For-cheum ùr gus sgilean leasachadh coimhearnsachd a leasachadh

Tha for-cheum ùr air a leasachadh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do dh’ oifigearan leasachaidh na Gàidhlig gus sgilean sònraichte ionnsachadh ann an leasachadh coimhearnsachd, ath-bheòthachadh cànain agus ath-bheòthachadh seasmhach.

Chaidh am PG Cert Seasmhachd agus Ath-bheòthachadh: Coimhearsnachdan Gàidhlig a dhealbh gus feumalachdan leasachadh proifeiseanta an fheadhainn a tha ag obrachadh gus Gàidhlig a neartachadh anns na coimhearsnachdan a choinneachadh.

Tha an cùrsa a’ gabhail a-steach modal, ‘Ag Ath-bheòthachadh Gàidhlig: Ro-innleachdan airson Neartachadh Choimhearsnachdan agus Misneachd Cànain’, air a leasachadh gu sònraichte airson a’ phrògram ùr. Ionnsaichidh oileanaich mu mar a ’s urrainn cànain a bhith air an neartachadh agus air an toirt air ais gu cleachdadh làitheil, mar a ’s urrainn taic a thoirt do choimhearsnachdan a bhith a’ gabhail stiùir agus a bhith a’ cur air adhart iomairtean seasmhach tro mheadhan na Gàidhlig. Còmhla ri modal a’ coimhead ris a’ Ghàidhlig fhèin, tha oileanaich gu bhith a’ sgrùdadh teachd a-steach a thogail do choimhearsnachdan, cleachdaidhean math ann a bhith ag obrachadh cuide ri coimhearsnachdan, agus na factaran sòisealta, cultarach agus eaconamach nas fharsainge a tha a’ toirt buaidh air cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig.

Tòisichidh a’ chiad bhuidheann de shia oifigearan leasachaidh Gàidhlig anns an t-Sultain 2026, leis a’ chiad phrògram an dùil a bhith crìochnaichte nas fhaisg air deireadh 2027. Bidh an cùrsa air-loidhne air a dhealbh airson gum faigh na h-oileanaich for-cheum a dhèanamh fhad ’s a tha iad ag obair nan dreuchdan proifeiseanta agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh a dhol air adhart gus an cùrsa MSc ann an Seasmhachd agus Ath-bheòthachadh Dùthchail a dhèanamh.

Tha am prògram a’ dearbhadh dealas Bhòrd na Gàidhlig agus UHI a thaobh leasachadh chothroman ionnsachaidh sùbailte ann an suidheachadhaidhean obrach, a fhreagras gu dìreach air sgilean a tha a dhìth ann an coimhearsnachdan agus ann an roinn na Gàidhlig san fharsaingeachd.

 

Thuirt an t-Oll. Mìcheal Mac a’ Ghobhainn, Manaidsear a’ Churraicealaim airson Saidheansan Seasmhachd, Cumhachd Ath-nuadhachail agus Gàidhlig aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall:

“Tha am for-cheum ùr seo na dheagh eisimpleir air mar as urrainn do UHI obrachadh ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus freagairt dhìreach a thoirt do sgilean sònraichte a tha a dhìth.
Ged a chaidh an cùrsa a dhealbh le oifigearan leasachaidh Gàidhlig san amharc, tha e cuideachd freagarrach do sgiobaidhean leasachaidh coimhearsnachd a tha ag obair gus cultar, fèin-aithneachadh agus leasachadh seasmhach a neartachadh tro chom-pàirteachadh cànain.
Tro ionnsachadh sùbailte air-loidhne agus stuthan air an dealbh do chom-pàirtichean san àite-obrach, tha UHI a’ toirt taic do phroifeiseantaich an t-eòlas agus na sgilean aca a leasachadh agus iad aig an aon àm a’ leantainn orra a’ cur ri an coimhearsnachdan.”

 

Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn toilichte a bhith a’ co-obrachadh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall air a’ chùrsa seo agus a bhith a’ neartachadh leasachadh proifeiseanta Oifigearan Gàidhlig. ’S e aon de na prìomh amasan den Sgeama Oifigearan Gàidhlig, agus am modh obrach thar iomadh bliadhna a tha sinn air a chur romhainn fhìn, a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig oifigearan a bhith a’ togail sgilean agus a bhith nas uidheamaichte airson an coimhearsnachdan fhèin a fhrithealadh. Tha sinn an dòchas gun còrd e ri na tha a’ dol an sàs ann agus gum bi e na dhòigh airson leasachadh san àm ri teachd.”

 

Thuirt Alison Caimbeul Clark, Oifigear Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus a tha na h-oileanach air a’ chùrsa:,

“Tha mi cho taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus UHI airson an taic agus airson a’ chothroim seo a chruthachadh dhuinn gus ar sgilean proifeiseanta agus eòlas a leasachadh. Airson an fheadhainn againn a tha ag obair còmhla ri na coimhearsnachdan againn, tha cothroman mar seo uabhasach cudromach ann a bhith a’ neartachadh na h-obrach a tha a’ tachairt mu thràth sna sgìrean agus cuideachd tha e gar cuideachadh a bhith a’ leasachadh dòighean-obrach nas èifeachdaich far a bheil sinn fhìn a’ faireachdainn nas fiosraichte.
“’S e aon de na h-amasan aig Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a bhith ag àrdachadh chothroman airson trèanadh agus leasachadh proifeiseanta tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn uabhasach taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus UHI a bhith a’ toirt taic don ghnìomh seo agus gar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh chothroman do ionnsachadh agus leasachadh taobh a-staigh ar coimhearsnachdan.”

 

Tha an cùrsa a’ sealltainn an dòigh-obrach nas fharsainge a th’ aig Bòrd na Gàidhlig taic a thoirt do chothroman leasachaidh airson Oifigearan Gàidhlig agus tha e a’ cur ri Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Tha barrachd air £1.6 millean air a thoirt seachad tron sgeama gus taic a thoirt do dh’ Oifigearan Gàidhlig air feadh Alba air bun-stèidh iomadh bliadhna eadar 2025 agus 2028. Airson UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, tha am prògram a’ sealltainn an àite a th’ aig an oilthigh ann a bhith a’ toirt seachad foghlam ruigsinneach for-cheumnach a tha ceangailte ri feumalachdan nan coimhearsnachdan, an luchd-fastaidh agus nan sgìrean air a bheil e a’ frithealadh.

 

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun chùrsa an seo.

Dreuchd Bàn: Preantas Neach-taic Gnothachais

Tha sinn a’ sireadh Preantas Neach-taic Gnothachais an-dràsta. Bidh an neach a gheibh an dreuchd a’ toirt taic gnothachais, a’ gabhail a-steach taic rianachd, conaltraidh agus pròiseict, a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig fhad is a leasaichear na bun-sgilean seo tro eòlas-obrach agus teisteanasan. Bidh an neach a thèid fastadh a’ dèanamh theisteanasan ann an Rianachd Gnothachais agus Leasachadh na Gàidhlig aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall agus cuiridh Bòrd na Gàidhlig taic ris an neach gus na teisteanasan seo a choileanadh.

 

Cùmhnant: Teirm-shuidhichte 2 bhliadhna

Uairean-obrach: 35 uairean san t-seachdain

Àite-obrach: Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais

Tuarastal: A3 – £27,164 – £30,281

Ceann-là airson tagraidhean: 5f air Diciadain, 29/07/26

Ceann-là nan agallamhan: Dimàirt, 04/08/26

 

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreuchd agus mar a thèid iarrtas a chur a-steach air a shon an seo.

Tabhartasan Trèanadh Teagaisg 2025/26

Tha an sgeama Thabhartasan Trèanaidh Teagaisg air fhosgladh do dh’iarrtasan!

Tha a’ mhaoin seo ri faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt do dhaoine a tha a’ trèanadh a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig no ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne Gàidhlig a tha a dhìth air taic-airgid a bharrachd airson an cùrsa a choileanadh.

Bidh an sgeama airson 2026/27 a’ cur prìomhachas air taic do dhaoine a tha a’ dearbhadh gu bheil taic ionmhais a dhìth orra airson an cùrsa a ghabhail; mar sin, bu chòir do dhaoine a tha air taic iarraidh roimhe beachdachadh air an stiùireadh gu cùramach mus tòisich iad air iarrtas.

Tha a’ mhaoin seo fosgailte do dh’iarrtasan airson chùrsaichean a tha a’ ruith sa bhliadhna acadaimigich 2026/27 (an Lùnastal 2026 – an t-Iuchar 2027) a-mhàin. Feumaidh iarrtasan a bhith air an cur a-steach ro 3f air Diciadian 26 Lùnastal 2026.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Taic ùr do Phlanaichean Coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air £60,000 a thoirt do Phlana Ghàidhlig Iar-Thuath Leòdhais agus Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist, gus taic a chumail ri lìbhrigeadh nam planaichean seo agus gus maoinean choimhearsnachd ùra fhosgladh a chùmas taic ri iomairtean is pròiseactan sna sgìrean.

Thèid duaisean a thoirt seachad tro na maoinean seo gus buannachdan cultarach, sòisealta, foghlaim agus eaconamach na Gàidhlig a leudachadh agus a mheudachadh. Cuiridh na h-iomairtean is pròiseactan a gheibh taic ris an amas barrachd cleachdaidh làitheil den chànan a bhrosnachadh, a’ cumail taic ri tar-chur eadar ginealaichean, agus àbhaisteachadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil nan coimhearsnachdan. Tha cuireadh ga thoirt do dhaoine agus do bhuidhnean a tha stèidhichte sna sgìrean sin iarrtasan a chur a-steach airson iomairtean agus pròiseactan a dhìonas, a neartaicheas agus a bhrosnaicheas fàs na Gàidhlig, a rèir slatan-tomhais nam maoinean.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig airson cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan le planaichean Gàidhlig gus na prìomhachasan sna sgìrean aca fhèin a thoirt air adhart. Mar a tha fios againn, bidh sin diofraichte anns gach coimhearsnachd agus tha am maoineachadh seo ann airson cuideachadh a thoirt dhaibh leis an obair chudromach seo.”

Thuirt Alison Campbell Clark, Oifigear Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais:

“Tha sinn air leth toilichte gu bheil am maoineachadh seo bho Bhòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do Phlana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais. Tro mhaoin na coimhearsnachd, bidh cothrom do dhaoine agus do bhuidhnean ionadail pàirt dhìreach a ghabhail ann a bhith a’ co-dhùnadh mar a thèid an t-airgead a chleachdadh agus mar a ghabhas a’ Ghàidhlig a neartachadh san sgìre againn.”

Thuirt Ceiteag NicDhòmhnaill, Oifigear Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist:

“Tha sgioba Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri buidhnean agus daoine air feadh Uibhist gus beachdan ùra agus pròiseactan làidir a thoirt gu buil a chuireas ri cleachdadh nàdarra na Gàidhlig bho Bheàrnaraigh gu Èirisgeigh.”

 

DEIREADH

Ceistean bho na meadhanan: fios@gaidhlig.scot

Iomairt nàiseanta ùr ‘Gach Latha’ ga chur air bhog gus cleachdadh làitheil na Gàidhlig a bhrosnachadh

 

Tha iomairt ùr ga chur air bhog an-diugh (19mh Màrt) gus daoine agus buidhnean a bhrosnachadh a bhith a’ cur romhpa Gàidhlig a chleachdadh gach latha air feadh na h-Alba. Tha an iomairt ‘Gach Latha’ ann airson sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn ann an coimhearsnachdan, air loidhne agus ann an àitichean-obrach, airson ’s gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig le misneachd.

 

Picture: A group of Gaelic officers standing together and holding a large sign that reads "#gachlatha".

 

Thathar ag iarraidh air buidhnean san roinn phrìobhaideach, phoblach agus san treas roinn pàirt a ghabhail san iomairt le bhith a’ cleachdadh fhaclan agus abairtean Gàidhlig ann an dòigh air choireigin nan cuid obrach gu làitheil.

Tha buidhnean àrd-ìomhaigh air taic a chur ris an iomairt mar-thà, le Seòmraichean Malairt na h-Alba, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE), True North Advisors agus Seòmraichean Malairt Inbhir Nis nam measg.

Tha an iomairt ùr ga stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig, buidheann nàiseanta na Gàidhlig, a bhios a’ comharrachadh ceann-bliadhna ann an 2026 is fichead bliadhna ann bhon a thòisich e.  

Faodaidh buidhnean taic a chur ris an iomairt ann an iomadh dòigh, le cuideachadh ri fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig.

Thathar cuideachd ag iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine le comasan no ùidh sa Ghàidhlig am meas a th’ aca air a’ chànan a shealltainn tro phuist air na meadhanan-sòisealta bhon latha an-diugh, a’ cleachdadh an taga hais #gachlatha.

 

 

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: 

“Tha sinn a’ cur ro dhaoine agus buidhnean air feadh na h-Alba pàirt a ghabhail san iomairt seo agus Gàidhlig a chleachdadh gach latha.

“Tha fios againn gu bheil meas agus ùidh mhòr ann an cànan is cultar na Gàidhlig air feadh na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, agus tha sinn a’ faicinn fàs brosnachail anns an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.

“Tha tachartasan sgoinneil air an cur air dòigh air feadh na dùthcha le buidhnean mar An Comunn Gàidhealach, Fèisean nan Gàidheal, Ceòlas, agus iomadach buidheann eile a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig mar phàirt de na dachannan, na sgoiltean, na sràidean agus na gnìomhachasan againn gach bliadhna. Leis an iomairt ùir seo, ‘Gach Latha’, tha sinn airson togail air an fhàs seo a h-uile latha.

“Chan fheum sibh a bhith fileanta airson pàirt a ghabhail ann idir – tha sinn airson cluinntinn bho dhaoine às gach ceàrnaidh, a’ gabhail a-steach ghnìomhachasan agus buidhnean – a tha airson sealltainn gu bheil meas mòr aca air a’ Ghàidhlig agus a tha airson a bruidhinn nas trice.

“‘S e an t-amas a th’ againn gum faic daoine na caraidean, na co-obraichean no fiù ‘s na manaidsearan aca a’ cleachdadh na Gàidhlig air na meadhanan-sòisealta no san àite-obrach, is gum bi iad fhèin an uair sin nas misneachaile pàirt a ghabhail ann cuideachd.”

 

Thuirt Charandeep Singh BEM, Ceannard Sheòmraichean Malairt na h-Alba: 

“Tha mi gu math toilichte taic a chur ris an iomairt chudromach seo bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha ag aithneachadh na Gàidhlig mar ulaidh chultarail agus buannachd eacanomaigeach airson na h-Alba a’ dol air adhart.

“Tha comas làidir aig an iomairt Gach Latha a bhith a’ toirt fàs air faicsinneachd agus cleachdadh làitheil na Gàidhlig air feadh àitichean-obrach ann an Alba.

“Tha gu leòr de na buill againn an sàs leis a’ Ghàidhlig mar-thà ann an dòighean cruthachail, agus bidh an iomairt seo a’ cur fàs fiù ’s nas luaithe buileach air a’ chom-pàirteachas seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ gabhail gnothach ris an iomairt agus a bhith a’ faicinn barrachd gnìomhachasan a’ cleachdadh a’ chànain ann an dòighean ùr-ghnàthach gus a’ phàirt a th’ aige anns an aithne chultarail againn agus ann an sgeulachd eacanomaigeach na h-Alba a chomharrachadh.”

 

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsabal agus Iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE): 

“Tha a’ Ghàidhlig uamhasach cudromach do chultar is aithne na Gàidhealtachd is nan Eilean.

“Tron a’ Phlana Ghàidhlig againn, tha OGE a’ cur roimhe a bhith a’ fàs faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil thar nan com-pàirteachasan ionnsachaidh, rannsachaidh is coimhearsnachd againn.

“Tha iomairtean mar Gach Latha nan dòigh mhath a bhith a’ brosnachadh dhaoine le comasan aig a h-uile ìre a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nas trice is le misneachd.”

 

Thuirt Eilidh Alexander, Ceannard Ballrachd Seòmar Malairt Inbhir Nis: 

“Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an iomairt “Gach Latha” aig Bòrd na Gàidhlig, an dà chuid mar dhòigh air an cànan a chomharrachadh agus mar dhòigh air ceangal ris a’ chànan a bhrosnachadh am measg coimhearsnachd a’ ghnìomhachais. Tha Gàidhlig aig mòran de na buill againn, tha i aig cuid bhon ghlùin agus tha cuid eile nan luchd-ionnsachaidh dìcheallach, agus bidh iad a’ cleachdadh na Gàidhlig mar dhòigh air seirbheis shònraichte, pearsanaichte a thoirt don luchd-dèiligidh aca, a’ dìon a’ chànain agus ar dualchais bheartaich.

“Chaidh mo thogail ann an coimhearsnachd Ghàidhealach agus cha do chuir mi an luach ceart air cleachdadh làitheil a’ chànain a bha mun cuairt orm, agus gu mì-fhortanach dhòmhsa, thàinig sin gu crìoch nuair a dh’fhàg mi an sgoil. Ach, thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh fhad ’s a bha mi ag obair aig Seòmar Malairt Inbhir Nis, tha barrachd chothroman air a bhith agam ceangal a dhèanamh ri luchd-labhairt Gàidhlig eile na bha agam anns na 15 bliadhna roimhe sin.

“Tha seo air mo mhisneachd agus mo chomas air an cànan a chleachdadh a bhrosnachadh ann an còmhradh agus ann am puist-d gu buill, ge bith dè cho meirgeach ’s a tha mi, agus tha e air mo dhealas airson a’ chànain ath-bheothachadh.

“Is dòcha gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig a’ còmhradh fad na h-ùine gun fhios aca gu bheil an sgil seo aca, agus cuidichidh iomairt “Gach Latha” daoine aig gach ìre gus a bhith moiteil às a’ chleachdadh àbhaisteach a nì iad den Ghàidhlig ann an gnìomhachas agus ann an suidheachaidhean eile. Tha mi an dòchas gun geall buill an t-Seòmair cuideachd a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig gach latha mar phàirt den iomairt bhrosnachail seo.”

 

Airson barrachd fios mun iomairt Gach Latha, tadhail air: www.gaidhlig.scot/gd/gachlatha/

Cathraiche Ùr Bhòrd na Gàidhlig

An-diugh, tha an t-Ollamh Raibeart Dunbar air tòiseachadh ann an dreuchd Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig.

Rugadh is thogadh Raibeart ann an Canada agus tha ùidh mhòr air a bhith aige ann an leasachadh na Gàidhlig agus ann an litreachas is cultar na Gàidhlig fad a bheatha. Tha e air a bhith na Ollamh Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann bhon Ògmhìos 2013 gus ‘s e sàr eòlaiche a th’ ann air lagh is poileasaidh shluaghan mion-chànain. Tha e na eòlaiche air Comhairle na h-Eòrpa a thaobh chùisean mion-chànain agus, bhon Ghearran 2023, tha e air a bhith na bhall de Chomataidh Eòlaichean na Cairte Eòrpaich son Cànain Sgìreil is Mion-chànain, cùmhnant le Comhairle na h-Eòrpa. Tha Rabairt air obair a dhèanamh còmhla ri Coimisean Venicena Comhairle Eòrpaich a thaobh lagh cànain is poileasaidh cànain cuideachd agus tha e tric air stiùireadh a thoirt do riaghaltasan, buidhnean poileasaidh cànain is NGOan mu reachdas mhion-chànain.

Choisinn Raibeart PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann mu bheatha is dàin shaoghalta Iain MhicIlleathain (1787-1848), am bàrd à Tiriodh is Alba Nuadh, a thuilleadh air LL.M bho Sgoil Eaconamais Lunnainn, LL.B bho Sgoil Lagha Thalla Osgoode, Toronto is BA bho Oilthigh Thoronto.

Chaidh an t-Ollamh Raibeart Dunbar a chur an dreuchd le Dreuchdan Poblach na h-Alba gu 1mh Faoilleach 2030.

Seiseanan Fosgailte TFC

Tha Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd fosgailte do dh’iarrtasan an-dràsta ach cò dha a tha e, dè an taic a tha ri fhaighinn, agus ciamar a thèid iarrtas a chur a-steach?

Tha Manaidsear Maoineachadh is Phròiseactan Bhòrd na Gàidhlig, Steven Kellow, air dà sheisean fosgailte a chur air dòigh gus cothrom a thoirt dhuibh ur ceistean fhaighneachd. Thèid a’ chiad seisean a lìbhirgeadh sa Ghàidhlig a-mhàin agus thèid an dàrna fear a lìbhrigeadh gu dà-chànanach.

Cinn-là na sheisenaan:

  • Seisean Gàidhlig – 10.11.25 aig 10m
  • Seisean dà-chànanach – 13.11.25 aig 2f

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan seo agus faodar clàradh air an son tro Eventbrite an seo.

Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2026-28

Tha Bòrd na Gàidhlig air ath-fhosgladh sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha taic ri fhaighinn do phròiseactan airson suas ri dà bhliadhna agus, airson a’ chiad uair, thathar cumail taic ri daoine fath leth a bharrachd air buidhnean coimhearsnachd.

Gheibhear suas ri £10,000 (£5,000 sa bhliadhna) airson taic a chumail ri phròiseactan a tha cumail taic ri:

  • Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
  • Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile
  • Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
  • Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
  • Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge

Thathar an dùil gum bi farpais ann airson na sgeama, le buidseat iomlan aig ìre £100,000 sa bhliadhna (a-rèir dearbhadh air buidseat BnG airson 2026/27).

Thèid dà sheisean fosgailte air-loidhne a lìbhrigeadh airson cothrom a thoirt dhuibh ceistean sam bith a th’ agaibh mun sgema neo mu bhith a’ cur iarrtas a-steach fhaighneachd. Lorgar barrachd fiosrachaidh mu iad seo air Eventbrite.

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Lorgar fiosrachadh mu na sgeamaichean maoineachaidh eile againn air ar làrach-lìn cuideachd.

Ceannard Foghlaim is Phlanaichean Ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Calum Rothach fhastadh mar Ceannard Foghlaim is Phlanaichean ùr Bhòrd na Gàidhlig agus gum bidh e a’ tòiseachadh na dhreuchd ùr san t-Samhain.

San dreuchd seo, bidh Calum a’ stiùireadh obair Bhòrd na Gàidhlig airson nan riatanasan reachdail a thaobh foghlaim is ionnsachaidh a choileanadh. Bidh e cuideachd a’ cumail sùil air toraidhean oifigearan nam planaichean, a bhios a’ lìbhrigeadh a rèir an stiùiridh reachdail airson planaichean Gàidhlig.
Tha sgioba Bhòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla ri Calum nuair a thòisicheas e san dreuchd an ath mhìos.

Seiseanan Trèanaidh Tràth-bhliadhnaichean

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur air dòigh chothroman trèanaidh do chomataidhean agus luchd-taic tràth-bhliadhnaichean airson 2025/2026.

Tha seiseanan Òrain is Sgeulachdan a’ ruith aghaidh ri aghaidh ann a com-phàirteachas le Kirsteen Mhoireach, Manaidsear agus Oifigear Leasachaidh nan tràth-ìrean aig Comann nam Pàrant. Anns an t-seisean seo, ionnsachaidh sibh sgilean airson diofar òrain is sgeulachdan a’ cleachdadh anns na buidhnean agaibh.

Cuideachd gheibh sibh stiùireadh air diofar ghoireasan feumail agus leabhraichean tha freagarrach airson a’ bhith ag obair le clann 0-3.

Ann a co-bhonn le Corinna Shearer, Oifigear Càileachd, Ionnsachaidh agus Leasachaidh Feachd-obrach aig Caidreachas Cùraim is Ionnsachaidh, CALA, ionnsaichidh sibh sgilean measgaichte gus comataidh a ruith, mar a nithear measadh-riosgan agus gheibhear comhairle air slàinte is sàbhailteachd.

Tha Ann Traill, Oifigear Ionmhas aig buidheann saor-thoileach Bhàideanach agus Srath Spè a’ toirt fiosrachadh seachad air riaghladh ionmhas agus deagh mhodhan-obrach airson buidhnean saor-thoileach.

Feuch gun tig sibh chun na seiseanan. Tèid cuid dhiubh a lìbhrigeadh air loidhne agus cuid eile aghaidh ri aghaidh agus tha barrachd fiosrachaidh ri lorg mun deidhinn an seo.