Trèanadh: Lìbhrigeadh Seiseanan Tràth-bhliadhnaichean
Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air seisean trèanaidh a chur air dòigh gus daoine a tha a’ lìbhrigeadh seiseanan tràth-bhliadhnaichean a neartachadh agus a bhrosnachadh.
Thèid an t-seisean a lìbhrigeadh aghaidh ri aghaidh ann an Loch Abar le Donnchadh MacNèill, Rianaire Gàidhlig Earra-Ghàidheil & Bhòid. Tha eòlas farsaing aig Donnchadh air a bhith a’ cleachdadh òrain is rannan, geamaichean, sgeulachdan agus leabhraichean Gàidhlig airson na seiseanan aige a’ thoirt beò, agus tha iad làn spòrs agus fealla-dhà. Cleachdaidh Donnchadh diofar ghnìomhan gus na sgilean agaibh a’ leasachadh airson gun misnich sibhse daoine anns na seiseanan agaibh.
Thèid a lìbhrigeadh air Dimàirt, 01/12/26 ann an Eaglais Shaor na h-Alba Chill Mhàilidh, Caol, An Gearasdan agus bidh fàilte bhlàth romhaibh uile!
Ma tha ùidh agaibh san seisean seo, lorgar barrachd fiosrachaidh mun deidhinn agus faodar clàradh air a shon air Eventbrite an seo.
