Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ro-innleachd Meadhan Baile Ghlaschu 2024 – 2030

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle Bhaile Ghlaschu mun Ro-innleachd Meadhan Baile Ghlaschu 2024 – 2030. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Bhiodh barrachd cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig taobh a-staigh meadhan baile Ghlaschu a’ meudachadh sunnd luchd-cleachdaidh, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig – a tha glè mhoiteil às a’ Ghàidhlig agus a’ chultar aice.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Plana Ro-innleachdail airson Pàirc Thaigh an Ròid

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba mun Gheàrr-chunntas Plana Ro-innleachdail airson Pàirc Thaigh an Ròid. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

“Bidh in-ghabhail na Gàidhlig am broinn na Dreachd Geàrr-chunntas Plana Ro-innleachdail a’ nochdadh a h-inbhe mar chànan nàiseanta ann an co-theacsa Pàirc Thaigh an Ròid mar “àite de luach nàiseanta is eadar-nàiseanta’.”

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Taic Maoineachaidh airson Obair Choimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air leudachadh air an Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd ainmeachadh, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig. Ann an oidhirp gus taic a thoirt do dh’iomairtean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, bheirear maoineachadh seachad airson suas ri dà bhliadhna a-nis – a’ dùblachadh na h-ùine maoineachaidh a bh’ ann roimhe.

Is e an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd am prìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre coimhearsnachd.

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad mu £100,000 gach bliadhna agus faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson taic suas ri £10,000 airson nam pròiseactan aca. Fosglaidh uinneag tagraidh an sgeama Dimàirt, 14 Samhain agus dùinidh e san Fhaoilleach 2024.

An-uiridh, bha Bòrd na Gàidhlig moiteil taic a thoirt do 64 pròiseactan tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Nam measg bha tabhartasan de £5,000 do Chomann Coimhearsnachd nan Eilean Siar, gus ceud bliadhna bho dh’fhalbh 1,500 à Innse Gall a Chanada, à Loch Baghasdail is Steòrnabhagh, agus cuideachd Àrd-sgoil Phort Rìgh airson taic leantainneach do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Bha Sabhal Mòr Ostaig, Artsplay Highland, Lingo Flamingo ann an Glaschu, agus Alzheimer Scotland am measg nam buidhnean eile a fhuair buannachd bho mhaoineachadh tron sgeama.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha a’ bhuidheann againn dealasach a thaobh a bhith ag àrach cultar de dh’atharrachadh adhartach agus cumhachd sa choimhearsnachd againn. Tha sinn den bheachd le bhith a’ leudachadh ùine an tabhartais gu dà bhliadhna, gun urrainn dhuinn buaidh a thoirt air cruth-atharrachaidhean eadhon nas brìoghmhoire agus nas maireannach. Tha sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean coimhearsnachd dìoghrasach an cothrom seo a ghabhail agus a bhith mar phàirt den obair seo còmhla rinn.”

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios gu Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Sgìrean-sgoile ann an Comhairle na Gàidhealtachd

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle na Gàidhealtachd mu sgìrean-sgoile FtG airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Acadamaidh Rìoghail lnbhir Nis, Bun-sgoil Inbhir Pheofharain, Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Bun-Sgoil Bruach na Muilne agus Acadamaidh Inbhir Narann. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh cho iom-fhillte ’s a tha an solar anns na Buidhnean Sgoiltean Cho-cheangailte a tha air an liostadh agus a’ moladh na h-obrach a tha oifigearan air a dhèanamh gus fuasglaidhean fhaighinn airson raon farsaing de dhiofar dhùbhlain. Ge b’ e dè an co-dhùnadh a bhios ann a thaobh sgìrean-sgoile, tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh, gun tèid iomairt sanasachd a chruthachadh gus an tuig pàrantan gu furasta far a bheil an t-seirbheis FtG aca suidhichte agus mar a gheibh iad cothrom air taic còmhdhail.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Foghlam DSGP ann an sgoiltean na h-Alba

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mun dreachd stiùireadh reachdail airson lìbhrigeadh foghlam dhàimhean, slàinte gnèitheasach agus pàrantachd (DSGP) ann an sgoiltean na h-Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Chan eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig anns an dreachd stiùireadh ùraichte. Gus frithealadh air clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig feumaidh an stiùireadh agus na stòrasan co-cheangailte a bhith rim faighinn sa Ghàidhlig leis a’ bhriathrachas as ùire ann.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Dreachd Ro-innleachd Chorporra CnES

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle nan Eilean Siar Dreachd Ro-innleachd Chorporra 2024-27. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha Poileasaidh Gàidhlig, Ro-innleachd Chorporra 2022-2027 agus Plana Gàidhlig na Comhairle ag adhartachadh agus a’ toirt taic do chleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na h-eileanan an Iar. Mar a tha am Poileasaidh Gàidhlig agus Ro-innleachd Chorporra ag ràdh:

Gum bu chòir do Na h-Eileanan an Iar gu bunaiteach na choimhearsnachdan dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.

Ann an com-pàirticheas, tha a’ Chomhairle dealasach gu stèidheachadh seasmhachd dhan Ghàidhlig agus a cultar san àm ri teachd ann an Innse Gall, agus gum bi Innse Gall air an aithneachadh agus taic air a chumail riutha le buidhnean nàiseanta a thaobh buaidh air taic don Ghàidhlig, an dàimh ris a’ chànan agus gu h-eacanomaigeach.”

 

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Pàrlamaid na h-Alba Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Bu chòir don Ro-innleachd cuideachd mìneachadh mar a chuireas na gnìomhan aice ri cumail suas agus leasachadh na Gàidhlig. Chan eil an Ro-innleachd Sgioba-obrach Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Sòisealta na h-Alba a’ toirt iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig. Tha sin a dh’aindeoin gu bheil Planaichean Gàidhlig aig dà Bhòrd Slàinte – NHS nan Eilean Siar agus NHS na Gàidhealtachd.

Cuidichidh deagh sholar cùram slàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail gus luchd-labhairt na Gàidhlig a thàladh agus a chumail. Agus cuidichidh sin ri seasmhachd a’ chànain.

Tha seo ann an co-theacs far a bheil àireamhan-sluaigh a’ crìonadh mar-thà ann am mòran sgìrean iomallach agus dùthchail. Dh’fhaodadh call sluaigh ann an sgìrean far a bheil àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig àrd droch bhuaidh a thoirt air a’ chànan.

Ma nì luchd-cleachdaidh na Gàidhlig imrich gus obair fhaighinn ann an àiteachan eile, bhiodh dà bhuaidh aig seo. Sa chiad àite, bhiodh lùghdachadh san àireimh de luchdlabhairt na Gàidhlig anns an sgìre air a bheil buaidh. San dàrna àite, faodaidh teaghlaichean air a bheil buaidh gluasad gu sgìre far nach eil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran agus thar ùine, is dòcha nach bi iad a’ cleachdadh a’ chànain gu cunbhalach tuilleadh – no dh’fhaodadh iad a call gu tur.

Is e a’ bhuil lùghdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig san fharsaingeachd. Bhiodh sin a’ dol an aghaidh amas Phlana Nàiseanta na Gàidhlig “gun tèid an cànan a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine”.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mun Ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan Eilean.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha e gu math cuideachail Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith ann. Tha sinn a’ cur fàilte gu sònraichte air an aithris gu bheil “Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha na coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn do mhaireannachd is sheasmhachd na Gàidhlig ann an Alba”.

Tha e gu math feumail gu bheil iomradh ga thoirt air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh a’ mhòr-chuid de dh’Amasan Ro-innleachdail a’ Phlana an àite a bhith air a dhèiligeadh rithe mar chùis leatha fhèin. Tha seo air slighe a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig pàirt a ghabhail – agus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail – ann am buidhnean leithid Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Com-pàirteachas Eaconamach Roinneil na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus Fòram Comhairleachaidh Cunnradh nan Eilean.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba

Tha BNG air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh poblach Riaghaltas na h-Alba: Bile Còraichean a’ Chinne-daonna airson Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

’S e mion-chànan dùthchasach na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba, agus tha i air a bhith ga bruidhinn san dùthaich airson còrr air dusan linn.  Faodar a crìonadh a cheangal gu dìreach ri 400 bliadhna de reachdas a chaidh a dhealbhadh gus a chuir a-mach à comann-sòisealta na h-Alba.  Tha aithne do chòraichean mion-chànanan dùthchasach ann am Bile Còraichean a’ Chinne-daonna na h-Alba riatanach ann a bhith ag ath-stèidheachadh a’ chànain na dùthaich dhachaidh.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh a chionn ’s gu bheil sinn airson barrachd soilleireachd fhaicinn air a’ bhuaidh a bhios aig a’ Bhile a thathar a’ moladh air a’ Ghàidhlig.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ro-innleachd Turasachd Chunntasach agus Margaideachd Alba a Deas 2023

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dha cho-chomhairleachadh poblach Ro-innleachd Turasachd Chunntasach agus Margaideachd Alba a Deas 2023 le Comhairle Chrìochan na h-Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh seo a chionn ’s gu bheil sinn ag iarraidh gum bithear a’ beachdachadh air Gàidhlig a ghabhail a-steach mar stòras turasachd anns an ro-innleachd. Mar sin, tha comas aig Gàidhlig a bhith a’ cur ri dualchas agus cultar mar phrìomh fheartan-reic airson na roinne Alba a Deas.

Mar a chithear san ro-ràdh againn, tha àireamh a tha a’ fàs de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-tadhail bho thall-thairis aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. Sheall rannsachadh VisitScotland gun robh, bho 2018 gu 2021, àrdachadh de 72% anns an àireimh de luchd-cleachdaidh VisitScotland.com a thadhail air susbaint a bha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Lorgair am freagairt slàn an-seo.