Fastadh: Ceannard Foghlaim is Phlanaichean

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach a thig a dh’obair còmhla rinn mar Ceannard Foghlaim is Phlanaichean.
’S e prìomh dhleastanas na dreuchd seo obair Bhòrd na Gàidhlig a stiùireadh airson nan riatanasan reachdail a thaobh foghlaim is ionnsachaidh. A bharrachd air seo, bheir an dreuchd fiosrachadh, anailis agus stiùireadh dhan Cheannard agus dhan Bhòrd-stiùiridh a thaobh a h-uile cùis co-cheangailte ri foghlam ann an Alba. Mar a tha air a mhìneachadh anns a’ phlana chorporra againn, tha seo a’ gabhail a-steach nan tràth-bhliadhnaichean, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh. Ann a bhith a’ lìbhrigeadh na h-obrach seo, bidh an neach dreuchd ag obair aig ìre ionadail agus nàiseanta le prìomh luchd-ùidh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ tuigsinn prìomhachasan na Gàidhlig agus gu bheilear a’ cur ri leasachadh is fàs foghlaim is ionnsachadh na Gàidhlig air feadh na h-Alba.
Bidh an dreuchd seo cuideachd a’ cumail sùil air toraidhean oifigearan nam planaichean, a bhios a’ lìbhrigeadh a rèir an stiùiridh reachdail airson planaichean Gàidhlig. Tha na planaichean seo, a tha air an cruthachadh le buidhnean poblach, deatamach ann a bhith a’ suidheachadh phrìomhachasan do bhuidhnean nàiseanta a thaobh na Gàidhlig.
Ceann-là airson iarrtasan: 5f air Dihaoine, 26.09.25.
Ma tha ùidh agaibh san dreuchd seo, lorgar barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn agus mar a thèid iarrtas a chur a-steach air a shon air an duilleag Dreuchdan Bàna againn.