Fastadh: Co-òrdanaiche Corporra
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Co-òrdanaiche Corporra!
Tha an Co-òrdanaiche Corporra an urra ri bhith a’ cumail sùil air agus a’ co-òrdanachadh obair rianachd aig àrd ìre, a’ toirt taic dhan sgioba-stiùiridh gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidhinn ag obair gu math agus gu h-èifeachdach. Tha an dreuchd seo, le fòcas taobh a-staigh na buidhne, a’ gabhail a-steach a bhith a’ riaghladh shiostaman oifis, a’ cumail sùil air riaghladh, leasachadh, cur an gnìomh agus gèilleadh a thaobh phoileasaidhean agus mhodhan-obrach agus a’ conaltradh agus a’ co-òrdanachadh leis an sgioba nas fharsainge.
Feumar iarrtasan a chur a-steach ro 12f air Diluain 1mh an Dùbhlachd (01.12.25) agus lorgar barrachd fiosrachaidh mun dhreuchd, tuairisgeul obrach, agus fiosrachadh mu bhith a’ cur iarrtas a-steach an seo.
