Sgeama Oifigearan Gàidhlig
Dhùn an cuairt 2025-28 den sgeama aig 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025.
Fhosgail Bòrd na Gàidhlig an cuairt as ùire den Sgeama gus taic a chumail ri dreuchdan eadar 1 Iuchar 2025 agus 31 Màrt 2028. Thathar a’ cumail taic ri dreuchdan a bhios;
- Cumail taic ri cleachdadh làitheil den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan
- Leasachadh air cur air dòigh is cur an gnìomh planaichean Gàidhlig coimhearsnachd
- Cumail taic ri ionadan Gàidhlig is tachartasan annta
- A’ dol an sàs ann an obair ann an com-pàirt eadar buidhnean a tha lìbhrigeadh seirbheisean Gàidhlig
‘S e £600,000 buidseat na sgeama airson am bliadhna-ionmhais 2025-26.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air an sgeama ri fhaighinn gu h-ìosal. Nach cuiridh sibh fios ri Bhòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot aig àm sam bith ma tha ceistean agaibh a thaobh na Sgeama no bhith cur iarrtas a-steach?
Faidhlichean cudromach
Stiùireadh do luchd-tagraidh (PDF / Duilleag làrach-lìn)
Ceistean am foirm-iarrtais (Word format) – airson a bhith cleachdadh mus tèid iarrtas a chur suas air Fluxx
Taic le bhith lìonadh am foirm iarrtais (PDF)
Ceistean cumanta (PDF)
Stiùireadh-measaidh (PDF)
Ceangal dhan phortal iarrtasan/foirm-iarrtais (air Fluxx)
Buidhnean a fhuair taic roimhe
Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal air buidhnean a fhuair taic tro chuairtean den Sgeama Oifigearan Gàidhlig roimhe, gu ruige Giblean 2025:
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.