
Chaidh an iomairt ‘Gach Latha’ a chur air bhog le Bòrd na Gàidhlig airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn le misneachd. Tha sinn airson sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn ann an coimhearsnachdan, ann an dachaighean, air loidhne, agus ann an àitichean-obrach agus a’ toirt taic do chàch gus an cànan a chleachdadh nas trice.
Tha sinn den bheachd gum bi làithearachd làidir aig a’ Ghàidhlig ann an Alba ma bhios a h-uile duine aig a bheil sgilean sa chànan ag amas air an cleachdadh gach latha – luchd-labhairt fileanta agus luchd-ionnsachaidh còmhla.
Gus an iomairt a ghluasad air adhart, thathar ag iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-taic de gach comas an ùidh a th’ aca sa chànan a thaisbeanadh tro phuist air na meadhanan sòisealta, a’ cleachdadh an hashtag #gachlatha. Tha sinn cuideachd air GIFan a chruthachadh, a gheibhear air Giphy agus air Instagram le bhith a’ lorg ’gachlatha’.

Thathar ag iarraidh air buidhnean san roinn phrìobhaideach, phoblach, agus san treas roinn pàirt a ghabhail san iomairt le bhith a’ cleachdadh fhaclan agus abairtean Gàidhlig ann an dòigh air choireigin nan cuid obrach gu làitheil. Tha buidhnean àrd-ìomhaigh air taic a chur ris an iomairt mar-thà, le Seòmraichean Malairt na h-Alba, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE), True North Advisors, agus Seòmraichean Malairt Inbhir Nis nam measg.
Gheibhear ar so-mhaoin dhidseatach uile an seo, a’ gabhail a-steach ainm-sgrìobhte airson phuist-d agus suaicheantas na h-iomairt.

Nuair a chaidh an iomairt a chur air bhog, thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha sinn a’ cur ro dhaoine agus buidhnean air feadh na h-Alba pàirt a ghabhail san iomairt seo agus Gàidhlig a chleachdadh gach latha.
“Tha fios againn gu bheil meas agus ùidh mhòr ann an cànan is cultar na Gàidhlig air feadh na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, agus tha sinn a’ faicinn fàs brosnachail anns an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.
“Tha tachartasan sgoinneil air an cur air dòigh air feadh na dùthcha le buidhnean mar An Comunn Gàidhealach, Fèisean nan Gàidheal, Ceòlas, agus iomadach buidheann eile a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig mar phàirt de na dachannan, na sgoiltean, na sràidean, agus na gnìomhachasan againn gach bliadhna. Leis an iomairt ùir seo, ‘Gach Latha’, tha sinn airson togail air an fhàs seo a h-uile latha.
“Chan fheum sibh a bhith fileanta airson pàirt a ghabhail ann idir – tha sinn airson cluinntinn bho dhaoine às gach ceàrnaidh, a’ gabhail a-steach ghnìomhachasan agus buidhnean – a tha airson sealltainn gu bheil meas mòr aca air a’ Ghàidhlig agus a tha airson a bruidhinn nas trice.
“‘S e an t-amas a th’ againn gum faic daoine na caraidean, na co-obraichean, no fiù ’s na manaidsearan aca a’ cleachdadh na Gàidhlig air na meadhanan sòisealta no san àite-obrach, is gum bi iad fhèin an uair sin nas misneachaile pàirt a ghabhail ann cuideachd.”
