Dàta Thabhartasan

Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach mu dheidhinn follaiseachd is tha sinn ag obair le 360Giving gus fiosrachadh fhoillseachadh mu na tabhartasan a tha sinn a’ toirt seachad.

A’ cleachdadh an fhoirm dàta 360Giving, tha na tabhartasan tha sinn air tabhann bho 2018 ri fhaighinn an seo ann an cruth OpenDocument Spreadsheet agus gabhaidh an dàta a rannsachadh tron làrach-lìn GrantNav an seo air no an clàr aig bonn na duilleig seo.

Tha an liosta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan a chaidh a thoirt seachad le sgeama Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, sgeama Maoin Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig 2023 is Maoin nan Ealain Gàidhlig 2023/24 aig Fèisean nan Gàidheal, uile a chaidh a mhaoineachadh no pàirt-maoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig.

Airson fiosrachadh, air sgàth adhbharan dìon dàta chan eil an dàta seo a’ gabhail a-steach tabhartasan air an toirt seachad do dhaoine fa-leth, mar eisimpleir tron sgeama Tabhartasan Foghlaim againn.

Tha an obair seo air a cheadachadh fon Cheadachas Riaghaltas Fosgailte 3.0.  Airson lethbhreac den cheadachas seo fhaighinn, tadhail air http://www.nationalarchives.gov.uk/doc/open-government-licence/version/3/.  Tha seo a’ ciallachadh gum faodar an dàta a chleachdadh is a sgaoileadh mar a thogras sibh, ach feumar Bòrd na Gàidhlig aithneachadh mar an tùs.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn 360Giving, tadhail air https://www.threesixtygiving.org/

Tabhartasan uile bho 2018/19 air adhart (suas gu 31 Màrt 2024)