Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba)

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air am Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba). Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG), tha e ro-chudromach gum bi cothroman practaigeach ann gus an cànan a chleachdadh. Bheir cothrom air farsaingeachd de ghnìomhan a-muigh cothrom do chloinn agus do dhaoine òga gus an cuid sgilean Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean sòisealta le bhith a’ toirt a’ chànain a-mach às an t-seòmar-sgoile. Mar as luaithe a gheibhear na cothroman sin ’s ann as Ĭeàrr a chuidicheas iad le bhith a’ leasachadh misneachd agus sgilean cànain.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Foghlaim (Alba) – Gairm mhionaideach airson beachdan.

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air am Bile Foghlaim (Alba) – Gairm mhionaideach airson beachdan. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a bhith a’ cruthachadh Cairtean Luchd-ionnsachaidh, Luchdteagaisg is Luchd-cleachdaidh agus air an riatanas cochomhairle a chumail mar phàirt den obair ullachadh aca. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach riochdairean bho fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus guth a thoirt dhaibhsan a bhios a’ cleachdadh agus a’ lìbhrigeadh theisteanasan agus mar dhòigh air fios air ais a thoirt seachad agus fhaighinn. Bidh na Cairtean deatamach airson an dà chuid ro-innleachd agus obrachadh ann an Teisteanasan Alba, agus tha e deatamach gun toir iad sin cothromas dhaibhsan a tha an sàs ann am FtG agus gum bi iad air an taisbeanadh gu dà-chànanach. Tha prionnsapal na tairgse gnìomhaich ann an solar sheirbheisean poblach stèidhichte mar dheagh chleachdadh airson mion-chànanan.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Rannsachadh air Solar Tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3)

Tha Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air solar tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3) agus an-diugh chaidh an aithisg fhoillseachadh air ar làrach-lìn.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le an t-Oll. Wilson MacLeòid agus tha e air raon farsaing de chùisean ann a bheir buaidh air solar tràth-bhliadhnaichean ainmeachadh san aithisg. Tha an t-Oll. MacLeòid cuideachd air grunn mholaidhean airson leasachadh san roinn ainmeachadh, a’ gabhail a-steach na tha san amharc airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri solar Gàidhlig tràth-bhliadhnaichean tro Bhile nan Cànan Albannach.

Thuirt Jennifer MacHarrie, Stiùiriche Foghlam Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an rannsachadh seo a chaidh a choimiseanadh gus measadh a dhèanamh air na h-iomairtean a tha a’ dol an-dràsta san raon seo. Tha an aithisg a’ toirt a-steach mholaidhean do dh’iomadh bhuidheann a tha an sàs san roinn airson solar nas fheàrr agus nas cunbhalaiche a thoirt gu bith.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis ar com-pàirtichean gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, gu sònraichte aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Ma thèid pàiste an sàs leis a’ chànan aig ìre thràth, ’s ann nas dualtaiche a bhios iad na comasan cànain aca a leasachadh gu àrd-ìre agus ùidh fad-beatha a thogail.

Faodar an aithisg a leiughadh an seo.

Tha Sgeama nan Tabhartasan Foghlaim air Fhosgladh do dh’Iarrtasan

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte innse gun deach sgeama nan Tabhartasan Foghlaim fhosgladh do dh’iarrtasan an t-seachdain-sa.

Chaidh an sgeama seo stèidheachadh gus taic a chumail ri daoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh dreuchd fhaighinn mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na sgilean aca a leasachadh.

Tha taic ri fhaotainn airson cìsean cùrsaichean freagarrach, mur eil thu airidh air taic bho SAAS airson seo, agus tha tabhartas cosgaisean bith-beò ri fhaighinn cuideachd.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
  • Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no
  • Luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig

Dùnaidh an sgeama seo aig 3f air Dimàirt 3 Sultain 2024 agus feumaidh iarrtasan a bhith a-steach againn ron ceann-là sin.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Sgeama Tabhartasan Tràth-bhliadhnaichean air Fhosgladh do dh’Iarrtasan

Tha Bòrd na Gàidhlig air sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean fhosgladh do dh’iarrtasan airson na bliadhna 2024/25, le taic-airgid ri fhaighinn do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean air feadh na h-Alba a tha airson seiseanan Gàidhlig a’ ruith.

Tha an sgeama fosgailte do bhuidhnean saor-thoileach is treasaibh-roinn is taic suas ri £5,000 ri fhaighinn do bhuidhnean a tha coinneachadh gach seachdain, is suas ri £15,000 ri fhaighinn do bhuidhnean a tha coinneachadh nas trice.

Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri bhuidhnean a tha sealltainn mar a bhios iad a’ coileanadh na builean leanas:

  • A’ daingneachadh gu bheil cothrom seasmhach aig clann is teaghlaichean air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
  • A’ cur ris an àireamh chloinne a tha a’ cumail a’ dol le ionnsachadh tron Ghàidhlig aig ìrean eadar-ghluasaid
  • A’ cuideachadh barrachd theaghlaichean ann an Alba a bhith mothachail air na buannachdan a thig bho dhà-chànanas agus air na cothroman a gheibhear le foghlam tron Ghàidhlig
  • A’ cuideachadh phàrantan gus am bi eòlas nas fheàrr aca air goireasan agus air na cothroman a th’ ann gus taic a chumail is conaltradh a dhèanamh ri an cuid chloinne tron Ghàidhlig san taigh agus sa choimhearsnachd

Thèid dà sheisean fiosrachaidh a lìbhrigeadh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mun sgeama, taic fhaighinn le foirmean iarrtas a lìonadh, agus ceistean sam bith a th’ agaibh mun sgeama fhaighneachd air na h-oifigearan a tha ga stiùireadh gu làitheil. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan seo agus cothrom clàradh air Eventbrite.

Gheibhear stiùireadh is tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama an seo cuideachd.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Dreach Stiùireadh agus Co-dhùnadh Coitcheann airson Teisteanas Teagaisg ann am Foghlam Adhartach

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air an Dreach Stiùireadh agus Co-dhùnadh Coitcheann airson Teisteanas Teagaisg ann am Foghlam Adhartach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha raon de chùrsaichean Foghlam Adhartach, an dara cuid tro mheadhan na Gàidhlig no le susbaint co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, gan tabhann aig an àm seo le UHI agus Colaiste Cheilbhinn, mar eisimpleir. Le FtG a’ leudachadh air feadh na dùthcha agus prògraman ùra gan cruthachadh, tha e cudromach gun dèanar cinnteach gu bheil an Stiùireadh a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh gu leòr tron Ghàidhlig agus tron Bheurla airson a bhith iomchaidh thar nan cùrsaichean TQFE gu lèir.”

Tha am freagairt slàn ri leughadh an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Bile Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Niùro Eug-samhlachd. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha e ro-chudromach gum bi a h-uile moladh cocheangailte ri foghlam gu tur co-chòrdail ris a’ phrionnsapal gu bheil foghlaim ann an Alba ga lìbhrigeadh ann an dà chànan, an dàrna cuid tro mheadhan na Gàidhlig no tro mheadhan na Beurla. A thaobh feumalachdan taic a bharrachd agus feumalachdan sònraichte aig clann is daoine òga niùro eug-samhlach tha farsaingeachd de cheistean sònraichte co-cheangailte ri foghlam bogaidh agus dàchànanas air am bu chòir iomradh a thoirt airson gach moladh. Is urrainn Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile leithid Stòrlann agus Foghlam Alba taic-airgid a thoirt seachad gus taic a chumail ri in-ghabhail an dà chuid a thaobh solar tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam tro Mheadhan na Beurla (FtG).

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh cho lèirsinneach ’s a tha nàdar na Sgrìobhainn Co-chomhairleachaidh agus an aithris air td23: “tha a h-uile duine a tha a’ toirt seachad taic no seirbheisean, leithid cùram slàinte, foghlam agus cùram, … soilleir mu na dleastanasan aca fon Bhile agus mu cò dha a tha seo a’ buntainn”.”

Tha am freagairt slàn ri lorg an seo.

Seisean Trèanaidh do Luchd-phròbhaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do luchd Pròbhaidh am-bliadhna!

Thèid 4 seiseanan a lìbhrigeadh agus thèid an dàrna seisean a ruith air Diciadain, 28.02.24 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne, air Microsoft Teams. Chan fheum cunntas Teams a bhith agaibh airson an seisean a fhrithealadh.

Thèid fòcus a dhèanamh air Stòrlann agus tha sinn toilichte gum bi luchd-obrach Stòrlann ann airson bruidhinn ribh mu na diofar ghoireasan a th’ aca aig ìre bun-sgoil agus aig ìre àrd-sgoil.

Bidh fàilte bhlàth oirbh tighinn airson èisteachd is bruidhinn riutha agus ’s e deagh chothrom do luchd-phròbhaidh ceanglaichean a dhèanamh le tidsearan ùra eile far Alba.

Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh mu na cinn-latha airson an dà sheisean a tha ri thighinn fhathast, ach bidh fòcas agus cothroman ionnsachaidh eadar-dhealaichte aig gach fear. Chan fheum sibh a bhith air a’ chiad sheisean a fhrithealadh gus an seisean seo no an dà sheisean ri thighinn a fhrithealadh.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, faodar fios a chur gu Sian Baldwin, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), aig sian@gaidhlig.scot.

Faodar clàradh airson an t-seisean air Eventbrite.

Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh do Luchd-obrach Foghlaim

Tha an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim a-nis fosgailte do dh’iarrtasan airson 2024/25!

Chaidh an sgeama seo a steidheachadh gus taic a chumail ri Luchd-teagaisg & Luchd-obrach Tràth- ionnsachadh is Cùram-chloinne (TIC) a tha airson cùrsaichean bogaidh Gàidhlig a dhèanamh agus a bhith comasach teagasg sa Ghàidhlig. Tha suas ri £50,000 ri fhaighinn airson gach tidsear a tha soirbheachail tron sgeama, is buidseat na sgeama aig £150,000.

Ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean a tha a’ toirt seachad chùrsaichean-bogaidh Gàidhlig mar-thà, tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cuireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail tagraichean ainmeachadh a bhiodh deònach cùrsa-bogaidh Gàidhlig fad bliadhna a ghabhail os làimh, a bheireadh comas dhaibh gluasad gu Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig san Lùnastal 2025.

Faodaidh Ùghdarrasan Ionadail cosgaisean iarraidh air Bòrd na Gàidhlig gus pàigheadh airson luchd-solair an àite luchd- obrach a gheibh àite air cùrsa-bogaidh Gàidhlig. Mar phàirt de phròiseas an iarrtais, bidh aig Ùghdarrasan Ionadail ri dearbhadh a thoirt air càit am biodh tagraichean gam fastadh an dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa-bhogaidh san Lùnastal 2025.

Thèid seisean fiosrachaidh air loidhne a chumail air Diciadain, 07.02.24. Faodaidh tidsearan agus uchd-Obrach TIC agus luchd-obrach Ùghdarrasan Ionadail a chlàradh air Eventbrite gus barrachd ionnsachadh mun sgeama agus ceistean sam bith fhaighneachd.

Bu chòir iarrtasan taic-airgid a chur a-steach do Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas, is an sgeama a’ dùnadh air 26 Màrt 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Seiseanan Trèanaidh do Luchd-pròbhaidh!

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do Luchd-pròbhaidh am-bliadhna!

Thèid 4 seiseanan a ruith agus thèid a’ chiad fhear a ruith air Diciadain, 06.12.23 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne air Microsoft Teams.

Thèid fòcus a dhèanamh air Foghlam Alba agus tha sinn toilichte gum bi Maeve MacKinnon ann airson bruidhinn ribh mu na diofar ghoireasan aca agus an taic a tha a thabhainn do thidsearan.

Bidh fàilte bhlàth air luchd-pròbhaidh tighinn ann airson èisteachd is bruidhinn rithe agus ’s e deagh chothrom a th’ ann dhaibh ceanglaichean a dhèanamh le tidsearan ùra eile air feadh na h-Alba.

Ma tha sibh airson tighinn chun t-seisean, faodar àite a ghlèidheadh air Eventbrite. Na caill an cothrom – chan eil ach 25 tiocaidean ri fhaighinn!

Cha deach na cinn-là airson na trì seiseanan eile aontachadh fhathast, ach bidh fòcas agus cothroman ionnsachaidh eadar-dhealaichte aig gach fear:

  • Goireasan Gàidhlig Eile
  • Foghlam Bogaidh
  • Cothrom Coinneachadh ri Bhuidhnean Gàidhlig a tha a’ Cumail Taic ri Sgoiltean agus Foghlam

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, faodar fios a chur gu Sian Baldwin, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), aig sian@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security