith cosgaisean-siubhail air sgàth ’s gu bheil iad an lathair le an cuid-chloinne agus mar sin, nuair a ghluaiseas an cuid chloinne dhan sgoil, bidh sinn a’ gairm neach saor-thoileach ùr.

’S e na prìomh dhleastanasan aig ar luchd-shaor-thoileach a bhith a’ fosgladh an t-seòmair, ag ullachadh àite-bìdhe dhan chloinne, ag ullachadh srùpag dha na h-inbhich, a’ sgioblachadh an t-seòmar agus a’ glasadh na h-eaglaise.

Tha am maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig ga chosg air na prìomh chosgaisean a-mhàn – màl agus tuarastal don cheannard-cluiche Ghàidhlig. Is e seo an rud as bùnaitiche a tha dhìth airson an t-sèirbhis shlàn a bhios sinn a’ tabhann do theaghlaichean sam bith a thig còmhla rinn, fiù ’s o thaobh a-mauigh ar n-ùghdarras ionadail.

Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach rud eile air a chruthachadh tro theachd-a-steach bho chìsean m.e. ealain is obair-chiùird, seiseanan sònraichte làithean-saora airson Oidhche Shamhna, Bodach na Nollaig Gàidhlig, a’ Chàisg agus pàrtaidh mu dheireadh na bliadhna gus soraidh slàn a thoirt dhaibh a bhios a’ dol suas dhan sgoil.

Bidh sinn a’ còmhradh gu cunbhalach leis na pàrantan uile mu na tha iad ag iarraidh on bhuidheann agus mar sin tha sinn air fàs thar nam bliadhnaichean o òrain Ghàidhlig gu leabharlann Gàidhlig agus ealain, obair-chiùird is geamaichean.
Tha conaltradh is measadh aghaidh ri aghaidh deatamach, ach bidh sinn a’ cleachdadh cheisteachan cuideachd.

Picture: Santa claus reading "Dè an t-ainm a th'ort?" to children and staff member.

Ceumannan san àm ri teachd, a’ freagairt ri COVID-19
Nuair a bhuail COVID agus agus bha astarachadh sòisealta an amharc, bha fios againn nach b’ urrainn dhuinn cumail fosgailte, mar sin dh’obraich sinn gu luath mar chomataidh air plana-gnìomh. Chuir sinn air dòigh buidheann WhatsApp, agus rinn sinn bhideothan le guthan agus aghaidhean aithnichte a’ measgachadh guth is dealbhan le sgeulachdan, a’ toirt comhfhurtachd agus taic do chloinn agus do phàrantan cho math. Tha na rudan seo foillsichte air Facebook mar sin ’s urrainn do bhuidhnean eile an-sàs leis na Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig an cleachdadh.

Tha a’ bhuidheann againn air a dhol o neart gu neart, a’ cur gu mòr ri soirbheachas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear, le clàr Bun-sgoil a h-Aon aig Bun-sgoil Innis an Uillt airson 2019/20 aig 16, an àireamh as motha a chaidh a-steach gu sruth na Gàidhlig ann.

Tha dùbhlan agus cothrom ann leis gu bheil an Sgoil-àraich Ghàidhlig ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear a’ leudachadh o Lùnasdal 2020 agus gheibh clann a-staigh Diluain-Dihaoine 9m-3f. ’S e naidheachd air leth a tha seo agus tha sinn a’ creidsinn gun tòisich barrachd dhaoine an turas tro FTMG agus tha e follaiseach gun toir e buaidh air ar buidheann o Lùnasdal 2020. Tha ar comataidh a’ deasbad an dràsta an rathad as fheàrr air adhart airson cothroman ionnsachaidh theaghlaich agus àite do chloinn an cuid Ghàidhlig a chur gu feum sa choimhearsnachd aca fhèin.

Bidh sinn ag obair gu dlùth leis an sgoil-àraich agus a’ mheur ionadail de Chomann nam Pàrant, ach gun teagamh cha b’ urrainn dhuinn an t-seirbhis againn a dhèanamh cho fosgailte as aonais taic Bhòrd na Gàidhlig. Mìle taing!

Picture: The rainbow activity shown in the first image on this page has been completed.

Beachdan air Rionnagan Beaga
Tha Rionnagan Beaga na phàirt dheatamach de dh’ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e a’ toirt cothrom do chloinn agus do phàrantan/seanphàrantan/luchd-cùraim Gàidhlig a chluinntinn is ionnsachadh ann an àrainneachd spòrsail agus shòisealta. Ceart cho cudromach ge-tà, tha e a’ togail coimhearsnachd a-measg nan inbheach a bhios an lathair, a bharrachd air a’ chloinn.

Taing don bhuidheann, tha mise gu pearsanta gam bhogadh nas motha ann an coimhearsnachd na Gàidhlig agus tha mi air ceanglaichean is caraidean a dhèanamh. Tha Jaime agus an sgioba air cùl ghnothaichean a’ dol a-mach às an rathad gus goireasan ionnsachaidh spòrsail a dhèanamh (gu h-àraidh le tachartasan mar Bhodach na Nollaig Gàidhlig) agus a’ cumail fiosrachadh dhuinn uile. Taing mhòr dhuibh airson gach rud a nì sibh.Hilary Mack, Pàrant

Àite sgoinneil, deagh roghainn de dheideagan agus measgachadh math de Bheurla is Gàidhlig. Glè fheumail airson cuideigin gun Ghàidhlig!Pàrant

Fàilte chridheil agus chòrd an tìde againn ann glan. B’ fheàrr leam gun robh e beagan na b’ fhaisge air an dachaigh (Shawlands).Pàrant

Faireachdainn laghach coimhearsnachd aig a’ bhuidheann, fàilte chridheil on a h-uile duine. Bha dragh orm an toiseach a chionn ’s nach robh ach beagan Gàidhlig agam ach dh’fhairich mi aig an taigh sa bhad. – Pàrant

’S toigh leam a dhol gu toddler oir faodaidh mi mo bhiadh a thoirt leam agus cluich còmhla ri mo charaidean. Is e an rud as fheàrr leam a bhith a’ cluich fon pharasiùt le Eilidh. ’S e ‘Dè ’n uair a tha e, Maighstir Madadh-alladh?’ an geam as fheàrr leam. – Callum, aois 4