Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Tha tidsearan sàr-mhath aig cridhe foghlam na Gàidhlig, agus ann an Alba, feumaidh teisteanas freagarrach aig ìre Oilthigh a bhith aig tidsear sam bith airson clàradh proifeiseanta fhaighinn le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.
Tha an cothrom ann fo-cheum a dhèanamh ann am Foghlam Gàidhlig, ach cuideachd tha cùrsaichean iar-cheumnach ri fhaotainn ann an Alba cuideachd. Tha an cothrom ann a bhith a’ teagasg sa Ghàidhlig sa bhun-sgoil, a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil no a bhith a’ teagasg chuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.
Tha prògraman Tùs-thrèanadh Thidsearan rim faotainn an-dràsta aig na h-oilthighean a leanas:
- Oilthigh Srath Chluaidh
- Oilthigh Dhùn Èideann
- Sabhal Mòr Ostaig
- UHI A Tuath an Iar is Innse Gall
- Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Bun-sgoile
Ma tha thu airson a bhith nad thidsear sa Ghàidhlig aig ìre bun-sgoile, feumaidh tu na riatanasan àbhaisteach a choileanadh airson teagasg ann an Alba fo sgeama clàraidh Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Tha làn fhiosrachadh an seo.
Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Àrd-sgoile
Ma tha thu airson a bhith nad thidsear sa Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoile, a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair do dh’fhileantaich no do luchd-ionnsachaidh, no a’ lìbhrigeadh chuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig, feumaidh tu na riatanasan àbhaisteach a choileanadh airson teagasg ann an Alba fo sgeama clàraidh Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Tha làn fhiosrachadh an seo.
Taic
Tha Sgeama na Bursaraidh Teagaisg fosgailte dhaibhsan a tha airson teagasg ann am Foghlam tron Ghàidhlig aig ìre na Bun-sgoile, Gàidhlig mar chuspair aig ìre Àrd-sgoile agus cuspairean Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn an seo.