Goireasan Cleachdi

Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean goireasan air chor ’s gum faod luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig ann an àitichean poblach a bhrosnachadh.

Tha sinn airson ’s gun tig luchd na Gàidhlig còmhla gus Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile aig tachartasan agus ann am beatha làitheil. Tha na goireasan Cleachdi ann gus ar cuideadachadh gus an amas seo a choileanadh.

Òrdaichibh goireasan Cleachdi

Tha bathar Cleachdi ann dha daoine is buidhnean a tha airson sealltainn gu bheil Gàidhlig agaibh agus gu bheil sibh deònach a bhruidhinn. Tha e uile ri fhaighinn an-asgaidh agus faodar suas ri 10 lainneardan, bràistean, no postairean A5 òrdachadh, suas ri 20 steigear beag, agus suas ri 5 steigearan mòra, òrdachadh le bhith a’ lìonadh an fhoirm seo.

Airson òrdughan nas motha, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn aig 01463  225454  no aig fios@gaidhlig.scot.

Picture: A window with a cleachdi sticker in it, a notice that Gaelic is spoken here and opening hours

Goireasan air-loidhne

Tha sinn cuideachd air goireasan didseatach Cleachdi a chruthachadh gus faicsinneachd na Gàidhlig a thogail air-loidhne. Faodar iad sin a luchdachadh a-nuas an seo;

Tha fàilte air duine sam bith suaicheantas Cleachdi a chleachdadh! Bhitheamaid nur comainn nan leanadh sibh stiùireadh-bhrannd Cleachdi ge-tà.

Sanasachd Tachartasan

B’ àbhaist làrach-lìn Cleachdi fa-leth a bhith ann gus tachartasan Gàidhlig a shanasachd còmhla. Ged ’s nach eil an leithid ann tuilleadh, tha sinn airson tachartasan Gàidhlig a shanasachd fhathast. Bidh sinn a’ dèanamh seo tro na duilleagan Instagram agus Facebook againn tron iomairt Dè tha Dol, a thèid a sgaoileadh gach Dihaoine.

Ma tha sibh ag iarraidh tachartasan a shanasachd tron iomairt seo, faodar sin a dhèanamh le bhith a’ dèanamh ‘tag’ oirnn ann am puist mun tachartas neo le bhith an cur thugainn ann an teachdaireachd prìobhaideachd.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security