Dreuchdan Bàna

Picture: The living-wage employer logo which reads "We are a living wage employer".
Tha Bòrd na Gàidhlig na Fhastaiche a bhios a’ cur air adhart Co-ionannachd Chothroman. Mar as trice thèid luchd-obrach fhastadh air sàillibh an eòlais is nan comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den chomann-shòisealta. Ma tha neach-iarrtais ann a tha ciorramach, a tha a’ coileanadh riatanasan na dreuchd, gheibh iad agallamh.
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

Oifigear Phlanaichean Cànain

Adhbhar na dreuchd

Tha planaichean Gàidhlig a’ comharrachadh nan dòighean anns am bi ùghdarrasan poblach a’ cruthachadh chothroman do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh an lùib obair is seirbheisean nan ùghdarrasan poblach sin, agus bidh na planaichean aca a’ cur taic ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig. Bidh an t-oifigear a’ cuideachadh ùghdarrasan poblach nuair a tha iad a’ dealbh a’ chiad phlana aca agus nuair a bhios iad ag ùrachadh nam planaichean aca, mus tèid aonta foirmeil iarraidh bhon Bhòrd.

Tha e an urra ris an neach-dreuchd dèanamh cinnteach gun tèid prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a chur an gnìomh tro na planaichean Gàidhlig aig na h-ùghdarrasan poblach, gu sònraichte le bhith a’ togail dàimhean làidir agus èifeachdach le oifigearan aig na h-ùghdarrasan poblach.

Prìomh thaobhan den dreuchd seo

  1. A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach plana Gàidhlig aontaichte a’ cur ri mar a thèid prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a chur an sàs.
  2. A’ dèanamh cinnteach gun coilean Bòrd na Gàidhlig na dleastanasan reachdail againn fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a thaobh a bhith ag iarraidh air ùghdarrasan poblach planaichean Gàidhlig ullachadh a’ cleachdadh An Stiùireadh Reachdail air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig.
  3. A’ dèanamh cinnteach gun coilean Bòrd na Gàidhlig na dleastanasan reachdail againn fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a thaobh a bhith sgrùdadh mar a choileanas ùghdarrasan poblach na tha iad a’ gealltainn sna planaichean Gàidhlig aca.
  4.  A’ togail dàimhean làidir agus èifeachdach leis ar luchd-ùidh ann an ùghdarrasan poblach tro chonaltradh cunbhalach – a’ toirt seachad comhairle agus fios-air-ais air cùisean co-cheangailte ri planaichean Ghàidhlig.
  5. A’ gabhail uallach airson gach seòrsa obair rianachd co-cheangailte ri obair nam planaichean.
  6. A’ measadh aithisgean dearcnachaidh, a cumail coinneamhan adhartas agus bidh agaibh ri tuilleadh fiosrachaidh agus/no fianais iarraidh ma bhios sin a dhìth.

Uairean obrach: Làn-ùine

Àite: Ri aontachadh

Cùmhnant: Maireannach

Ceann-là airson iarrtasan: Diaordain, 29mh an Cèitean 2025 aig 3f.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreachd agus na dleastanasan a tha an sàs ann san tuairisgeul obrach an seo.

Lorgar Foirm-iarrtas agus Foirm-sgrùdaidh Co-ionnanachd gu h-ìosal. Airson iarrtas a chur a-steach, feumar iad seo a lìonadh a-steach agus an cur gu corporra@gaidhlig.scot.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun dhreachd, nach leig sibh fios gu corporra@gaidhlig.scot.

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security