Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic luach còrr is £1.6M gach bliadhna ri buidhnean a bhios a’ cur an gnìomh pròiseactan gus cleachdadh, ionnsachadh is inbhe na Gàidhlig a bhrosnachadh is cuideachadh le bhith lìbhrigeadh Plana Chorporra BnG.

Gheibhear iomradh gu h-ìosal air na buidhnean le aonta taic-airgid eadar 2019 is 2022. Fiosrachadh de suim a’ mhaoineachaidh ri fhaighinn an-seo.

Acair

A’ foillseachadh litreachais sa Ghàidhlig, a’ cumail taic leasachaidh ri ùghdaran agus eadar-theangairean agus brosnachadh litreachais na Gàidhlig aig tachartasan air feadh na h-Alba

https://www.acairbooks.com/

Ainmean-Àite na h-Alba

A’ dealbhachadh agus ùrachadh stòr-dàta air-loidhne de dh’ ainmean-àite Gàidhlig agus a chumail taic ri ùghdarrasan ionadail ann a bhith dearbhadh soidhnichean Gàidhlig.

https://www.ainmean-aite.scot/

Ceòlas Uibhist

A’ toirt cothroman bogaidh Gàidhlig seachad ann an Uibhist a Deas le prògram de thachartasan ealain agus clasaichean Gàidhlig cunbhalach.

https://www.ceolas.co.uk/

Comhairle nan Leabhraichean

A’ toirt comhairle agus taic-foillsichidh do roinn litreachais na Gàidhlig, le tabhartasan agus leasachadh proifeiseanta do dh’ ùghdaran agus taic reic agus margaidheachd do foillsichearan.

https://www.gaelicbooks.org/

An Comunn Gàidhealach

A’ ruith am Mòd Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna agus a’ cur taic ri 18 diofar Mòdan ionadail air feadh na h-Alba.

https://www.ancomunn.co.uk/

Comunn na Gàidhlig

A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh le lìonradh de dh’ oifigear leasachaidh Iomairtean agus buidhnean òigridh Sradagan air feadh na h-Alba. A’ lìbhrigeadh tachartasan nàiseanta leithid co-fharpais ball-coise Cuach na Cloinne agus campaichean samhraidh bhliadhnail.

Cuideachd a’ cur taic ri oifigearan Comann nam Pàrant ann a bhith lìbhrigeadh am prògram aca a tha cur taic ri pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no a tha a’ sireadh solar FtG ùr.

http://www.cnag.org/

Faclair na Gàidhlig

A’ dealbhachadh faclair eachdraidheil mion-fiosrachail airson na Gàidhlig agus a’ dealbhachadh goireasan corpais còmhla ri Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG) aig Oilthigh Ghlaschu.

http://www.faclair.ac.uk/

Fèisean nan Gàidheal

A’ cur taic ri bhith ruith còrr is 45 diofar Fèisean ionadail air feadh na h-Alba a tha toirt oideachadh ann an ceòl is ealain na Gàidhlig. Cuideachd a’ ruith Fèis Blas gach bhliadhna air feadh na Gàidhealtachd ’s na h-eileanan agus a’ leasachadh an goireas air-loidhne FèisTV.

https://www.feisean.org/

FilmG

‘S e farpais filmichean goirid MG ALBA a th’ ann am FilmG a tha air a libhrigeadh le Cànan Graphics Studio, companaidh nam meadhanan-cruthachail san Eilean Sgitheanach. Chaidh FilmG a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ùr a leasachadh dhan t-sianal Ghàidhlig aig BBC ALBA a chaidh a stèidheachadh san aon bhliadhna.

http://filmg.co.uk/

Ionad Chaluim Cille Ìle

A’ toirt ionad Ghàidhlig do dh’ Ìle airson taic a chur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig do dhaoine a tha tadhail air an ionad agus cuideachd aig astar.

https://www.islay-gaelic-centre.co.uk/

An Lòchran

A’ toirt ionad Ghàidhlig do Ghlaschu agus a’ lìbhrigeadh prògram ealain Gàidhlig do dhaoine de gach aois.

https://www.anlochran.com/

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

A’ dealbhachadh goireasan airson foghlam Gàidhlig a’ gabhail a-steach leabhraichean agus goireasan air-loidhne. A thabhann cothroman leasachaidh proifeasanta do thidsearan tron cho-labhairt bliadhnail an t-Alltan agus seiseanan air-loidhne. A’ cur taic ri pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig tron làrach-lìn Gaelic4Parents.

http://www.storlann.co.uk/

Theatre Gu Leòr

A’ toirt taic proifeasanta do roinn dràma na Gàidhlig le cuairtean cunbhalach, cothroman trèanaidh do luchd-ealain agus leasachadh ’s brosnachadh don roinn san fharsaingeachd.

https://www.theatreguleor.com/