Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile nan Cànan Albannach

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Pàrliamaid na h-Alba air Bile nan Cànan Albannach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha fòcas air neartachadh leasachadh agus co-thaobhadh poileasaidh ann an coimhearsnachdan na phrìomhachas do Bhòrd na Gàidhlig. Tha na prìomh bhuidhnean lìbhrigidh againn aig teis-meadhan na h-obrach sa choimhearsnachd, agus aig teas-meadhan lìbhrigeadh nam prìomhachasan nàiseanta a chaidh aontachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cunnradh air Barantachadh Dualchais Chultaraich Neo-stuthaich 2003

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairleachadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air Cunnradh air Barantachadh Dualchais Chultaraich Neo-stuthaich 2003. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha an Rìoghachd Aonaichte na soidhniche do chùmhnantan leithid Cairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil agus Mion-chànanan aig Comhairle na h-Eòrpa, a tha a’ cur dleastanasan air an Rìoghachd Aonaichte (agus chan ann dìreach air na rianachdan tiomnaichte) a thaobh mionchànanan tùsanach na Rìoghachd Aonaichte.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cùmhnant Seirbheisean Aiseig Chluaidh agus Innse Gall

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Chòmhdhail Alba air Cùmhnant Seirbheisean Aiseig Chluaidh agus Innse Gall. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha seirbheisean aiseig a tha ùr-nodha, seasmhach, earbsach, le comas gu leòr agus faraidhean aig prìs reusanta, fìor-chudromach gus coimhearsnachdan eileanach na Gàidhlig a chumail agus, mar sin, gus a’ Ghàidhlig a chumail agus toirt fàs air a’ chànan.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba)

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air a’ Bhile Sunnd is Leasachadh Seasmhach (Alba). Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Bidh cànan is cultar a’ cruthachadh fèin-spèis, ag àrach fèin-mhisneachd, a’ mìneachadh dearbh-aithne agus a’ leasachadh càileachd beatha. Tha e na phrionnsapal air leth cudromach do luchd-labhairt na Gàidhlig gur e còir dhaonna le bunait chànanach a th’ anns a’ chòir an cànan a chleachdadh seach dìreach còir chultarail.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Meòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairle Phàrlamaid na h-Alba air a’ Mheòrachan Ionmhais Bile nan Cànan Albannach. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Tha am Meòrachan Ionmhais a’ mìneachadh, ann am paragraf 6, “Is e Bile a tha seo gus dèanamh cinnteach gu bheil structar an sàs air feadh an riaghaltais agus Rianachd na h-Alba san fharsaingeachd gus feumalachdan choimhearsnachdan na Gàidhlig agus na Scots, agus feumalachdan na Gàidhlig is na Scots fhèin a choileanadh san àm ri teachd.”  Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ mhiann seo ach tha sinn teagmhach a bheil e comasach seo a choileanadh tron mhodail ionmhais làithreach.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Democracy Matters

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mu Democracy Matters. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Feumar feumalachdan agus cùisean na Gàidhlig aithneachadh agus feumar com-pàirteachadh agus inghabhail a bhith ann a thaobh na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil coimhearsnachdan Gàidhlig ann.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Frèam Càileachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim mu Fhrèam Càileachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Mholadh Bòrd na Gàidhlig gum bu chòir beachdachadh a bharrachd a bhith ann mu FtG [Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig] thairis air an fhrèam gus dèanamh cinnteach gu bheil nàdar dà-fhillte Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne ann an Alba air a riochdachadh mar as còir.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Na Beachdan agaibh air Feumalachdan Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh ann an Alba

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Pàrlamaid na h-Alba mu Na Beachdan agaibh air Feumalachdan Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh ann an Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha feum air luchd-taic sònraichte leithid saidhgeòlaichean Foghlaim a tha air trèanadh fhaighinn ann an cùisean co-cheangailte ri foghlam dà-chànanach agus bogaidh, agus aig a bheil Gàidhlig cuideachd.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ath-dhealbhadh Ionnsachadh, Cùram is Foghlam Cloinne ann an Sgìre Taobh Siar Chomar nan Allt

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath mu Ath-dhealbhadh Ionnsachadh, Cùram is Foghlam Cloinne ann an Sgìre Taobh Siar Chomar nan Allt. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha e soilleir gu bheil na h-àireamhan de chloinn a tha ann am bun-sgoil FtG [Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig] agus anns na Tràthbhliadhnaichean gu leòr gus bun-sgoil FtG fa leth a bhith ann le togalaichean iomchaidh agus Ceannard agus sgioba luchd-obrach a’ stiùireadh FtG ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a-steach gu ìre leasachaidh ùr.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ullachaidhean Bile an Fhoghlaim

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mu Ullachaidhean Bile an Fhoghlaim. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Feumar taic a thoirt do sgoiltean gus farsaingeachd de chothroman a thoirt seachad ann am FtG [Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig]. Cha bu chòir dhan fheadhainn a fhuair FtG ann an Suidheachaidhean Tràth-ionnsachadh agus Bunsgoile a’ Ghàidhlig a chall mar phrìomh chànan teagaisg gus cuspair eile a dhèanamh agus gus pàirt a ghabhail ann an gnàth-eòlasan eile aig an Ìre as Àirde.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.