Maoin Phlanaichean Gàidhlig Fosgailte do Dh’iarrtasan

Tha Maoin Phlanaichean Gàidhlig, a tha ann gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig, air fhosgladh do dh’iarrtasan.

Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tro Maoin Phlanaichean Gàidhlig gus pròiseactan a thoirt gu buil mus tèid iarraidh orra gu foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Tha sgeama am-bliadhna a’ ruith ann an dà shruth – Sruth Ro-innleachdail do phrìomh ùghdarrasan ionadail is Sruth Phròiseactan airson ùghdarrasan phoblaich/ionadail eile le Planaichean Gàidhlig.

Faodar iarrtasan airson pròiseactan a chur a-steach airson suas ri £25,000 (no suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict).

Tha an sgeama fosgailte gus 3f air Diardaoin 18 Giblean 2024 agus tha barrachd fiosrachaidh ri lorg an seo.

Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh do Luchd-obrach Foghlaim

Tha an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim a-nis fosgailte do dh’iarrtasan airson 2024/25!

Chaidh an sgeama seo a steidheachadh gus taic a chumail ri Luchd-teagaisg & Luchd-obrach Tràth- ionnsachadh is Cùram-chloinne (TIC) a tha airson cùrsaichean bogaidh Gàidhlig a dhèanamh agus a bhith comasach teagasg sa Ghàidhlig. Tha suas ri £50,000 ri fhaighinn airson gach tidsear a tha soirbheachail tron sgeama, is buidseat na sgeama aig £150,000.

Ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean a tha a’ toirt seachad chùrsaichean-bogaidh Gàidhlig mar-thà, tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cuireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail tagraichean ainmeachadh a bhiodh deònach cùrsa-bogaidh Gàidhlig fad bliadhna a ghabhail os làimh, a bheireadh comas dhaibh gluasad gu Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig san Lùnastal 2025.

Faodaidh Ùghdarrasan Ionadail cosgaisean iarraidh air Bòrd na Gàidhlig gus pàigheadh airson luchd-solair an àite luchd- obrach a gheibh àite air cùrsa-bogaidh Gàidhlig. Mar phàirt de phròiseas an iarrtais, bidh aig Ùghdarrasan Ionadail ri dearbhadh a thoirt air càit am biodh tagraichean gam fastadh an dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa-bhogaidh san Lùnastal 2025.

Thèid seisean fiosrachaidh air loidhne a chumail air Diciadain, 07.02.24. Faodaidh tidsearan agus uchd-Obrach TIC agus luchd-obrach Ùghdarrasan Ionadail a chlàradh air Eventbrite gus barrachd ionnsachadh mun sgeama agus ceistean sam bith fhaighneachd.

Bu chòir iarrtasan taic-airgid a chur a-steach do Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas, is an sgeama a’ dùnadh air 26 Màrt 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Taic mhaoineachaidh do phròiseactan a tha a’ cur ri dàimhean eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge!

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte a ràdh gun deach an sgeama Colmcille fhosgladh do dh’iarrtasan airson pròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 1 Giblean agus 31 Dùbhlachd 2024.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ anns an sgeama Colmcille agus chaidh a stèidheachadh gus conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge a bhrosnachadh.

Faodar iarrtas a chur a-steach airson suas gu £12,500 de mhaoineachadh airson pròiseact a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Tha sgeama am-bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chumail ri phròiseactan a bhios:

  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig is na Gaeilge tro na h-ealain
  • A’ cleachdadh dualchas gus coimhearsnachdan Gàidhlig/Gaeilge a thoirt còmhla agus gus inbhe nan cànanan a thogail
  • A’ toirt luchd-labhairt òga na Gàidhlig is na Gaeilge còmhla tro thachartasan no pròiseactan/turasan sgoile
  • A’ brosnachadh conaltradh agus a’ sgaoileadh eòlas agus deagh chleachdaidhean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge

Tha an sgeama seo fosgailte gus 3f air Diardaoin 20 Gearran 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu riaghailtean na sgeama agus iarrtasan an seo.

Taic Maoineachaidh airson Obair Choimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air leudachadh air an Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd ainmeachadh, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig. Ann an oidhirp gus taic a thoirt do dh’iomairtean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, bheirear maoineachadh seachad airson suas ri dà bhliadhna a-nis – a’ dùblachadh na h-ùine maoineachaidh a bh’ ann roimhe.

Is e an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd am prìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre coimhearsnachd.

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad mu £100,000 gach bliadhna agus faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson taic suas ri £10,000 airson nam pròiseactan aca. Fosglaidh uinneag tagraidh an sgeama Dimàirt, 14 Samhain agus dùinidh e san Fhaoilleach 2024.

An-uiridh, bha Bòrd na Gàidhlig moiteil taic a thoirt do 64 pròiseactan tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Nam measg bha tabhartasan de £5,000 do Chomann Coimhearsnachd nan Eilean Siar, gus ceud bliadhna bho dh’fhalbh 1,500 à Innse Gall a Chanada, à Loch Baghasdail is Steòrnabhagh, agus cuideachd Àrd-sgoil Phort Rìgh airson taic leantainneach do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Bha Sabhal Mòr Ostaig, Artsplay Highland, Lingo Flamingo ann an Glaschu, agus Alzheimer Scotland am measg nam buidhnean eile a fhuair buannachd bho mhaoineachadh tron sgeama.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha a’ bhuidheann againn dealasach a thaobh a bhith ag àrach cultar de dh’atharrachadh adhartach agus cumhachd sa choimhearsnachd againn. Tha sinn den bheachd le bhith a’ leudachadh ùine an tabhartais gu dà bhliadhna, gun urrainn dhuinn buaidh a thoirt air cruth-atharrachaidhean eadhon nas brìoghmhoire agus nas maireannach. Tha sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean coimhearsnachd dìoghrasach an cothrom seo a ghabhail agus a bhith mar phàirt den obair seo còmhla rinn.”

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios gu Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot.