Fastadh: Manaidsear Planaidh is Ghnìomhan Reachdail

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach a thig a dh’obair còmhla rinn mar Mhanaidsear Planaidh is Ghnìomhan Reachdail a bheir taic agus stiùireadh do ghèilleadh Bòrd na Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach buntainneach ris na riaghailtean agus bun-inbhean riatanach reachdail uile.
Prìomh thaobhan den dreuchd seo:
- A’ toirt taic is comhairle do Bhòrd na Gàidhlig a thaobh a h-uile rud co-cheangailte ri gèilleadh ri gnìomhan reachdail.
- A bhith a’ dealbhadh is a’ cur an gnìomh prìomh ro-innleachdan airson gèilleadh agus dèanamh cinnteach gun lìbhrigear iad.
- A’ cumail taic ri cruthachadh agus dearcnachadh pròiseasan aithris taobh a-staigh Bòrd na Gàidhlig
- A’ conaltradh agus a’ co-obrachadh le luchd-ùidh a thaobh coileanadh dhleastanasan reachdail agus gèillidh.
- A’ toirt taic do lìbhrigeadh amasan Bòrd na Gàidhlig mar a tha iad air am mìneachadh anns na planaichean gnìomh is corporra againn.
Ma tha ùidh agaibh san dreuchd seo, lorgar barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn agus mar a thèid iarrtas a chur a-steach air an duilleag Dreuchdan Bàna.
Ceann-là airson iarrtasan: 12f air Diluain, 01.09.25.